‘Ionad dualchais’ san amharc do Fhlòdaigearraidh

AIG deireadh an 19mh linn sheas fir, mnathan ’s clann a’ Bhràighe agus bhailtean Sgitheanach eile le chèile an aghaidh aintighearnas agus an-iochd nan uachdaran.

A dh’aindeoin gach clìc, cuilbheirt agus ainneart a chleachd riaghaltas ’nan aghaidh, le bàillidhean, poilis agus saighdearan cuain, choisinn mòran dhiubh gabhaltas tèarainte air an cuid fearainn. Tha baile croitearachd Fhlòdaigearraidh ann fhathast, mar thoradh air an saothair ’s air sgàth sliochd 12 de na 14 teaghlaichean bhon Dìg, bhon Ghlas Pheighinn ’s bho Bhrògaig air an do roinneadh tuathanas Fhlòdaigearraidh ann an 1909.

An-diugh ge-tà, tha treubhantas de sheòrsa ùr a dhìth, oir tha fhios aig na daoine gum feumar oidhirp a dhèanamh a bheir adhbhar don òigridh fuireach san àite. Ann am Flòdaigearraidh, tha an t-Urras Baile, a chaidh a stèidheachadh ann an 2009, a’ cur air dòigh iomairtean le amasan fiachail fa’n comhair. An-uiridh ’s am-bliadhna tha iad air trì cùrsaichean coimhearsnachd ullachadh a chaidh a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig an compàirt le Sabhal Mòr Ostaig. Thàinig buidhnean beaga de dhaoine bho fhad is farsaing air son aithne a chur air an t-sluagh agus blasad fhaighinn de rudan mar eachdraidh, ainmean-àite, litreachas, beul-aithris, ceòl, òrain agus cruth-tìre.

Hide Ad
Hide Ad

A bharrachd air sin, tha Urras Baile Fhlòdaigearraidh a-nis an dòchas Ionad Dualchais ùr a chur air bhonn ’s gun tèid a chleachdadh mar ghailearaidh agus cafaidh son taisbeanaidhean, tachartasan, chuirmean agus eile air leas sgìre Thròndairnis ’s ceann a-tuath an eilein air fad. Tha iad am beachd gum bi e mar àite anns am faod daoine a’ Ghàidhlig a chluinntinn ’s a bhruidhinn ann an àrainneachd “phoblach”. Tha iad ag iarraidh cultar, dualchas agus ealain an àite adhartachadh ’s an àrainneachd a dhìon ’s a thoirt am feabhas. Rùintean luachmhor gun teagamh.

Bha naidheachd ann an cuairt-litir Stafainn a’ cur an cèill amas gun tèid òigridh na sgìre a mhisneachadh leis an ionad ùr gus a’ Ghàidhlig a chumail beò agus beothail. Mas e sin na tha iad an dòchas, is fhiach dhaibh bun-stèidh làidir Ghàidhlig a shuidheachadh don ionad eadhon mun teann iad ri a thogail. Ma chì an t-sùil ’s ma chluinneas a’ chluais a’ Ghàidhlig ga cleachdadh gu nàdarra mar phàirt de dh’ àrainneachd an ionaid, bheir sin nas dlùithe don chridhe i.

Chan e eòlaiche a th’ annam air poileasaidhean cànain, ach tha fhios agam dè th’ ann am bun-stèidh làidir Ghàidhlig. Se sin gum feumar a’ Ghàidhlig a bhith ’na prìomh chànan san ionad aig an luchd-obrach uile mar chànan an àm a tha an làthair, seach dìreach mar rudeigin a bhuineas do dhualchas.

Saoil an tachair sin gun phoileasaidh daingeann Gàidhlig air son an ionaid?

Mar eisimpleir, tha an t-ionad “Columba 1400” ann an Stafainn beagan mhìltean bho Fhlòdaigearraidh, ’s tha mi air a bhith ann dhà no trì tursan air son srùbaig. Chan eil a’ Ghàidhlig am mòran follais ann, agus leis nach robh i ri cluinntinn aig an luchd-obrach no aig custamairean eile anns a’ chafaidh nuair a bha mi ann, bhuail e ’nam inntinn gun robh nàdar de dhìmeas ga chur air cànan agus cultar an àite.

Is diombuan gach cas ann an tìr gun eòlas ge-tà. Mar sin, thill mi a Thròndairnis air fear de na cùrsaichean coimhearsnachd aca. Fhuair sinn sàr ghabhail romhainn agus ionnsachadh nach beag air an sgìre anns a’ Ghàidhlig. Tha feadhainn de Ghaidhil an àite a bha cho fialaidh le’n cuid ùine (agus bidhe!) ’nam ball de dh’Urras Fhlòdaigearraidh, ’s ma thig an t-Ionad ùr aca eadhon faisg air an fhàilte chridheil a thug iad dhuinn, bidh muinntir Thròndairnis sean is òg – agus luchd-turais – gu math dheth.