‘Puirt mar a bu chòir an gabhail’

Is iomadh neach a chuireas fàilte air Fonn, CD a nochd o chionn ghoirid o theaghlach de sheinneadairean air leth iomraiteach ann an saoghal na Gàidhlig – Caimbeulaich a’ Ghnìoba san Eilean Sgitheanach. Tha seachdnar dhiubh air Buinn Òir a ghleidheil aig a’ Mhòd, a bharrachd air cliù a chosnadh air sgàth an cuid obrach ann an iomadh raon co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig – craobh-sgaoileadh, sgrìobhadh, dràma, teagasg agus seinn chòisirean ’nam measg. Cluinnear còignear dhiubh air Fonn – Ceana, na h-igheanan aice Màiri Anna agus Wilma, a bràthair Seumas, agus Magaidh Dhòmhnallach, nighean a peathar.

Se Jerry Boys a bha ’na riochdaire air an CD. Choisinn esan iomadh duais ’na dhreuchd air sgàth obrach còmhla ri seinneadairean agus luchd-ciùil ainmeil air feadh an t-saoghail, Buena Vista Social Club ’nam measg.

Bidh seinn nan Caimbeulach a’ sealltainn cho beartach ’s a bha coimhearsnachdan beaga na Gaidhealtachd le ceòl agus òrain. Chluinnte seann òrain eachdraidheil le bàird ainmeil, ach taobh ri taobh riutha bhiodh òrain eirmseach le bàird bhaile, a bhiodh a’ toirt iomradh air tachartasan de dh’iomadh seòrsa san sgìre aca fhèin. Chluinnte cuideachd òrain co-cheangailte ri iomadh seòrsa obrach, agus puirt airson dannsa. Bhiodh cuid dhe na puirt èibhinn agus cuid eile sgaiteach, ach bhiodh iad daonnan air an cur ri chèile ann an dòigh gu math innleachdach, le ceangal làidir ri ceòl na pìoba gu sònraichte. Tha na Caimbeulaich air ùidh mhòr a ghabhail annta, agus tha iad fìor mhath air an gabhail. Mar sin, chan eil e ’na iongnadh gu bheil còig seataichean de phuirt ri’n cluinntinn air Fonn. Seo puirt mar bu chòir dhaibh a bhith air an gabhail.

Hide Ad
Hide Ad

Tha an ceòl-taic air Fonn a’ cur ris na h-òrain gu mòr. A bharrachd air Màiri Anna, a tha a’ cluichd na clàrsaich ’s a’ phiàna, cluinnear am fìdhlear ainmeil Alasdair Friseal, an cluichdeadair cello Natalie Haas, Lorne MacDhùghaill (fìdeag ìseal, pìob), Seumas Lindsay (beus-fhidheall) agus Fionnlagh Wells (gitàr).

Tha Fonn a’ tòiseachadh le Wilma a’ seinn Ceud Soraidh, Ceud Slàinte mar a dh’ionnsaich i e o chlàradh ann an Sgoil Eòlais na h-Alba dhen t-seinn aig Seonag (Chaimbeul) NicLeòid dà ghinealach air ais anns an teaghlach. Tha an t-seinn socair, sèimh, le sreathan fada air an seinn gun strì. Cluinnear na guthan aig na Caimbeulaich ann an co-sheirm grunn thursan air Fonn, agus tha an tuigse eadar na seinneadairean fìor fhollaiseach, gu h-àraid anns an t-sèist aig Cha Tig Mòr mo Bhean Dhachaigh agus cuideachd ann an Fhir a’ Chinn Duibh agus Sìos dhan an Abhainn.

Gheibhear cothrom an teaghlach a chluinntinn a-nochd san Eastgate Theatre, Peebles, agus ann an Inbhir Nis (Empire Theatre, Eden Court) air an 26mh den mhìos seo. Air an 27mh bidh iad ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, agus air an 28mh ann an Ionad Ealain Phàislig. An dèidh sin bidh iad ann am Beannchar, Slèite agus Steòrnabhagh. Ann an ùine gun a bhith fada gheibhear cuideachd an leabhar aca, Fonn – Caimbeulaich a’ Ghnìoba: Music and a Sense of Place in a Gaelic Family Song Tradition, a bhios Acair a’ foillseachadh. Se bliadhna air leth trang agus soirbheachail a th’ air a bhith aig an teaghlach, gu dearbh.

Tha an còmhlan Breabach cuideachd air a bhith gu math trang o chionn ghoirid. Tha iad air cuid dhen luchd-ciùil atharrachadh o nochd an CD mu dheireadh aca – a’ cluichd ann an-dràsta tha Megan NicEanraig, Seumas Lindsay, Calum MacCruimein, Seumas Donnchadh MacCoinnich agus Eòghainn Robasdan.

Tha am fuaim san CD ùr aca, Bann, fhathast stèidhichte gu làidir air ceòl na pìoba ’s air fìdhleireachd. Chan eil teagamh ann nach eil a’ chluichd fìor sgileil tro Bhann, ’s tha am pailteas ann de phuirt ùra. Cluinnear mar eisimpleir deagh shreath de phuirt bheòthail a’ tòiseachadh le Dr Who and the Harris Tweed Jacket le Seumas Donnchadh MacCoinnich. Aig amannan, ge-tà, tha uimhir a’ tachairt anns a’ cheòl aig an aon àm gu bheil tuaineal a’ tighinn ’nad cheann a’ feuchainn ri cumail ris.

Uaireannan, tha cleasan ann cuideachd nach eil idir a’ cur ris a’ cheòl. Tha Gig Face, mar eisimpleir, a’ crìochnachadh le earrainn anns a bheil mìr goirid de cheòl le lididhean gun chiall, air a dhèanamh uair is uair. Tha seo a’ maireachdainn fad mionaid ’s trì cairteal, agus tha e nas buailtiche dragh a chur air an neach èisteachd na tlachd a thoirt dha.

Tha an t-seinn air Bann ceòlmhor ach tha na h-òrain Bheurla a’ faireachdainn nas treasa na tha an fheadhainn Ghàidhlig. Ged a tha ceòl gu math beòthail agus gu leòr de dheagh chluichd ri chluinntinn air, anns san fharsaingeachd seo CD le freumhan ann an saoghal na Beurla.