Thin Lizzy beò agus Celtic Connections a’ tòiseachadh, uil’ air an aon là

NUAIR a chaochail Phil Lynott – seinneadair, cluicheadair beus agus bàrd Thin Lizzy – bho chionn 26 bliadhna, cha shaoileadh duine sam bith gum biodh a chòmhlan air ais an 2012 agus iad a’ lìonadh tallachan a cheart cho mòr ’s a bha iad riamh.

NUAIR a chaochail Phil Lynott – seinneadair, cluicheadair beus agus bàrd Thin Lizzy – bho chionn 26 bliadhna, cha shaoileadh duine sam bith gum biodh a chòmhlan air ais an 2012 agus iad a’ lìonadh tallachan a cheart cho mòr ’s a bha iad riamh.

Thòisich Lynott agus Brian Downey (drumaichean) an còmhlan ann am Baile Átha Cliath ann an 1970 le stoidhle de roc blues saidhceadailaigeach Èireannach, ach thàinig cruth-atharrachadh orra le dòigh-chluich na bu chruaidhe – trom ach ceòlmhor binn – nuair a ghabh dà chluicheadair giotàir ùr anns a’ chòmhlan ann an 1974.

Hide Ad
Hide Ad

Chruthaich Scott Gorham à California agus Brian Robertson à Glaschu stoidhle giotàir gu tur ùr agus iad a’ cluich fuinn an co-sheirm ri chèile. Gu tric bha blas Èireannach air an obair giotàir, agus thug seo buaidh fhollaiseach air còmhlain a thàinig às an dèidh, leithid Iron Maiden.

Bha iomadh hit aig Lizzy sna 70an agus sna 80an, ach ’s ann mar chòmhlan beò as motha bha iad cliùiteach, agus ann an 1978 dh’fhoillsich iad an LP a tha ga mheas mar an clàr beò as fheàrr riamh: Live and Dangerous. Anns na Barrowlands Diar-Daoin bha na seann ghaisgich Downey, Gorham agus Darren Wharton (air meur-chlàr) ann, agus còmhla riutha bha Èireannach eile, Ricky Warwick aig an Almighty à Contae an Dúin (seinn), Marco Mendoza (beus), agus Damon Johnson (giotàr).

A’ tòiseachadh le Are you Ready (agus is sinn a bha) chluich na Liosaich uair gu leth de roc cruaidh ceòlmhor a’ gabhail a-staigh nan òran as ainmeil uile: Jailbreak, Don’t Believe a Word, Killer on the Loose (gu math iomchaidh ann an “dachaigh” Bible John), Whiskey in the Jar, Waiting for an Alibi, Cowboy Song agus The Boys are Back in Town.

Tha òrain Lynott cho math is gu bheil e furasta dìochuimhneachadh cho sgileil ealanta sa tha an luchd-ciùil. Fad na h-oidhche chluich Gorham agus Johnson giotàr binn grinn brèagha còmhla ri chèile – agus uaireannan an aghaidh a chèile mar a chunnacas ann an Emerald. Agus coma leibh Keith Moon no John Bonham, se Downey an drumadair as fheàrr san t-saoghal! Lìon Warwick brògan Lynott gu math agus bha spiorad “an Rocair” an làthair gun teagamh.

Thàinig an oidhche gu crìch le Black Rose – eachdraidh na h-Èireann air fad ann an sia mionaidean – le giotàr do-chreidsinneach a chur crith air cnàmh-droma gach duine.

Tha cuid den bheachd nach e Thin Lizzy a tha seo gun Phil, ach ma tha cuideigin a’ dol a chumail cèol is bàrdachd Lynott beò, cò as fheàrr ach a chàirdean? Tha na balaich air ais sa bhaile a-rithist.

• Thòisich Fèis Celtic Connections Diar-Daoin, agus anns a’ chola-deug a tha romhainn bidh iomadh cuirm inntinneach ann a bheir togail dhan luchd-èisteachd aig àm dorcha, mì-chàilear dhen bhliadhna. Nach math gu bheil an fhèis seo ann!

Hide Ad
Hide Ad

Seo blasad bheag de na bhios a’ tachairt. A-nochd aig 7.30 ann an Cathair-Eaglais Easbaigeach na Ban-Naomh Màiri, cluinnear an Aifreann Ghàidhlig a sgrìobh Blàr Dùghlas. Se seo a’ chiad chothrom aig muinntir Ghlaschu an ceòl seo a chluinntinn. Ann an Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd aig ochd uairean a-nochd, cuideachd, cluinnear dithis aig a bheil sàr eòlas air òrain o bheul-aithris agus air ceòl na pìoba – Ailean Dòmhnallach agus Griogair Labhraidh. Tha e mì-fhortanach gu bheil an dà chuirm seo air an aon oidhche.

Cluinnear “Cruinn” air an 22ra là aig Eaglais an Naoimh Anndra anns a’ Cheàrnaig. Se còmhlan ùr a th’ annta ach tha iad uile air cliù a chosnadh a’ seinn sa Ghàidhlig – Seumas Greumach, Fiona NicCoinnich, Brian Ó hEadhra agus Raonaid Walker.

Ann an Club na h-Ealain aig ochd uairean air Di-Ciadain an 25mh cluinnear “Gaelic Song Circle” le Gillebrìde MacIlleMhaoil, Alasdair MacIlleBhàin agus Noraidh MacÌomhair. Bidh Noraidh air a chumail gu math trang aig an Fhèis, oir cluinnear e cuideachd anns a’ chòmhlan Mànran ann an “Òran Mòr” air Di-Dòmhnaich an 29mh. Se oidhche air leth beòthail a bhios a-sin.

Air 4mh Gearran bidh muinntir Cheòlais á Uibhist a-Deas a’ cur cuirm mhòr air chois ann an Talla Shrath Chluaidh de GRCH. Tha coltas gur e sàr dheagh oidhche a bhios ann oir bidh iomadh neach a bha teagasg aig an Fhèis seo tro na bliadhnaichean a’ gabhail pàirt – seinneadairean, pìobairean agus dannsairean ’nam measg. Chithear am prògram aig Celtic Connections gu slàn aig www.celticconnections.com.

Bidh mòran a bhios inntinneach do na Gaidhil aig an Centre for Contemporary Arts (CCA) air Sràid Shauchiehall tron an fhèis. Am measg nan òraidean inntinneach a bhios ri’n cluinntinn bidh tè air Tobar an Dualchais air an 23as (5pm) agus air a’ 25mh (5pm), agus bidh Anna Mhàrtainn a’ bruidhinn air òrain á Tròndairnis anns an Eilean Sgitheanach. Cluinnear Linda NicLeòid air òrain á Uibhist a-Tuath air an 27mh (5pm), agus Màiri NicAonghais air Ceòlas air Di-Sathairne 4mh Gearran aig 2pm. Chithear cuideachd grunn de dh’fhilmichean air leth inntinneach.

A bharrachd air a-sin uile bidh ceòl, dannsa agus cothrom còmhraidh aig an CCA air feadh na Fèise. Chìthear am prògram slàn aca aig www.glasgowlife.org.uk/gaelic-arts/Gaelic Hub

Iseabail t NicdhÒmhnaill ceÒl Ùr