Mì-chinnt mhòr ann an dùthaich a chuir a cùl ri Comaoineachd

AIR oidhche Challainn comharraichidh Romàinia a ceathramh ceann-bliadhna san Aonadh Eòrpach. As dèidh dhomh tilleadh ás an dùthaich o chionn beagan sheachdainean, ’nam bheachd-sa tha a h-uile coltas ann nach comharraich na Romàinianaich uile an ceann-bliadhna le toileachas mòr.

Chanadh cuid nach e aonadh ro aonaichte th’ anns an Roinn Eòrpa an-dràsta. Bidh feadhainn de na buill as ùire, Romàinia ’nam measg, uaireannan a’ faireachdainn nach e buill shlàn ionann a th’ annta. ’S ma tha fianais a dhìth, chanadh feadhainn nach fheumar ach coimhead air an staing anns an robh an AE mu bhallrachd Romàinia an Cùmhnant Schengen o chionn ghoirid. Sann mu chrìochan fosgailte a tha Schengen, ach leis gu bheil crìochan aig Romàinia ri dùthchannan taobh muigh an AE, tha obair mhòr an lùib na crìochan seo a dhìon. Ged a rinn riaghaltas Romàinia na bha dhìth gus riatanasan teignigeach Schengen a chur air dòigh gu h-oifigeil, chuir dùthaich no dhà dàil air am ballrachd air sgàth cion misneachd ann an comasan nan Romàinianach an crìochan fhèin a dhìon.

Ach tha argamaidean den t-seòrsa daonnan nas cudromaiche do luchd-poileataigs na dhan mhòrshluagh ’nam beatha làitheil. Cha tug duine sam bith ris an do bhruidhinn mi iomradh air Schengen idir. An rud a bha ’na uallach air dràibhear an tagsaidh agam bhon phort-adhair dhan bhaile b’e cosgaisean. Cosgaisean fuirich, cosgaisean connaidh, cosgaisean bìdh, cosgaisean uile cha mhòr (ach cosgais an tagsaidh aige fhèin, saoilidh mi), ’s e den bheachd gur ann suas a tha iad uile a’ dol, agus seo air adhbharachadh le ballrachd san AE.

Hide Ad
Hide Ad

A’ bhuaidh fhiosaigeach as follaisiche aig ballrachd an AE air Bucharest se na toglaichean ùra gleansach a chaidh suas sna beagan bhliadhnaichean seo chaidh. Chithear taighean-òsta, taighean-seinnse, oifisean agus an leithid, uile ùr, ’nan seasamh pròiseil mu choinneamh thoglaichean glasa grànda nan Comaoineach, agus toglaichean Frangach o linn òir na dùthcha a’ crìonadh gu slaodach ri’n taobh – ach gu h-iongantach, tha an t-eadar-dhealachadh seo ag obair glè mhath.

Co-dhiù, se samhla math air misneachd agus soirbheachas an riaghaltais – ’s nas cudromaiche buileach, a’ ghnìomhachais ionmhais – a th’ anns na leasachaidhean seo. Chan eilear an dùil gum fàs econamaidh Romàinia nas luaithe na aig a’ mhòrchuid de na compàirtichean Eòrpach aice san ath shlànachadh econamach, an uair a thig e.

Ach chunnaic mi bochdainn cuideachd. Bochdainn nach fhaic thu ro thric idir sna prìomh bhailtean Eòrpach. Cha bhi duine againn an dùil ri clann òg luideagach fhaicinn a’ sireadh airgead air beulaibh bhùthan air prìomh shràidean Paris, mar a chunnaic mi air sràidean Bucharest.

Chan e iongnadh a th’ ann ma-thà gu bheil cuid draghail mun bheàrn a tha fàs eadar na bochd ’s na beairtich. Ach is dòcha gur e iongnadh dha-rìribh a th’ ann gum bi feadhainn a-nis a’ coimhead air na seann làithean comaoineach le seòrsa de dh’ionndrainn. Chuir an treòraiche a bh’ againn aon oidhche mar seo e: “Bha airgead gu leòr againn an uair sin, gun rud sam bith ri cheannach. A-nise dh’fhaodamaid rud sam bith a cheannach, nan robh airgead gu leòr againn. Cha robh saorsa cainnte againn, agus thà a-nise, ach chan eil duine sam bith ag èisteachd rinn. Cò chanadh le cinnt gu bheil sinn cus nas fheàrr an-diugh san Aonadh Eòrpach, no gun robh sinn cus nas miosa leis na Comaoinich?”

Cò chanadh le cinnt da-rìribh.