Sgeulachdan math a thogas ceistean - agus gloineachan

GED as e "Sgeulachdan Goirid aig Ìre Àrd-Sgoile" am fo-thiotal aig Eadar Dà Sgeul (Stòrlann, £8.99), seo cruinneachadh de 28 sgeulachd a chòrdas ri duine sam bith. Tha iad a' sìneadh bho sgeulachdan tradiseanta tro chlasaigean an genre (Iain Mac a' Ghobhainn, Iain Moireach) gu cuid de dh'ùghdaran òga an là an-diugh.

Tha ro-rdh luachmhor ann le Dmhnall Iain MacLeid (ghdar 'Gaelic Prose', deasaiche Dorcha tro Ghlainne), a tha cho elach ri duine fon ghrin air eachdraidh an sgrobhaidh Ghidhlig. Tha e toirt sgrob tro na ceithir sersachan de sgeulachd-ghoirid a th' againn. An toiseach sgeulachdan beul-aithris "air an innse ann an cainnt aosta, eireachdail: 's e sin bu mhotha a bha a' cunntais na plota no caractar". An uair sin sersa "a bhuineas dhan bheul-aithris ach a tha nas giorra is nas smplidhe... Tha am plota a' cunntais is feumaidh na caractaran ar n-aire a ghlacadh."

An treas sersa se sgeulachdan "aig a bheil mar phromh amas buaidh a thoirt air an leughadair - eagal no truas no iongnadh, mar eisimpleir - no dreach gire... 's i an sgeulachd fhin a tha a' cunntais". Agus anns an t-sersa mu dheireadh "chan eil am plota a' cunntais uimhir ... tha an cuideam air a' bhuaidh a tha aig an tachartas air na caractaran".

Hide Ad
Hide Ad

Tha e coltach gun deach cuid de na sgeulachdan a thaghadh a chionns gu bheil iad a' soillseachadh na h-eachdraidh sin: 'Briseadh na Cloiche' mar eisimpleir. Ach mar a tha MacLeid ag rdh, "Gl thric togaidh leughadairean diofar rudan s an aon sgeulachd - is faodaidh iad uile bhith ceart."

Thug mi fhn an aire gu bheil Eadar D Sgeul 'na shersa de dh'irce far a bheil na cuspairean a' tighinn 'nan dithistean. Tha d sgeulachd ann mu chafs ('Seras', 'Cafaidh Ranji'), a dh mun d shealladh ('Na Solais', 'Tormod Bochd'), a dh mu dhaoine a' toirt car cailleachan, neo a' feuchainn ris ('An Coigreach', 'Am Meanglan Gorm'), agus a dh mu leasachadh pearsanta, ndar an fhoghlaim, agus tunnagan ('Aon Fheasgar' agus 'Seras' a-rithist)!

Chanainn nach bi 'Uair no Uaireigin' air a mheas iomchaidh do dh'igridh tuilleadh an ceann 10 bliadhna oir tha e sealltainn slpraich deoch-lidir 'na rud ndarra - mar nach eil 'Tladh na Mara'. Paidhir eile.

A dh'innse na frinn dh'fhaodadh duine cumail air gu brth a' lorg cheanglaichean torrach a dh'fhiathaicheadh coimeas, oir tha an sgeulachd ghoirid mu dheidhinn a h-uile toinneamh de shaoghal chlann nan daoine, cuid dhiubh air leth cudromach do dh'igridh, leithid deanamh cho-dhnaidhean ('Ecstasy', 'An Taghadh'), aonranachd ('An Duine Dubh'), coimhearsnachdan dinte ('Tormod').Tha faireachdainn agam cuideachd gu bheil Strlann air rm a dheanamh do sgeulachd no dh gun adhbhar snraichte ach gu bheil iad a' crdadh riutha ('Am Partaidh Purpaidh'). Deagh adhbhar.

A rir coltais bha e 'na phoileasaidh aig Strlann rm a dheanamh do "Ghidhlig mhath luchd-ionnsachaidh" (Dibhidh Mrtainn, Mrag Mhrtainn, Kevin MacNeil, Mona Striewe) gus an fheadhainn ga a bhrosnachadh. Dhin sin a-mach maighstir an fhicsean-saidheans, Cailean MacCoinnich, 's an sgrobhadair sgeulachdan-goirid as fherr a tha an ss san genre an-diugh, Fionnlagh MacLeid (gun luaidh air feadhainn eile, leithid MhicThmais no nam brithrean Caimbeulach).

Tha seo a' togail cheistean. Nach eil ficsean-saidheans fasanta tuilleadh? A bheil MacLeid air a mheas "doirbh"? Agus d tha dol air adhart a thaobh dualchainnt? Oir thug mi 'n aire gun deach gach "bucas" aig Mac a' Ghobhainn 'na "bhogsa", 's tha nota nenach air an imprint page ag rdh gu bheil "Strlann air dualchainnt nan ghdaran a ghleidheadh cho fada 's a tha sin iomchaidh".

A Mhaighstir Strlann (ga brith co th), ann an sgrobhadh cruthachail, tha dualchainnt an-cmhnaidh iomchaidh.

Hide Ad
Hide Ad

RUD eile a-nis. Tha luchd-deanaimh, luchd-reic 's luchd-ceannaich nam braichean singilte buileach an urra ri ainm. Mar as trice se ainm-ite Gidhlig a th' ann. Tha cli, eachdraidh, coimhearsnachd, dthchas agus dualchas a' ceangal an stuth ris an ite. An aon rud a tha dhth, mar as trice, se faireachdainn gu bheil ciall aig an ainm. Mar sin, cha b'e ruith ach leum dhomh nuair a chaidh iarraidh orm rudeigin a rdh an-seo mu Glenglassaugh: A Distillery Reborn le Ian Buxton (Neil Wilson, 19.99).

Tha Glassaugh (no Glass-Haugh, no Glasach) eadar Portsoy agus Cullen ann an Siorrachd Bhainbh. Biomaid soilleir mu aon rud: mar cho tric a tha for mu ainmean uisgeachan beatha, an uair a bha Gidhlig aig muinntir an ite cha chanadh iad gleann ris, oir ged a tha allt a' tighinn s a' mhintich agus a' cumail uisge forghlan ris an taigh-staile, chan eil ann ach gleannan beag tana, agus co-dhi chan e Glassaugh an t-allt ach an oighreachd. Se an t-allt am Fordyce Burn.

Rud comeirsealta a bh' ann. San 19mh linn bha gach spiorad a' farpais ri rgh nan uisgeachan, Glenlivet. Dh'fheumadh a h-uile taigh-staile r ainm den aon t-sersa nan robh e dol a dheanamh airgid. Mar sin, faodaidh sinn Gleann a' Ghlasaich a rdh ri Glenglassaugh cho fad 's gun tuigear gur e "Stuth a' Ghlasaich" as ciall dha.

Sa chiad leth den leabhar tha Buxton ag innse eachdraidh an taigh-staile. Chaidh a thogail ann an 1875 ri taobh comharra-tre ris an canar an cupa 's an sabhsair: seann mhuileann-gaoithe gun siil.Chaidh mo shil a ghlacadh le ainm an uachdarain a thog e, Seumas Eabarcrombaidh, oir bha mi elach airsan mar thruaghan de sheanalair a bu choireach ri bs nan ceudan de shaighdearan Gaidhealach ann an 1758 nuair a thilg e am Freiceadan Dubh gun taice chanan an aghaidh Ticonderoga, an gearastan Frangach a b' fherr don ann an Ameireaga.

Abair Don Quixote. Chan iongnadh ged thog e muileann-gaoithe cho mr 's a bh' ann an Alba.

Rinn stailean a' Ghlasaich uisge beatha bho 1875 gu 1907 's bho 1960 gu 1986. B'e am manaidsear o 1902 gu 1907 fear Eideard MacMhathain. Mar bhall de chomann abstinence na h-eaglais aige, na Clirich Aonaichte, mhionnaich e deoch lidir a sheachnadh, agus tha Buxton ag rdh: "One can only speculate on how spirit quality in the distillery was maintained but perhaps his conscience permitted discreet tasting for professional purposes, provided he did not enjoy himself."

Ann an 2006 bha an t-ite a' tuiteam s a-chile nuair thachair n iongantach. Chuir Buidheann Scaent, companaidh eadar-niseanta connaidh a tha clraichte san laind, roimpe taigh-staile a cheannach an ainm tasgaidh agus dibheirseachaidh. Cheannaich iad Gleann a' Ghlasaich 's na bh' air fhgail den stuth, thaom iad airgead ann, thadhail fear le camara iomadh uair, chaidh fhosgladh a-rithist ann an 2008 leis a' bhall-phrlamaid ionadail, fear Ailig Salmond, 's tha an spiorad r air a' mhargadh mar-th, ged nach fhaodar "uisge beatha" a rdh ris fhathast 's e cho g.

Sgeul math. Dealbhan math. Agus, tha mi 'n dchas, stuth math.