Stoidhle Samba '“ bho Easter Road gu Rio

'Bha mi uabhasach fortanach gun robh an cothrom agam coinneachadh ri Lawrie Reilly, ri Eddie Turnbull agus ri Willie Ormond ach gu mì-fhortanach chaidh mo thilgeil a-mach à na taighean-seinnse aca gu lèir! Bidh daoine a' bruidhinn air an '˜hat-trick' de chasan briste a bh'aig Willie Ormond '“ uill, se an treas-tarraing agamsa gun deach mo thilgeil a-mach à trì de na taighean-seinnse a bh'aig a' Chòignear Chliùiteach'¦' Sin a' chuimhne a tha aig Irvine Welsh, ùghdar ainmeil '˜Trainspotting' agus neach-leantainn dìleas Hibernian FC, air a' cheangal riaslach a bh'aige na òige le laoich mhòra an sgioba ball-coise aige - am '˜Famous Five'.
Òg agus tàlantach: (shuas) Smith, Johnstone, Reilly, Turnbull, Ormond; (shìos) Gillean òga Hibs a ghabh pàirt san fhilmeadhÒg agus tàlantach: (shuas) Smith, Johnstone, Reilly, Turnbull, Ormond; (shìos) Gillean òga Hibs a ghabh pàirt san fhilmeadh
Òg agus tàlantach: (shuas) Smith, Johnstone, Reilly, Turnbull, Ormond; (shìos) Gillean òga Hibs a ghabh pàirt san fhilmeadh

Sann ann an Chicago, Ameireagaidh, far a bheil an dachaigh a-nis aige, a bha Irvine Welsh as t-fhoghar an uiridh agus e a’ bruidhinn leis a’ chraoladair is sgrìobhaiche spòrs, Ailig O’Henley, agus iad a’ clàradh prògram telebhisein air a stiùireadh le Margot NicCuaig airson BBC ALBA.

B’e seo an aon sgioba ‘s a rinn ‘Jock Stein’, am prògram a ghlèidh duais Comann Telebhisein Rìoghail na h-Alba mar am Prògram-aithriseach Spòrs a b’fheàrr ann an 2015.

Hide Ad
Hide Ad

Agus ged nach fhaca Irvine a-riamh iad a’ cluichd còmhla bha òige, mar ‘smior a’ Hibee’, làn de sgeulachdan iongantach mun Chòignear Chliùiteach aig Hibernian FC a chuir ball-coise na h-Alba fon casan sna bliadhnaichean as dèidh an dara cogaidh.

Choisinn an loidhne-aghaidh iomraiteach Smith, Johnstone, Reilly, Turnbull agus Ormond cliù cha b’ann a-mhàin aig Hibs agus ann an Alba, ach air feadh an t-saoghail, cho fad air falbh ri Brasil gu dearbh sna 1950an.

Tha an sgeulachd thogarrach aca bho freumhan bochda gu bhith air bilean an t-sluaigh mar na cluicheadairean a b’fheàrr dhen ghinealach, air leth tarraingeach a thuilleadh air a bhith cudromach a thaobh eachdraidh agus cultar na h-Alba.

A’ cleachdadh agallamhan bhon tasglann, ath-chruthachadh dràma agus dealbhan sònraichte a dh’òrdaich an club fhèin sna 1940an gus an sgeulachd innse, tha am ‘Famous Five’ a’ cur an cèill an deichead iongantach a bh’aig Hibs as dèidh an dara cogaidh, a’ taisbeanadh an loidhne-aghaidh iomraiteach a bh’aig a’ chlub san linn as soirbheachaile nan eachdraidh.

A’ nochdadh sa phrògram-aithriseach seo tha buill teaghlaich, co-chluicheadairean, craoladairean agus eachdraiche Hibernian FC. Tha cuimhne aig nighean Willie Ormond, Christina Robertson, air na stòiridhean a bh’aig a h-athair mu na làithean sgoile aige. “Bha an tidsear an còmhnaidh ag ràdha ris – Ormond, sann na casan agad a tha an eanchainn agad! Sin an aon rud a chòrd ris, bhith a-muigh fad an latha le ball-coise còmhla ris na caraidean aige.”

B’ann à sgìre mèinnearachd a bha Eddie Turnbull agus tha an nighean aige, Valerie Low, den bheachd gun robh buaidh aig sin air Turnbull. “Sann bhon choimhearsnachd mèinnearachd a fhuair e an cumadh-inntinn aige. Bha agad ri obair chruaidh a dhèanamh sna mèinnean agus cha robh an t-eagal ort bhith ag obair gu cruaidh. Se an obair chruaidh a rinn fear dhìot.

“Bha ‘cameraderie’ sna bailtean mèinnearachd a bha cudromach dha agus saoilidh mi gum faca e an aon chaidreachas sna sgiobaidhean ball-coise.”

Hide Ad
Hide Ad

Tha làithean a’ Famous Five seachad a-nis bho chionn fhada agus se glè bheag de luchd-leantainn ball-coise na h-Alba an latha an diugh a chunnaic an còignear a’ cluichd còmhla.

Gu dearbh, se an 29 Faoilleach 1955 an latha mu dheireadh a chluich Smith, Johnstone, Reilly, Turnbull agus Ormond còmhla san aon sgioba. Ach tha Irvine Welsh den bheachd gun do dh’fhàg iad dìleab mhaireannach aig Hibernian FC, spiorad as urrainn ath-bheòthachadh a dhèanamh air fhathast. “Bha buaidh an sgioba sin sna bliadhnaichean as dèidh a’ chogaidh air fèin-aithneachadh a’ chlub agus air ìomhaigh a’ chlub ris an t-saoghal a-muigh. A bhith a’ lorg chluicheadairean òga math, a bhith gan toirt air aghaidh, a bhith gam brosnachadh agus a bhith ag amas air soirbheas fhaighinn leotha – sin am modail airson club mar Hibs.

“Agus stoidhle ùr, tarraingeach, togarrach a tha mar phàirt de DNA a’ chlub.”

Agus, gun teagamh, tha a’ chuimhne a tha aig luchd-leantainn Hibs air a’ Famous Five air chùlaibh an dòchais a th’aca an còmhnaidh gun till na làithean òrdha gu Easter Road agus gun soillsich a’ ghrian a-rithist air Lìte.

lSe purpleTV a rinn riochdachadh air “An Cóignear Cliùiteach – The Famous Five” agus thèid am prògram a-mach Didòmhnaich 24 Faoilleach aig 9f le ath-chraoladh Dihaoine 29 Faoilleach aig 10f air BBC ALBA.

A special documentary commemorating the “Famous Five’, the renowned Hibs forward-line of the post-war years, will air on BBC ALBA on Sunday 24 January at 9pm, repeated on Friday 29 January at 10pm.

Related topics: