

Thug e beagan ùine dha na meadhanan ro làimh nuair a shònraich e na puingean as motha a dh’iarradh e daoine a thuigsinn, agus a mhìnich e ciamar a ruigear na h-amasan sin.
Se bunait na h-argamaid gu bheil gach taobh ag aithneachadh gun gabh a dhèanamh, gum biodh an dùthaich comasach air beatha fa leth. Tha Alba aig ìre àrd (14) a réir tomhais beairteis an OECD – air thoiseach air an Fhraing, Iapan agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte. Mar sin bhiodh gach cothrom ann gum faigheadh Alba iasad den airgead seilbh a bhiodh a dhìth an toiseach air son dèanadachd agus gnìomhachas a bhrosnachadh. Thuirt Mgr Swinney gun toireadh neo-eisimeileachd dhuinn “smachd air ar cuid saoibhreis agus stòras fhèin agus gun cleachdamaid cumhachdan ùra son cosnadh agus cothroman a chruthachadh, a bharrachd air a bhith a’ dèiligeadh ri bochdainn am measg a’ mhòrshluaigh”.
Advertisement
Hide AdGe-tà, chaidh fhaighneachd dha, mur eil an RA comasach air déiligeadh ri bochdainn ciamar a b’ urrainn do dhùthaich bheag mar Alba an gnothach a dhèanamh gus na daoine as miosa dheth a thoirt a-steach air beatha àbhaisteach na dùthcha? Ma tha Alba beartach, tha móran nach eil ga fhaicinn no ga fhaireachdainn fhathast. Fhreagair Mgr Swinney le bhith bruidhinn air “cearcall beusach” sam biodh airgead air a chur gu deagh chleachd ann an cruthachadh chothroman a bheireadh obair do dhaoine, a phàigheadh cìsean a chruthaicheadh obair eile ’s mar sin air adhart, gus am biodh beartas ga sgaoileadh fada ’s farsaing. Bhiodh am pròiseas ro chudromach son fhàgail gu tur an làmhan prìobhaideach. Tha na companaidhean móra fo uallach sgeama Energy Company Obligation (ECO) an-dràsta a thaobh gléidheadh lùths, ach dh’fhaodadh sin atharrachadh. “Leigeadh neo-eisimeileachd linn a dhol an sàs am bochdainn connaidh, a’ ceadachadh dhuinn uallach air son ECO agus Cobhair Dachannan Seasgair a thoirt bho na companaidhean connaidh ’s a chur an làmhan Riaghaltas na h-Alba, a’ dèiligeadh ri na cosgaisean sin bho stòras nàiseanta ’s a’ cumail sruth an airgid ri leasachaidhean èifeachdais connaidh.”
Bhiodh taic shònraichte ann don fheadhainn a th’ air a bhith greis a-mach á obair. Thuirt e gu bheil deagh dòighean obrach gan leasachadh le ùghdarrasan ionadail agus an “treas roinn”, na buidhnean saor-thoileach, ann a bhith a’ cuideachadh daoine a dh’ionnsaigh obair. Ge-tà, tha sgeamaichean riaghaltais na RA, leithid a’ Work Programme, “a’ dol an aghaidh nan dòighean smuaineachaidh ’s nan dòighean dèiligidh a dh’fhaodadh a bhith soirbheachail ann a bhith faighinn daoine air ais a dh’obair”.
Chaidh a’ choinneamh phoblach gu math, bha e coltach. Bha mu 40 an làthair, àireamh a chòrd ris an luchd eagrachaidh,a bh’ air son a cumail a dh’aona ghnothach dlùth-chàirdeil, le àitean suidhe ann do 50 aig a’ char as àirde. Mar sin bha ùine gu leòr ann air son ceasnachadh.Chòrd sin ris an luchd éisteachd, a thàinig a bhith nas coltaiche ri compàirtichean, mar gum bitheadh. Thog Denny Fraser, 70, ceist a’ pheinnsein. “Tha mi air son neo-eisimeileachd ann am prionnsabal, ach mar iomadach duin’ eile tha mi air son a bhithcinnteach gum faigh sinn ar peinnsean. ’S cinnteach gum faigh ’s tha mi toilichte a chluinntinn.”
Thuirt Tracy Wood, 43, “Thàinig sinn a dh’fhuireach dhan sgìre an-uiridh. Cha robh mise idir air son neo-eisimeileachd ach feumaidh mi aideachadh nach eil mi faireachdainn buileach cho iomagaineach mu deidhinn, a-nis gun cuala mi Mgr Swinney.”
Bidh Angela Constance, Rùnaire a’ Chaibineit air son Trèanadh, Òigridh agus Cosnadh nam Ban, a’ tadhal air Comar nan Allt Di-Ciadain 25 Ògmhios.