Innealan mora a’ dol fodha anns an eabar

BHA dà bheathach eich aig m’ athair air son obair na croite. Bha an làir, Queen, socair, ciùin, ach bha an gearran, Prince, mòr agus aig uairean bras agus an-fhoiseil.

Mu dheireadh cha robh earbsa aig m’ athair idir ann, agus air dha deagh phrìs fhaighinn air gamhna aig fèill anns an Òban ann an 1948 rinn e a shlighe, còmhla ri caraid, sìos gu Cille Mheàrnaig far an do cheannaich e tractar, trèilear agus crann.

B’e Fordson a bh’ anns an tractar agus b’e a’ chiad fhear a bha san sgìr. Ann an ùine gun bhith fada bha tractar aig gach croitear ’s dh’fhalbh na h-eich. Bha mòran a’ cleachdadh Ferguson, tractar a bha beag ach glè chomasach.

Hide Ad
Hide Ad

An-diugh chan ann beag a tha tractaran agus innealan àiteachais eile ach trom, tomadach, agus tha iad sin a-nis aig croitearan. Ach aig na tuathanaich air tir-mòr gheibhear innealan (air son an gràn a thoirt far an arbhair ’s am buntàta a thogail) a tha coltach ri fuamhairean. Neo-ar- thaing nach tog iad am bàrr gu sgiobalta, ach tha an cunnart ann gun tèid iad fodha ann an talamh fliuch. Am-bliadhna bha tuiltean againn anns an Lùnastal agus anns an t-Sultain ’s bha an t-arbhar a bu chòir a bhith san iodhlann, mar gun canadh tu, ’na sheasamh ach air a stialladh le gaoth agus uisge. Cha do chuidich an doineann Katia idir le cùisean an uair a thàinig i ’na deann a-nall thairis air a’ Chuan Siar.

Mar sin tha trioblaidean uabhasach aig na tuathanaich a tha a’ cur fàs air arbhar mar eòrna air son nan taighean staile. Ma tha i fliuch feumaidh iad fhàgail gus an tig sìde nas fheàrr neo an gràn a thiormachadh aig cosgais a tha sìor dhol suas le àrdachadh prìs a’ chonnaidh. Ma tha gràn nach eil tioram air a stòradh gabhaidh e teas agus thig clòimh-liath air.

Ach se an trioblaid as motha gum faod innealan mòra a chosg suas ri £50,000 am fear a dhol fodha anns a’ pholl, agus an uair a thachras a leithid sin, faodaidh nach bi e furasta an tarraing ás.

Chan eil dòigh air deanamh a-mach gu dè cho fliuch ’s a tha an talamh ach coiseachd air uachdar air thoiseach – rud nach eil idir furasta nuair a thèid neach fodha gu ghlùinean san eabar. Mar chanas iad, “Is minig a bha sùil-chruthaich air lèana bhòidheach.”

Related topics: