Tha a freumhan anns na h-eileanan, ach buinidh a blàth ris an t-saoghal

Ràinig Ruaraidh MacThómais, prìomh bhàrd Gàidhlig an dara leth den 20mh ceud, aois 90 an-uiridh, agus thug Comhairle nan Leabhraichean agus Leabharlann Bàrdachd na h-Alba a-mach leabhar beag grinn Mar Chomharra – Ruaraidh MacThòmais aig 90 (£5).

Tha plana an leabhair tarraingeach, agus dh’obraich e gu math. Chaidh iarraidh air deich sgrìobhadairean dàn a rinn Ruaraidh a thaghadh. Tha gach fear air a thoirt seachad an Gàidhlig ’s am Beurla, còmhla ri beagan fhaclan mìneachaidh on duine a thagh e.

Tha na freagairtean ris an innleachd seo ’nan iongnadh, ’nam fosgladh shùilean ’s ’nan ath-ùrachadh air luach bàrdachd MhicThómais, oir tha iad glé eadar-dhealaichte. Rinn mi gàire dhà na thrì tursan a’ leughadh roghainnean agus freagairtean aig an robh tuilleadh ri dhèanamh ri beatha agus obair agus beachdan an sgrìobhadair na ri bàrdachd MhicThómais, a tha cho mór ’s cho ioma-taobhach ’s gu bheil i a’ toirt leatha clann nan daoine gu léir.

Hide Ad
Hide Ad

Oir tha bàrdachd mhath coltach ri uinneag bhùtha. Faodaidh tu coimhead troimhpe gus faicinn na tha ri reic anns a’ bhùth, neo a cleachdadh mar sgàthan gus coimhead ort fhéin – a bheil an tàidh agad dìreach agus t’ fhalt ’na àite.

Saoilidh mi gur e Pàdraig MacAoidh, am bàrd òg Gàidhlig as fheàrr a th’ againn an-diugh (’na Leódhasach e fhéin) as fhaisg’ a tha tighinn air cridhe bàrdachd MhicThómais. Thagh e ‘An Dàrna Eilean’ anns a bheil Ruaraidh a’ faicinn “loch anns an eilean / is eilean anns an loch” agus an uair a ruigeas e an dàrna eilean “tha chraobh chaorainn a’ crìonadh, / fàileadh na h-iadhshlait a’ faileachdainn oirnn a-nis.” Tha MacAoidh ag ràdh: “Bhiodh e cho furasta a leithid de dh’ìomhaigh a mhilleadh le truimead no cus sgèimheachaidh; ach tha MacThòmais cho sgileil … is nach eil sin a’ tachairt. Agus tha an dàn cho an-iochdmhor, gar fàgail leis an dearbh rud a tha air chall: fàileadh na h-iadhshlait.”

Aotromachd làimhe; dearg sgil; an-iochdmhorachd inntinn. Sin bàrdachd Ruaraidh MhicThómais ann an sia facail. Tha mi a’ cur mo dheagh dhùrachdan thuige, ’s mo thaing cuideachd, oir tha Iain MacDhòmhnaill a’ cur a chorraig san ro-ràdh aige air “an teagasg prìseil a thug e do ghinealaich thar nam bliadhnaichean, an t-eòlas a thug e dhaibh is an t-eud a dh’fhad e annta, is sin ri fhaicinn fhathast”.

Thug e, anns gach ciall dhen fhacal, gairm dhuinn.

B’E 2011 cuideachd “Bliadhna Cultar Eileanan na h-Alba” agus se These Islands, We Sing: An Anthology of Scottish Islands Poetry, deasaichte le Kevin MacNeil (Birlinn, còmhdach cruaidh, £14.99), aon de na rudan a thàinig aiste.

Tha “eileanan” a’ gabhail a-staigh Arcaibh agus Shealtainn. Mar sin, tha ceithir cànanan san leabhar, Gàidhlig, Beurla Shasainn, Beurla Alba agus Sealtainnis, le eadar-theangachadh Beurla air a’ Ghàidhlig ’s an t-Sealtainnis.

Dé an seòrsa bàrdachd a thagh MacNèill? Seo am mìneachadh aigesan. “I decided to begin with what one might loosely call ‘modern’ poetry. I opted for work which added vitality to the various island literary traditions, arguably at the risk of omitting some perfectly nice poems which nonetheless offered nothing sufficiently fresh and vibrant to merit inclusion. I decided to avoid publishing work by poets who made fleeting visits to the islands, no matter how well known those writers were.”

Ceart. Bàrdachd a rinneadh sa cheud bliadhna seo chaidh le daoine a rugadh neo a thogadh sna h-eileanan no a chaidh a dh’fhuireach ann. Ach tha aon char eile san sgeul. A bheil aig a’ bhàrdachd ri bhith mu dheidhinn nan eileanan? Chan eil MacNèill ag ràdh. A réir na seacaid tha These Islands ’na “groundbreaking and heartfelt celebration of poetry and place”, agus aig toiseach an leabhair tha dàin le Edwin Muir mu Arcaibh agus le Hugh MacDiarmid mu Uibhist agus mu Shealtainn.

Hide Ad
Hide Ad

Ach chan eil cùisean cho sìmplidh sin. A’ chiad dhàn le Somhairle MacGill-Eain san leabhar se ‘An Roghainn’ nach eil ag innse dad mu eilean sam bith – tha e nas motha na sin! Tha rudeigin supailte a’ dol air adhart, ’s tha sin ri mholadh, ach tha cunnartan ann cuideachd. Mun ruig sinn Iain Mac a’ Ghobhainn bu chòir dhuinn a thuigsinn nach eil esan ann ach a chionns gur ann an Leódhas a thogadh e. Mar sin tha mi an dòchas gun tuig leughadairean nuair a sgrìobhas e “Nothing will happen surely in this village / except adultery, sickness, harmless lies” gur ann air Taigh an Uillt a bhios e mach agus nach ann air Pabail.

Tha 60 bàrd air an riochdachadh san leabhar, 19 bàird Ghàidhlig ’nam measg. Tha a’ mhórchuid de na 19 beò ’s ag obair fhathast. Mar sin, faodar gabhail ri These Islands mar fhreagairt MhicNèill ri grunnan cheistean. Bho seo a-mach, tha mi a’ cur faclan ’na bheul!

De na bàird nach beò, có, seach an fheadhainn as ainmeile, bu mhotha a chuir ri dualchas Gàidhlig nan eilean? “Tormod MacLeòid (Conter) agus an t-Urr. Iain MacLeòid.”

De na bàird ainmeil, dé na h-annasan a th’ agad dhuinn? “An toiseach, cuimhnich nach eil Hay san leabhar idir, cha robh e ’na eileanach. Cha do thagh mi càil ás an àbhaist bho MacGill-Eain no MacAmhlaigh ach is dòcha ‘Am Bàta Dubh’. Tha ‘Hallaig’ ann. Bho Mac a’ Ghobhainn thagh mi obair Bheurla gu léir ach a-mhàin ‘Tha Thu air Aigeann m’ Inntinn’. A thaobh MhicThómais, is fheàrr leam na dàin thràth – chan eil càil ann a rinn e as déidh 1977.”

Tha tòrr annasan an-siud gun teagamh. Dé mu bhàird stéidhte an latha an-diugh? “Dh’fheuch mi cruaidh ri bhith cothromach. Tha cóig dàin ann le Aonghas Dubh, cóig le Aonghas Phàdraig, ceithir le Maoilios, trì le Rody, trì le Anna Frater ’s a dhà le Meg. Ás na trì NicGumaraidean, tha aonan ann le Catrìona, aonan le Mórag ’s a dhà le Màiri.”

Tha ulaidhean ’nam measg gun teagamh, leithid “Ged a tha thu glaiste gu h-ìseal / is clach-chinn dhut Sgùrr Alasdair” sa mharbhrann aig Meg do Shomhairle. Ach dé mu na bàird as òige?

“Tha Siùsaidh NicNèill ann, ach ann am Beurla a-mhàin. Chuir mi dhà na thrì dhàin an duin’ ann le Iain S Mac a’ Phearsain, Babs NicGriogair agus Pàdraig MacAoidh.”

Deagh roghainn. Cleas nan obraichean as fheàrr ann a These Islands, We Sing, ged a tha am freumhan sna h-eileanan, buinidh am blàth ris an t-saoghal.