Tha am Mòd Nàiseanta a’ tòiseachadh an-diugh

Bidh fìdhlearan ’s cluicheadairean bogsa agus meurchlàir trang an-diugh ann an Steòrnabhagh. Bidh 19 dhen òigridh a’ cluichd na maileòidein, ’s iad cha mhòr uile á Leòdhas. Nach math gu bheil an ceòl seo fhathast cho fallain am measg òigridh an eilein.

Tha a’ phìobaireachd uile ann an Lìonacleit, le àireamh àrd a’ cluichd an fheadain. Bidh deichnear a’ gabhail pàirt anns gach tè de na prìomh fharpaisean pìobaireachd do dh’inbhich, ’s tha coltas ann gum bi iad seo inntinneach.

Bidh farpaisean na cloinne Di-Luain ’s Di-Màirt air leth trang le òigridh ás gach ceàrnaidh de dh’Alba agus nas fhaide air falbh. Tha na h-àireamhan den fheadhainn òga a bhios a’ seinn san t-seann nòs gu math àrd. San fharpais do nigheanan fo aois 13, mar eisimpleir, thathar an dùil ri 44. Tha na figearan do na farpaisean beul-aithris fìor fhallain. Chithear o na figearan do na farpaisean còmhraidh, gu h-àraid, na tha foghlam tron Ghàidhlig a’ dèanamh gus a’ chànan a chumail beò.

Hide Ad
Hide Ad

Chan eil na h-àireamhan de na bhios a’ seinn san t-seann nòs cho fallain am measg nan inbheach ge-tà. Cha bhi ach naoi boireannaich agus aon fhear deug sa phrìomh fharpais. Ach bha ceathrar de na boireannaich sa chuairt chrìochnachaidh ann an 2009 no 2010, agus mar sin se farpais inntinneach a bhios ann.

Ann am Bonn Òir a’ Chomuinn Ghaidhealaich bidh 13 boireannaich. ’Nam measg tha Mischa Nic a’ Phearsain á Leòdhas, a rinn fìor mhath am farpaisean na h-òigridh roimhe, ’s a bhios a’ feuchainn air a’ Bhonn Òir son a’ chiad uair. Se Calum MacLeòid á Dùn Èideann a bh’ anns an dara àite ann am farpais nam fear an-uiridh, agus dh’fhaodadh e dhol ceum na b’ àirde an turas seo.

Tha farpais ùr ann am-bliadhna do sheinneadairean a choisinn Bonn Òir a’ Chomuinn cheana. Bha de mhisneach aig còignear pàirt a ghabhail. Chan eil farmad agam idir ris na britheamhan.

Chan eil na h-àireamhan de na h-inbhich anns a’ bheul-aithris ach truagh. Chan e suidheachadh ùr a th’ ann. Saoil car son a bhios iad a’ seachnadh nam farpaisean seo? Tha gu leòr o na còisirean, mar eisimpleir, a dh’fhaodadh pàirt a ghabhail. An-athbhliadhna, smaoinichibh air – agus cuimhnichibh gu bheil cothrom aig na fileantaich bonn òir a chosnadh anns na farpaisean seo.

Bidh na còisirean shuas an Steòrnabhagh am pàilteas Diar-Daoin agus Di-Haoine, agus bidh iomadh neach ag èisteachd gu dlùth feuch an glèidh Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu Sgiath MhicShimidh ’s Thulaich Bhàrdainn a fhuair iad an-uiridh. Bithidh an fharpais seo math dha-rìribh.

ISEABAIL NicDHÒMHNAILL