Ma tha thu ’g iarraidh cliù, cruinnich stuth ’s na dèan dad leis

THA aon deug de phàipearan math sgoilearach ann an Scottish Gaelic Studies 28 agus tha mi ’n dòchas nach gabh an deichnear eile san t-sròin e ma chanas mi gum bi cuimhne gu bràth air mar “àireamh Irbhinn”. Oir tha faisg air cairteal dheth air a thoirt suas leis an iomradh shusbainteach aig Ulrike Hogg bho Leabharlann Nàiseanta na h-Alba (LNA) air beatha, obair agus pàipearan an Dr Urr. Alastair Irbhinn (1773–1824), ministear Dhùn Chailleann Bhig.

Bha Irbhinn (á Fartairchill) ’na sgoilear mór Gàidhlig ri linn. Dh’fhàg e cruinneachadh cudromach làmh-sgrìobhainnean sa bheil tòrr bàrdachd thradiseanta (gu mì-fhortanach chaidh cuid dhiubh a ghoid á LNA mu 1970). ’S bha pàirt nach beag aige ann a bhith deasachadh Faclaire Chomann na Gaidhealtachd (1828).

Bha fios agamsa riamh gun robh e ag obair air pròiseact ris na bhaist e ‘The Lives of the Caledonian Bards’ air an robh coltas luachmhor, nam b’e ’s gum faighte greim air na pàipearan. Lorg an Dr Hogg a-nis trì de na “beathannan”: Mac Shithich, Iain Ruadh Stiùbhart agus Ailean Stiùbhart Inbhir Chadain. Is dòcha nach do sgrìobh e ach na trì sin riamh! Co-dhiù, tha an t-alt sgoinneil seo a’ fosgladh uinneag dhuinn air bàrdachd dhìochuimhnichte Shiorrachd Pheairt.

Hide Ad
Hide Ad

Ma tha sgoilear Gàidhlig ag iarraidh cliù, cruinnichidh e tòrr stuth ’s cha dèan e dad leis ach fàgaidh e a chuid phàipearan gu faiceallach mar dhìleab. Sin leasan SGS 28. An aon mhì-chliù a choisinn Irbhinn riamh b’ann an lùib an fhaclaire! Tha trì pàipearan san iris mu luchd-cruinneachaidh a mhill an cliù le bhith ag atharrachadh na thrus iad nuair dh’fhoillsich iad e: Donnchadh MacUalraig á Meadhan Earra-Ghaidheal (c.1760–1836), Alastair MacilleMhìcheil á Eilean Lios Mòr (1832–1912), agus Alastair MacillEathain Mac na Ceàrdaich á Canada (1840–1924).

Tha dà alt Ghàidhlig san iris. Tha aonan dhiubh, le Richard Cox, car doirbh a leughadh a chionns gu bheil e cho teicnigeach: tha e mun “mhìr àireamhail” (“a”) ann an “a h-aon”, “a dhà” etc. Tha faclaire beag cuideachail ’na chois. Ach fóghnaidh do mhóran sùil thoirt air na mapaichean, a tha a’ sealltainn càit air Ghaidhealtachd a bheil daoine ag ràdh “aon”, “a h-aon”, “aonan”, etc. Inntinneach.

Tha am fear eile, le Axel Koehler (mu bhoireannaich chunnartach ann an seann sgeulachdan mar ‘Àirigh na h-Aon Oidhche’), car doirbh a leughadh a chionns gu bheil e ann an Gàidhlig neach-ionnsachaidh. Tha móran aig Koehler ri ionnsachadh fhathast mun chuspair aige, ach saoilidh mi gun robh SGS ceart ga fhoillseachadh. Se neart Koehler cho farsaing ’s gum bi e a’ cur an lìn aige (air feadh na Roinn Eòrpa), ’s tha rudeigin ann an cumantas, gun teagamh, eadar na boireannaich sna sgeulachdan Gàidhlig ’s an fheadhainn Eòrpach a bh’ air cùl Dracula. Chan eil Koehler a’ deanamh cron sam bith ann a bhith a’ tarraing seo gu ar n-aire.

A thaobh a’ chòrr, tha Kate Mathis a’ coimeas an t-seann dàin diadhaidh ‘Saltair na Rann’ ri pìos rosg air an aon chuspair, ‘Scél Saltrach na Rann’, tha Pía Coira a’ siubhal motifs àraidh ann am filidheachd na h-Alba (àrd-rìghrean, laoich pòsta ri dùthaich, Goill, fàisneachd), tha A D M Forte a’ lorg meatafor drabasta Gàidhlig ann an sgrìobhaidhean an fhir-lagha Sir John Skene (c.1543–1617), ’s tha dà alt ann air Gàidhlig Mhanainn – mu sheann searmon ’s mu phuing gràmair.

Tha SGS 28 ri fhaotainn o Oilthigh Obar Dheathain air £22.50.