Urras Steòrnabhaigh: fàs agus buannachd

Tha aon chaob mòr de na h-Eileanan Siar air a bhith fo shealbh na coimhearsnachd air son cha mhòr 90 bliadhna, fada fada mus robh guth air fearann coimhearsnachd mar as aithne dhuinn an-diugh e. Se sin an oighreachd a tha fo stiùir Urras Steòrnabhaigh, 70,000 acair de dh’fhearann a thug am Morair Leverhulme seachad an-asgaidh do mhuinntir Leòdhais ann an 1923.

Ach cha robh cùisean mar a tha iad an-diugh an uair sin, nuair thigeadh e gu taic-airgid is eile, mar mhìnich Iain MacÌomhair, factar na h-oighreachd: “An uair a thug Leverhulme seachad am fearann, ’s ged a bha an talamh ann, bha an t-uabhas uallaichean air an Urras, ’s a thaobh sin chaidh tòrr de na tacan a bh’ aca timcheall Steòrnabhaigh a reic, cha robh an t-airgead ann a chumadh an àird iad.

“Cuideachd, cha robh an t-airgead aca a chumadh na taighean an àird, agus bha iad gan toirt seachad gu math saor, fèar mar a bha a’ Chomhairle fhèin anns na làitheachan sin, ma bha thu a’ fuireachd ann an taigh rè ùine, bha thu a’ faighinn pìos mòr far na prìse air son nan taighean a cheannach. Tha an talamh sin a-nis gu math prìseil.”

Hide Ad
Hide Ad

Is iomadh oidhirp a rinn an t-Urras thar nam bliadhnaichean a chum maith an t-sluaigh, eadar a bhith cumail daoine air an fhearann, a’ brosnachadh ghnìomhachasan, a’ cuideachadh gus taighean a thogail, agus a’ reic talamh air son goireasan mar ospadalan, sgoiltean ’s gu leòr eile. Agus mar as trice cha bhiodh an t-Urras ag iarraidh ach prìs gu math saor air son an talamh, fada fo phrìs na margaidh.

Sann fo stiùir 10 urrasairean a tha an t-Urras a tha air an taghadh le muinntir Leòdhais a tha fuireach air an oighreachd. Tha ionnan ri 20 obair làn-thìde san eilean an-diugh an lùib obair an Urrais. Tha 40 baile croitearachd air an oighreachd, agus tha leth de mhuinntir nan Eilean Siar a’ fuireach air fearann an Urrais.

Dè an obair anns a bheil an t-Urras an sàs an-diugh? Thuirt Iain: “Tha muileann sàbhaidh againn agus bidh sinn a’ creic fiodh, is àirneis air son gàrraidhean ’s rudan dhan t-seòrsa sin. Tha sinn a’ cur a-staigh air son pròiseactan a bheir dhuinn grantaichean, Coille na Mìle Bliadhna, fhuair sinn £1.5m, Creed Park bha sin ’na phròiseact luach £2m. Tha sinn a’ coimhead ri trac air son mountain bikes, bidh measgachadh den luchd obrach againn fhìn agus cunnradairean ag obair air a-sin, cosgaidh e cairteal mhillean.”

Tha aon chothrom mòr air fàire dhan Urras agus dha na daoine a tha fuireach air an oighreachd, sin na tuathan-gaoithe a tha san amhairc, gu sònraichte am fear mòr, Tuath Gaoithe Steòrnabhaigh. Mar a mhìnich Iain MacÌomhair, ma thèid e air adhart, bidh màl £1,650,000 ann gach bliadhna air a roinn eadar an Urras, croitearan ’s a’ choimhearsnachd. Agus tha cothrom gu bhith aig a’ choimhearsnachd 20 ás a’ cheud dhen tuath ghaoithe a cheannach cuideachd, a bheireadh pàirt den phrothaid dhaibh a thuilleadh air a’ mhàl. Iain a-rithist: “A thaobh nan tuathan gaoithe, tha sinn a’ faicinn a’ chothrom a bhios againn obraichean a chruthachadh, òigridh a chumail, croitearachd a bhrosnachadh. Ged a tha grantaichean ann dhaibh, ’s dòcha gur iad na croitearan as duilghe dheth an-diugh. Tha sinn an dòchas gun gabh pàirt den airgead a thig a-steach mar mhàl a chleachdadh son a bhith brosnachadh obair fearainn. Tòrr de na sgilean, tha sinn an cunnart an call, chan e a-mhàin a thaobh dè mar a chumas tu stoc ’s a dh’obraicheas tu fearann, ach rudan ann an sùilean chuid a dhaoine nach eil cho cudromach, ach a chanainn-sa a tha prìseil, mar eachdraidh, ainmean nan àiteachan agus nan aibhnichean, a h-uile sruth agus allt air a’ mhòinteach. Tha cumail is àrach stoc ’na phàirt mòr dhen àrainneachd, ’s ma dh’fhalbhas sin chì daoine an call a thig ’na chois.”

Gu h-eucoltach ri ciad làithean an Urrais, tha taic ann a-nis: tabhartasan air son turasachd, croitearachd, an àrainneachd ’s gu leòr eile. Agus le teachd a-steach bho na tuathan gaoithe, ’s dòcha gum bi cothrom cho math ’s a bh’ aca riamh aig an Urras ’s a’ choimhearsnachd ri daoine òga a chumail ’s a thàladh don eilean. Thuirt Iain: “Tha sinn a’ faicinn measgachadh de dh’obraichean a thig bhon airgead sin agus nì sin feum. Sna bliadhnaichean a chaidh seachad bha an Clò Hearach a’ dol, bha iasgachd a’ dol, bha Gàrradh Àirneis ann, ach se aon seòrsa obraichean a bh’ ann, cha robh measgachadh ann ’s dòcha a bhiodh daoine ag iarraidh an-diugh.

“Ach a-nis tha obraichean gu bhith ann co-cheangailte ris an tuath gaoithe ’s an t-airgead a bheir e steach. Tha sinn a’ bruidhinn air stòrasan mòra de dh’airgead, feumaidh daoine a bhith ann air son nan stòrasan sin a stiùireadh, feumaidh daoine a bhith ann gus sùil a chumail air an àrainneachd, mar sin bidh obraichean ann gu tur eadar-dhealaichte o bhith ag obair ann am muileann-stàilinn.

“Agus le daoine a’ tilleadh dhan eilean, bidh a h-uile càil ag èirigh ’s ag èirigh, a’ fàs ’s a’ fàs. Agus cuideachd se an t-airgead againn fhìn a bhios ann, chan e airgead a fhuair sinn bho bhuidheann eile no an Lotaraidh.”

Fàs is buannachd an àite call is crìonadh. An t-amas aig a h-uile coimhearsnachd sna h-Eileanan.