Leasan cànain agus leasan Marcsach don chloinn

Tha e doirbh ri chreidsinn gun deach còig bliadhna seachad on a nochd an CD mu dheireadh aig Gillebrìde MacIlleMhaoil ás Uibhist a-Deas. Anns na bliadhnaichean sin, tha Gillebrìde air a bhith trang a’ teagasg na Gàidhlig agus a’ seinn ann an iomadh dùthaich. Bha e cuideachd a’ cruinneachadh òrain, agus uaireannan gan dèanamh. Mar sin, chan eil e ’na iongnadh gun cluinnear òrain a tha fìor inntinneach air an CD ùr aige, Air Fòrladh. Còmhla ris, cluinnear Niall a bhràthair agus Màiri a phiuthar.

Aig an toiseach tha òran togarrach le Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir (Bàrd Phàislig) anns a bheil e ag innse mun toileachas a bha e faighinn o bhith tilleadh dhachaigh a dh’Uibhist air saor-làithean. On a tha saoghal na Gàidhlig cho làn de dh’òrain air fàgail, tha e math a bhith cluinntinn mu bhith tilleadh, ged nach b’ann ach ùine ghoirid.

An dèidh seo tha dà phort-á-beul inntinneach – Srath-Spè agus ruidhle. Se seann phuirt-phìoba a th’ annta ris an do chuir Niall MacIllFhinnein (Nilidh Èirdsidh nach maireann á Loch Baghasdail) faclan. B’e sàr phìobaire agus seinneadair a bh’ ann an Nilidh, ’s bha e am measg nam pìobairean ainmeil Uibhisteach a fhuair oideachadh o MhàidsearPìoba Iain Dòmhnallach á Inbhir Nis. Tha an gitàr aig Eòghainn Mac a’ Phearsain ’s a’ chluichd ealanta aig Fred Moireasdan air leth iomchaidh mar thaic dhan t-seinn aig Gillebrìde san dà phort.

Hide Ad
Hide Ad

Ged se Gruagach Òg an Fhuilt Bhàin an t-òran as ainmeile le Dòmhnall Ailein Dòmhnallach, rinn e cuid eile tha fìor bhrèagha. ’Nam measg tha Òran Eile air Uibhist (“Ged nach seas mi measg nam bàrd”), air a bheil fonn glè annasach. Dh’ionnsaich Gillebrìde e on t-seinn aig a’ bhàrd fhèin, agus tha Raonaid Hair a’ toirt taic fìor ghrinn agus tuigseach dhan t-seinn aige. Cluinnear Raonaid a-rithist còmhla ri Gillebrìde ann am B’ Annsa Cadal air Fraoch a rinn Gilleasbaig Dòmhnallach, an Ciaran Mabach, san 17mh linn.

Se òran beòthail èibhinn a th’ ann am Fòrladh Alasdair Bhàin, ach sann am measg sgrios agus oillt a’ Chogaidh Mhòir a rinneadh e, leis na bàird Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir agus Alasdair Boidhd. Bha seanair Ghillebrìde, Dòmhnall Ruadh agus Alasdair Boidhd uile san aon trainns còmhla ri Alasdair Bàn, cuspair an òrain, a tha ag innse mar bha Alasdair a’ feuchainn ri faighinn dhachaigh a dh’Uibhist air fòrladh. Gu mì-fhortanach, dhubh dh’fhailnich air Uibhist a ruigsinn mus robh àm dha tilleadh gu oillt a’ chogaidh. Cluinnear Alasdair Boidhd air Tobar an Dualchais ag innse mar rinneadh an t-òran ann an 1916 sna “Dickebusch Dugouts”, glè fhaisg air Ypres.

Sann ás Uibhist a tha mòran dhe na h-òrain air an CD, mar eisimpleir An Tèid Thu Leam, a Rìbhinn Lurach, Iain Mac ’ic Fhionghain agus Oran nan Giomach le Seonaidh Caimbeul, fear de na bàird ainmeil á Taobh Deas Loch Baghasdail. Tha na h-òrain aig Seonaidh a’ toirt dealbh math dhuinn air saoghal nan daoine an-siud tràth san 20mh linn.

Tha òran eadar-dhealaichte aig deireadh an CD – eadar-theangachadh le Màiri Kidd agus Ciorstaidh NicDhòmhnaill de Norland Wind le Violet Jacob. Se taghadh brèagha a th’ ann mar chrìoch air CD tha loma-làn de dheagh òrain o fhear dhe na seinneadairean as fheàrr ’s as dìlse don Ghàidhlig a th’ againn an-diugh. Tha barrachd fios air www.gillebride.com.

Còrdaidh Seudan (CDTRAX 362) ri neach sam bith tha dèidheil air sàr phìobaireachd a tha gu tur Gaidhealach ’na spiorad agus nach eil cuingealaichte le riaghailtean nam farpaisean mòra. ’S iad na cluichdeadairean Calum MacCriomain, Aonghas MacCoinnich, Fin Moore, Angus MacNeacail, agus Ailean Dòmhnallach a tha cuideachd a’ seinn.

Tha Seudan a’ tòiseachadh le deagh Srath-Spè, Tulach Gorm, agus dà ruidhle ainmeil, John Morrison of Assynt House agus Alick C McGregor. Tha a’ chluichd cinnteach agus ceòlmhòr, air pìoban a tha ’nam mic-shamhail de phìob a rinneadh ann an 1785, a tha an-diugh san taigh-tasgaidh an Inbhir Nis.

Cluinnear Mac Morin a’ cluichd air a’ phiàna còmhla ris na pìobairean ann an sreath de phuirt shingilte a bhios air an cleachdadh gu tric aig dannsaichean an Ceap Breatainn. ’Nam measg tha The Rock and the Wee Pickle Tow agus All the Blue Bonnets.

Hide Ad
Hide Ad

Tha an ceangal eadar ceòl mòr agus òrain phìobaireachd air a thoirt am follais gu snasail le Ailean Dòmhnallach, a tha a’ seinn agus a’ cluichd Thogail nam Bò (“MacFarlane’s Gathering”), Pìobaireachd Dhòmhnaill Duibh agus Fhir a’ Chinn Duibh.

Tha ùidh mhòr aig a’ chòmhlan cuideachd sna ceanglaichean eadar pìobaireachd agus dannsa ann an dualchas nan Gaidheal. Mar sin, cluinnear Morin a’ dèanamh dannsa-ceuma ris a’ phort Cameronian Rant. Gu ìre, ge-tà, tha an ìre chon am bi fuaim an dannsa a’ tighinn troimhe gu soilleir an urra gu mòr ri cho math ’s a tha an t-uidheam air an cluichdear an CD.

Tha mòran a tha inntinneach agus tlachdmhòr air an CD seo, ’s bu chòir dha a bhith aig neach sam bith aig a bheil ùidh ann am pìobaireachd Ghaidhealach. Tha mòran ri ionnsachadh bhuaithe.

Related topics: