Gaelic: Sgoil nan cuileanan

Nuair bha mi òg bha cù againn, collie, a bha anabarrach glic, gleus­da.

Nuair thigeadh crodh a’ bhaile thall thairis air na crìoch­an cha robh againn ach a ràdh, “Fan a-mach Fly, null iad!” Rachadh i sìos agus sgiùrsadh i air ais iad. An sin air do na caor­aich againne a dhol suas cliathach na Beinne Mòire cha robh againn ach a ràdh, “Fan a-mach Fly, nuas iad,” agus bheireadh i nuas iad, gu socair, gu baile. Gu mì-fhort­anach leum i seachad air feansa uèir stobach, gheàrr i a sliasaid gu dona ’s bhàsaich i le cion na fala. Cha robh i ach sia bliadhna.

An-dràsta tha sreath phròg­raman mu thrèanadh coin air crìoch­nachadh air BBC Alba ach is ann mu pheataichean a bha a’ faotainn ionnsachadh mu chleas­an neònach, mar choiseachd tro thunailean agus gheataichean, a tha iad. B’ fheàrr leam sgoil far am biodh coin ag obair le crodh agus caoraich. Ach gun teagamh bha ’m prògram feumail le bhith sealltainn mar a bu chòir coin a bhith air an trèanadh. Bha iad a’ faotainn ionnsachadh a bhith umhail agus gabhail ri òrdain. Feumaidh an cù tighinn air ais gu sàil a’ mhaighistir agus suidhe air a chasan deiridh nuair a thèid iarraidh air. Aon rud tha cinnt­each, feumaidh an cù a bhith ag obair gu cunbhalach, ’s tha sin gu h-àraidh fìor mu choin chaorach.

Hide Ad

Bha an sgoil air a cumail anns an Eilean Dubh. Bha coin ann, beag agus mòr, bho abhag an Eilein gu cù cumhachdach Labrador. Bu mhath a chluinntinn gun robh ainmean Gàidhlig air feadhainn de na coin – Brìghde, Brèagha, Cailleach, Gille-Dubh.

Feumar coimhead as dèidh cù, oir mar a chanas an seanfhacal, ”Ge b’e nach beathaich na coin, cha bhi iad aige latha na seilge.”