O chionn 80 bliadhna: bhon 'Weekly Scotsman', 4 Dàmhair 1930 1930

THA an t-Ollamh (Niall] Ros, an Lagan, airidh air a' mheas a chuireadh air le e bhi air a thaghadh mar cheann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich. Is iomadh latha o'n thog e bratach na Gàidhlig gu h-àrd ri crann, agus, o'n uair sin, cha do ghéill e òirleach ann a bhi 'ga cumail gu dòigheil f'a chomhair a' phobuill.

Is Sgitheanach e le gintinn ach buinidh e do thir-mr a thaobh a shinnsrachd. Chan eil boinne fala ann nach eil glan agus chan eil smaoin 'na chridhe nach eil inich agus tuigseach. Is Gidheal e gu barraibh a mheur, agus fgaidh e an "Comunn" na's fhearr na fhuair e e, ged a tha sin math gu leoir.

Chan abair mi facal mu na tlandan maiseach air am bheil e an seilbh. Fhuair e oilean a thaobh chisean Ceilteach fo stiuradh Dhmhnuill Mhic Fhionghain nach maireann, a bha barraichte an eolas agus an comas teagaisg. Is math a thog e an t-ionnsachadh a fhuair e, agus cha d'thinig am mach Oil-thaigh Dhuin-ideann ach ainneamh neach a b'irde an togradh agus an sgoilearachd a thaobh chisean Ceilteach na an t-ganach eireachdail so, Mr Ros.

Hide Ad
Hide Ad

Bidh suilean nan uile air r nan tr bliadhna tha romhainn, agus, mur eil sinn air ar mealladh, cuiridh e mr urram air an inbhe chum an deachaidh a nis a ghairm agus bidh e 'na chuideachadh mr do'n Ghidhlig..