O chionn 80 bliadhna: bhon ‘Weekend Scotsman’, 15 Lùnastal 1931

AM bheil a’ Ghàidhlig beo? Sin ceist a tha cur dragh air móran an ceartuair, agus chan eil e duilich a freagairt ann an aon seadh. Chan eil teagamh nach eil i air a labhairt leis na h-uiread de mhuinntir chòire, tuigseach air tìr-mór ’s na h-eileanan, ach is beag an àireamh an coimeas ris mar bu mhaith leinn i a bhith.

Cho fad ’sa mhaireas an sluagh agus an gineil tha ar cànain ceart; ach, m’a leanas taosgadh nan Garbh-chrioch cho searbh ’sa tha i an ceartair, chan eil an tim fad ás ’sam bi fàsalachd far am b’àbhuist do na daoine a bhi agus mèilich chaorach a mhàin far am bu ghnàth le deagh Ghàidhlig a bhi air a bruidhinn. Tha ar cànain beo, slàn a réir coltais o’n taobh a muigh, ach m’a dh’fheuchas sinn a cuisle tuigidh sinn gur e galar fada ’s eug ’na bhun am fiabhrus fo’m bheil i a’ fulang. Tha rudha glan ’na h-aodann, ach is e rudha na caitheamh a th’ann agus chan e rudhadh na lùth-chleasachd.

M’a tha i ri chumail beo feumar ar pobull a chumail aig baile. Cha ghabh sin deanamh ach le oibrichean freagrach a sholar air an son, agus, a chum na crìche sin, feumar oibrichean uisge agus oibrichean iasgaich a dheanamh na’s lionmhoire na tha iad. Tha Ghàidhlig beo, ach chan fhada bhitheas, m’a chailleas sinn na daoine.