O CHIONN 80 BLIADHNA: bhon ‘Weekly Scotsman’, 5 Màrt 1932

Tha e follaiseach on cholbh seo nach robh an deur bu lugha de ghràin-chinnidh ann am fuil an ùghdair, nì a bha neo-chumanta ri linn! Anns na làithean sin bha eadar-theangachadh Beurla air a thoirt seachad, agus tha siud a’ cur solas feumail air a’ pharagraf mu na h-Innseanaich Ruadha, a tha air a thionndadh mar seo: “The Red Indians are still a living force, although it has often been prophesied that they would succumb to the hardness of their lot, not through unneighbourliness on the part of new settlers, but through an adverse atmosphere engendered by the white man’s civilisation.”

Leugh mi ùirsgeul o cheann ghoirid anns an robh an t-ùghdar a’ deanamh am mach, troimh aon de a luchd-deasbuid, gu’m bheil a’ Ghàidhealtachd air thì dol an tainead a thaobh sluaigh agus ri ùine gu’m bi i glan fhalamh, cho fad ’s a tha a seann chinneach air a ghabhail a staigh. Faodaidh so a bhi ceart no cearr, ach is ann ainneamh a théid sluagh á bith gu buileach, eadhoin ged a dh’fhaodas cùisean a bhi ’g oibreachadh glé fhada ’nan aghaidh.

Tha na h-Innseanaich Ruadha fhathasd air mhaireann ged is minig a chaidh a ràdh gu’n robh iad air an sàruchadh thar am fulaing, chan b’ann idir le’n coimhearsnaich ùra ach le grùdaireachd na mìn-oilein – nan cleachdaidhean neo-chumta a thàinig do’n ionnsuidh le gaoth an duine ghil.

Hide Ad
Hide Ad

Air a cheart dòigh, na Zulu-aich: cha deachaidh iadsan am mugha ged a shearg iad ás glé mhór. Is ann a tha iad an tràsda a’ gabhail seilbh ás ùr do dhùthaich an athraichean an tomhas beag no pailt, agus tha an àireamh a’ dol gu riochdail am meud.

Thigeadh do na Gàidheil, ma-tà, misneach mhath a ghabhail, oir, ged a bha iad gann aig an census mu dheireadh tha móran de’n bharail gu’m bi iad gu math na’s lìonmhoire mu’n tig àm an ath census. Tha sonas is soirbheachadh leo an ceartair agus bidh iad leo gu ceann iomadh latha.