Nobhailean agus sgeulachdan eile

Picture: ContributedPicture: Contributed
Picture: Contributed
“CHÙM nobhail Abby oirre a’ siubhal gu snasail, is chuir i na chuimhne, ma bha sin a dhìth air, gun robh cus a sgrìobhad­airean ‘inbheach’ an-diugh air innse sgeulachdan a chur bhuapa, is an dùil ri glòir air sgàth chleasan teicnigeach: aithris neo-earb­sach; brochan de thràthan; sruth­an smaointean gun urra.”

Leum na facail sin a-mach á Cala Bendita ’s a Bheannachd­an aig Martainn Mac an t-Saoir (Acair, £9.99) orm. Oir, le theanga ’na bhus, seo an t-ùghdar a’ toirt slat-thomhais dhuinn leis am breithnich sinn an leabhar seo fhéin. A bheil Cala Bendita ag innse sgeulachd? A bheil e an eis­imeil chleasan teicnigeach? A bheil an aithris “neo-earbsach”, se sin (tha mi ’n dùil) a bheil i do-chreidsinn? A bheil tràthan gam measgachadh? A bheil e làn shruthan smaointean gun fhios có tha gan smaoineachadh?

Sin cóig ceistean. Ma fhreagras mi gu sìmplidh iad, chanainn chan eil, tha, chan eil, tha, chan eil. Ach gu ceartas a dhèanamh do Chala Bendita, cuiridh mi feòil air na cnàmhan loma.

Hide Ad
Hide Ad

Anns a’ chiad àite, ma tha “sgeulachd” a’ ciallachadh plota le toiseach, meadhan agus crìoch, chan e sin an seòrsa leabh­air a th’ ann. Air an làimh eile, bhruidhinn Mac an t-Saoir mu “innse sgeulachdan”, agus anns an t-seagh theicnigeach, se sin a tha Cala Bendita a’ dèanamh. Oir tha e ag obrachadh mar shreath de “sgeulachdan goirid”, ceangailte gu las ann an dà dhòigh – tha cuid de na caractaran a’ nochdadh ann an còrr agus aon sgeulachd, agus tha iad uile ag obair anns a’ Chala Bhendita (ann am Mallorca) neo a’ dol ann air na làithean-saor’ aca.

Cha chanainn gu bheil plota beag am broinn gach sgeulachd, neo gu bheil plota mór a’ ceangal an leabhair ri chéile. Sgrùd mi beul agus cùl an leabhair, agus a’ bhileag Bheurla a thàinig ’na chois, gus faighinn a-mach dé bu chòir gabhail air, ’s cha robh am facal “nobhail” ri lorg: ann an Gàidhlig tha e ’na “eachdraidh” le “caibideilean” neo ’na “sgeul­achdan”, agus ann am Beurla tha e ’na “collection of short stories”.

Anns gach gin den aon “sgeulachd” deug tha Mac an t-Saoir a’ toirt dhuinn caob den bheatha aig diofar sheata charactaran, neo aig diofar theaghlaich­ean no thaigheadasan, ann an diofar dhùthchannan. Mas e nobhail tha seo, thig iad còmhla dhan Chala Bhendita sa chaibid­eil mu dheireadh. Eagal ’s gum mill mi oirbh e, chan eil mi dol a ràdh a bheil sin a’ tachairt no nach eil. Ach thuirt mi gu leór son toirt a thuigsinn oirbh ciamar a tha Cala Bendita an eis­imeil chleasan teicnigeach.

A bheil an aithris do-chreid­sinn? Chan eil idir. Se fìorachas sòisealta tha seo. Tha Mac an t-Saoir ga innse mar a thà. Sin an neart aige. Ann an aon “chaibid­eil” tha fear a’ gabhail dhan bhean aige ’s tha e uile sa Bheurla. An do mheas Màrtainn nach robh a’ Ghàidhlig comasach air déileadh ri leithid a chuspair? Neo an e dìreach gur ann am Beurla a bha na tobraichean eòlais air fad aige?

Bha dà cheist eil’ ann. A thaobh tràthan a bhith gam measgachadh, thà anns an t-seadh gu bheil sinn a’ tachairt ri daoine a tha nas òige na a’ chiad turas a thachair sinn riutha. Agus a thaobh nan “sruthan smaoint­ean gun urra”, ma tha a leithid ann cha tug mis’ an aire dhaibh.

Uile gu léir, tha Cala Bendita a’ dearbhadh gu bheil tòrr aig Màrtainn Mac an t-Saoir mu dheidh­inn daoine ’s gu bheil e math air sgrìobhadh mu’n deidhinn. Dhùr­aiginn dìreach gun cleachdadh e na bu lugha de chleasan ’s na bu mhotha de phlot. Neo de phlot­aichean . . .

Hide Ad
Hide Ad

THA “measgachadh thràthan” de sheòrs’ eile ri fhaotainn san t-saoghal seo, an dà shealladh. Tha e ann an Cala Bendita an riochd na “Frìthe”, aon de na rudan as fheàrr san leabhar. Agus tha e ri fhaotainn am pailteas san nobh­ail Bheurla The Brahan Seer le Douglas Thompson (Acair, £9.99). Tha Coinneach ’na Leódhasach a tha beò san 17mh linn. Bheir an earrann a leanas blasad den stoidhle aig Thompson. (Chan ann leinne tha an clò Eadailt­each, tha e mar siud san leabhar.) The future cannot be altered, Doctor. Not on any account.

Well then, Coinneach, the doctor nods, feeling he is making progress, – Then why make prophecies at all?

Coinneach smiles sadly, seeing that the man thinks he has trapped him. Some people will take them as warnings and will act accordingly, but that changed behaviour is already part of the future, it is incorporated.

But, but . . . the doctor stutters, you might be responsible for weakening a Royalist or Covenanting cause, as the case may be, even of endangering your nation’s borders by undermining morale.

No, because I know little of politics, and what little I learn of it, I take considerable pleasure in forgetting very quickly. Causes come and go. It is the lives of ordinary people that affect me, where the most pain resides.

But why? Isn’t politics everything? – Politics and history?

Those are just words. If you saw into the future you might come to understand that.

How so?

Hide Ad
Hide Ad

Because it is a landscape of endless hills, and it makes you long for the sea.

Tha e math nobhailiche fhaic­inn a’ toirt gaisgeach Gàidhlig beò, ga chur ’na choitheacsa ’s a’ toirt eanchainn agus banachar­aid dha. Seo an aon Choinneach Odhar a bh’ air an àrd-ùrlar an Dùn Éideann an-uiridh, ann am Prophecy, ’s tha ceanglaichean follaiseach eadar an nobhail ’s a’ chluiche-chiùil.

THA na trì leabhraichean mu dheireadh agam uile san t-sreath “Sgrìob” (Acair, £4.95 am fear, “nobhailean ùra do luchd-leugh­aidh eadar 10 is 14 bliadhn’ a dh’aois”). Chanainn gur ann as fheàrr ri gillean mu aois 10–12 a chòrdadh Dùbhlan an t-Srainn­seir le Iain MacFhionghain á Leódhas. Tha e ’na stòiridh mhath shìmplidh neoichiontach mu dheidhinn dithist bhalach, Fionnlagh agus Sìm, a chuireas teagamh anns an dol a-mach neònach aig Dol-Angaidh, uncail Fhionnlaigh – tha iad a’ smaoin­eachadh gur ann ri eucoir a tha e. Tha iad ga leantainn, ’s tha e a’ tionndadh a-mach gur e lorg-phoileas a th’ ann!

Tha an sgrìobhadh math, ged nach eil GOC a’ deanamh fàbhar­an sam bith dha, leithid: “Sgaoil gach taobh den siop o chèile mar fhear a’ deanamh gàire.” Siop? Zip!

Rud a tha inntinneach mu nobhailean Gàidhlig do dhaoine òga se na chanas iad uaireannan mun Ghàidhlig fhéin. Tha eis­impleir ann an Dùbhlan an t-Srainnseir a tha a’ leigeil fhaicinn cho spòrsail ’s a tha inntinn an ùghdair. “Thàinig pàrantan Shìm à Leicester dìreach mus do thòis­ich e fhèin ’s Fionnlagh anns an sgoil. Chaidh an cur dhan chlas Ghàidhlig agus bhiodh an dithis aca a’ faighinn an uabhas spòrs bho bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig timcheall air pàrantan Shìm (aig nach robh facal) ’s a h-uile coltas air na h-aodainn aca gun robh iad ri mì-mhodh, ged nach biodh iad ach a’ bruidhinn mu dheidhinn dè bha gu bhith aca gun teatha an oidhche ud.”

THA A’ Chlach-Ghealaich le Elaine NicFhearghais tur eadar-dhealaichte. Chanainn gur ann ri caileagan aois 12–14 bu mhotha a chòrdadh e. Tha e ’na stòiridh bhrèagha mu ghabhail ri deal­achadh ’s ri atharrachadh, mu charaidean a dhèanamh ’s a chum­ail – agus mu mhathanas, cuideachd, oir cha b’ urrainn do mhàthar Mòraig tuilleadh a ghabhail, sann a dh’fhàg i an t-eilean far an robh i fhéin ’s an duin’ aice a’ ruith cafaidh còmhla, ’s a thill i a Ghlaschu. Chan eil nighean aois 12 fon ghréin a thuig­eas ’s a mhathas gnìomh cho oillteil – a bheil?

Hide Ad
Hide Ad

Cha tug mi ’n aire do bhrath sam bith mun Ghàidhlig ach thug do rudan eile: fealla-dhà, mar eisimpleir. “Dè tha san àbh­ainn, Dad?”

“Àireamh a Sia.”

“Macaroni! Ium.”

Dé eile ach “Àireamh a Sia” a shùilicheadh tu bho athair a tha a’ ruith cafaidh?

Thug mi ’n aire cuideachd (chan ann son a’ chiad uair!) mar tha saoghal nan nobhailean Gàidhlig ag atharrachadh, no air atharrachadh. Chan eil dad ann mu dheoch ach tha ’n t-uabhas ann mu bhiadh (bèicearachd, gu sònraichte). Chan eil dad ann mu chreideamh, chan eil sgeul air ministear no èildear, ach tha earbsa air a cur ann an saobh-chràbhadh – clach-ghealaich shianta an tiotail).

Rud eile a dh’atharraich se a’ Ghàidhlig. Mur eil mi eòlach air ùghdar, tha rudeigin ’nam cheann a bhios a’ feuchainn ri obrachadh a-mach co ás a tha e no i. Seo duine a sgrìobhas “sìon” seach “càil”, “dha Mòrag” seach “do Mhòraig”, “mi fhèin” seach “mi fhìn”. Có an dualchainnt tha sin chan fhiosrach mì. Tha Gàidhlig mheasgaichte den t-seòrsa sin a’ fàs glé chumanta. A bheil ainm againn dhi? Super-Ghàidhlig? Supraghàidhlig?

CHAN EIL teagamh sam bith ge-tà co ás a tha Chrisella Ros, ùghdar Cuach a’ Charthann­ais. Tha an sgrìobhadh aice cho Leódhasach ’s gun do chuir iad beag-fhaclair aig an deireadh a’ mìneachadh cuid de na facail – “bùrn” = “uisge”, “amhran” = “òran”, “cionnas” = “ciamar” ’s an leithid. Bha còir aca “faic” = “chì” a chur ann cuideachd, mar ann a “faic sinn an robh thu ceart” agus “faic mi a bheil comhairle aice dhomh”.

Tha e mu dheidhinn nighean sgoile a chaill a màthair bho aillse. Ged a tha an sgrìobhadh math, feumaidh mi aideachadh gun d’fhuair mi am plota car doirbh a leantainn.