Tha deagh chù chaorach luach nam mìltean

Nuair a bha mi ’nam òganach ann an Clachan Shannda bha cù againn a bha anabarrach math an lùib bheathaichean. Bha Fly èasgaidh, tuigseach agus luath, ’s ghabhadh i comhairle. Bheireadh i caoraich a-nuas bho mullach na Beinne Mòire, rud nach robh furasta. Nuair a thigeadh crodh an ath bhaile a-nall air a’ chrìch cha robh againn ach a ràdh, “Fan a-mach, Fly!” Rachadh i sìos chun a’ chladaich leatha fhèin agus sgiùrsadh i air ais iad.

Chaill sinn i le droch ghearradh, ’s gun i ach ceithir bliadhna, nuair leum i thairis air feansa air an robh snàithlean de uèir bhiorach. Aig prìsean an là an-diugh is cinnteach gum biodh i luach nam mìltean nota. Aig fèill reic bho chionn ghoirid aig Skipton ann an Siorrachd York chaidh cù-chaorach a reic air £6,000. Se airgead mòr tha sin ach tha e coltach nach eil coin a fhuair deagh ionnsachadh furasta an lorg.

B’ àbhaist cìobair a bhith air gach tuathanachas. Bhiodh trì no ceithir de choin agus cuileanan aige, ’s bhiodh e a-mach leotha gach là. Reiceadh e cù an dràsta ’s a-rithist ’s bheireadh sin a-staigh beagan a bharrachd de thuarastal. Chan eil mòran de chìobairean air fhàgail, agus am beagan a tha ann tha iad ro thrang air son coin ionnsachadh. A-nis tha na quad-bikes aig uairean a’ gabhail àite nan con, ged nach eil iad gu feum ann am beanntan casa neo ann an garbhlaichean.

Hide Ad
Hide Ad

Tha coin anns a’ chumantas tùrail agus gleusta. Ma gheibh iad òrdan an aon rud a dheanamh tric gu leòr cumaidh iad cuimhne air. A’ chiad rud a dh’fheumas iad ionnsachadh se suidhe sìos agus fuireach gu socair gus an iarrar orra gluasad. Air son an trèanadh feumar ùine agus foidhidinn – is fheàrr moladh na cus de chàineadh, agus is còir spèis a bhith eadar cù agus maighistir.

Tha K C MacFhionghain á Beàrnasdal ainmeil mar Fear nan Con. Bithear ga fhaicinn air One Man and His Dog air TBh. B’ àbhaist dha a bhith a’ cur air adhart taisbeanaidhean air son luchd turais far an robh e a’ sealltainn mar a bha coin-chaorach ag obair. Tha e ag ràdh, “Sann le fìdeag mo bheòil a bhios mi gan stiùireadh agus bidh mi cleachdadh sia fuaimean eadar-dhealaichte. Feumaidh duine a bhith ag obair leis na coin gu cunbhalach agus le foidhidinn.”

tormod e dÒmhnallach