Ionad Chaluim Chille: dòchas ann an Ìle Fionnlagan ùr?

THA sinn cho cleachdte ri Gàidhlig Leòdhasach, Uibhisteach no Sgitheanach air rèidio ’s telebhisean ’s gu bheil e furasta a dhìochuimhneachadh gu bheil Gàidhlig no dhà eile ann a tha eadar-dhealaichte bho na bhios a’ chuid as motha de luchd ionnsachaidh a’ cluinntinn.

Bidh na h-lich a’ faighneachd "Cite a bheil thu a’ feantail?" seach "Cite a bheil thu a’ fuireach?" ’s ag rdh "shiubhail e" seach "chaochail e" no "bhsaich e". ’S tha faclan gu math "ireannach" aca, leithid "gu robh maith agad" (no "gu robh me’ad") air son "tapadh leat" agus "sln leat" air son "beannachd leat". A rir seanchas an eilein bhiodh muinntir taobh siar irinn agus taobh siar le a’ tuigsinn a-chile gu furasta.

Ann an 2001, gus Gidhlig le a bhrosnachadh ’s an ceangal eadar le agus irinn a leasachadh, chaidh colaiste beag, "Ionad Chaluim Chille le", a stidheachadh faisg air Bogh Mr, ceangailte ri Sabhal Mr Ostaig san Eilean Sgiathanach. Se Dmhnall Angaidh MacGillInnein Uibhist a-Tuath an stiiriche: "Sa chiad bhliadhna bha dusan oileanach againn. As t-samhradh seo bha 60 air na crsaichean goirid. Tha 30 anns na clasaichean-oidhche. Agus tha triir againn a’ danamh ceum BA ann an Gidhlig agus cultar Gaidhealach."

Hide Ad
Hide Ad

Bhruidhinn mi ris an triir, agus ri Mairead NicEacharna an neach-teagaisg aca, air a’ chiad latha den tarm. Tha Sne NicEalair, 39, s a’ Bhaile Ghrnna. "Cha robh a’ Ghidhlig aig a’ chloinn air a’ chlas agam aig an sgoil, ’s ged a bha i aig mo phrantan bhiodh iad a’ bruidhinn riumsa sa Bheurla. Ach bha mi elach air a h-uile facal Gidhlig a bhruidhinn iad le chile!"

Tha Lorraine NicFhearghais, 20, Bogh Mr: "Cha robh a’ Ghidhlig aig mo phrantan ach chaidh mi tron Ionad Ghidhlig aig Bunsgoil Bogh Mr, agus rinn mi na crsaichean air son luchd fileanta aig an rdsgoil."

Tha Ella Paton, 74, Inbhir ir. "Rinn mi a’ Ghidhlig aig sgoil oidhche agus higher as didh sin." Se ceum Gidhlig a bu ndarra a leanadh siud!

Tha ite aig a’ cholaiste air son crileagan beag agus rm air son chonsartan. "Tha sinn a’ feuchainn ri cel tradiseanta a bhrosnachadh," arsa MacGillInnein. Rinn an t-eilean gu math aig a’ Mhd am-bliadhna - fhuair Iseabail Nic an t-Sagairt bonn ir le ran leach, "Birlinn Cholla Chiotaich", ’s thug cisir Phort Ellen leotha tr duaisean. Bha cilidh ann an talla na h-eaglaise ann am Port Ellen nuair a thinig iad dhachaigh. Chunnaic mi MacGillInnein ’s NicEacharna ’nam measg, a’ sgaoileadh an fhacail mun cholaiste.

Tha cel san fhuil aig na h-lich. Thuirt Dmhnall Mac a’ Chlirich, 70, tuathanach faisg air Port Sgioba, "Bhiodh mo mhthair a’ seinn nan seann ran leach. Thinig Sgoil Elas na h-Alba ann an 1954 ’s rinn iad clr leatha." Tha cuimhne aige air na bird Terlach agus Donnchadh MacNimhein Bruaich a’ Chladaich. Bhiodh Terlach (1874 - 1944) a’ toirt cunntas air na bha a’ dol san sgre, ’s bha aige ri rann na dh a dhanamh mus faigheadh e gu banais.

Siud a dh’fhg mi ’n-diugh gun sunnd,

Air mo dhochuimhneachadh sa chabhaig;

Siud a dh’fhg mi ’n-diugh gun sunnd

Chionn nach d’fhuair mi thun na banais.

Bha sil agam ri cuireadh fialaidh,

Gun rachadh m’ iarraidh thun na banais

’S gum faighinn cearc le forc is sgian

Gu bhith ga h-ialladh - biadh ro bhlasta!

Bha Loch Fionnlagain aig meadhan saoghal na Gidhlig - cultarach agus poileataigeach - anns na meadhan aoisean an uair a b’ irde cumhachd Clann Dmhnaill. Thuirt Dmhnall MacPhidein, 74, tuathanach eile Port Sgioba, a tha ag obair aig Urras Fionnlagain: "Fhuair na h-archaeologists a-mach ann an 1990 cho cudromach ’s a bha an t-ite. Bha prlamaid air Eilean na Comhairle san loch, le daoine mra a’ tighinn o Alba ’s irinn air fad. A-nis bidh iad a’ tighinn North Carolina ’s iad cinnteach g’eil an teaghlach aca a’ tighinn sos dreach o Shomhairle, Tighearna nan Eilean!"

Faodar a rdh gur e dreuchd Ionaid Chaluim Chille a bhith a’ danamh Fionnlagan r ann an le. Ach tha nmhaid no dh aig a’ gheata. Rugadh Dbhghlas Tott ann an Dun Deagh. Leig e dheth a dhreuchd am Banca na h-Alba ’s tha e nis a’ fuireach am Port Ellen. Tha an t-eilean a’ crdadh ris, ach chan eil tde aige air son Ionad Chaluim Chille: "Tha i ’na cnan marbh. Se call airgid a th’ anns a’ cholaiste sin."

Hide Ad
Hide Ad

Ged nach e beachd na mrchuid a tha seo tha trr aig a’ cholaiste ri dhanamh ann an eilean far a bheil a’ Ghidhlig ann an staid mh-fhallain. Ach se adhbhar mr dchais a th’ ann an Ionad Chaluim Chille. Tha MacGillInnein ’s NicEacharna a’ danamh obair chudromach air son beul-aithris, brdachd, eachdraidh agus cel a chionns gu bheil iad a’ danamh soilleir d an ceangal a tha eadar na rudan seo ann an le - a’ Ghidhlig.