Kaleidoscop Cheann a’ Loch

CHAIDH Sgìre a’ Bhradain (£15) fhoillseachadh le Comunn Eachdraidh Cheann a’ Loch ann an Leódhas: leabhar gleansach, tarraingeach, anns a bheil tòrr bàrdachd Ghàidhlig, beagan bàrdachd Bheurla, cunntaisean goirid Beurla no Gàidhlig, agus dealbhan math dathte agus mono de dhaoine ’s de dh’àiteachan.

Tha e ’na chóig pàirtean: Àirigh a’ Bhruaich, Bail’ Ailein, Ceòs, Lacasaigh agus taobh a-muigh nam bailtean. Mar sin, ged tha a’ bhàrdachd a’ sìneadh on 19mh linn chun an latha an-diugh, se cruinneòlas seach eachdraidh a tha riaghladh. Anns a’ chaibideal ‘Ceòs’ tha sia dàin a rinn am ministear ainmeil Dòmhnall MacCaluim (1849–1929), ach tha iad a’ leantainn feadhainn as ùire a bhuineas nas dlùithe ri sgeul an àite, leithid fear mu fhactaraidh na feamad a tha a’ crìochnachadh gu h-àbhachdach:

Chunnacas fear bhon Acha Mhòr,

’S farmad aige ri fear Cheòis,

’S e ri cur salainn dha na lòin,

An dòchas gun tig feamainn ann.

Tha cuid de na dàin a’ seasamh a-mach air adhbharan teicnigeach, cuid air adhbharan eile. Tha òran Gàidhlig ann á Patagonia far am biodh fir Cheann a’ Loch a’ dol a dh’obair dha na h-estancias. Agus tha cumha ann a rinn ministear nuair a mharbhadh a nighean, 8, ann an tubaist rathaid.

Hide Ad
Hide Ad

Is toil leam leabhar mar seo a thogas ceistean. An sreath ann an dàn spioradail, “A’ chlach a dhiùlt na clachairean, clach-chinn na h-oisein ì” – nach cuala mi e ann an àit’ air choreigin eile? ’S an t-òran brèagha sin ‘Aodann Srath Bàn’ a bhuineas, a réir seanchas nan Loch, ri ceàrnaidh “Srath Bàn” a bh’ anns a’ Phàirce neo ann an Ceann a’ Loch – car son a thuig mi riamh gum buineadh e ri baile an tSratha Bháin an Éirinn?

Tha cruinneachaidhean bàrdachd nas fheàrr nuair a tha iad kaleidoscopach, gun cuspairean ’nam bogsaichean dùinte bho chéile, ’s ann an dusan duilleag de Sgìre a’ Bhradain tha sinn a’ ruith bho blàr Monte Cassino tro phòsaidhean eadar-lìn, smuaintean spioradail agus whipperan-in-sgoile gu poidseadh.

Sgoinneil!