Grunnd na mara a’ dol air chall

THA e air tighinn am follais gu bheil a’ mhòrchuid de ghrunnd na mara a-mach bho chladaichean na h-Alba fo shealbh an Riaghaltais.

Tha sin a’ ciallachadh gu bheil ionmhas a dh’fhaodadh gluasad gu comhairlean ionadail, buidhnean coimhearsnachd agus eile a’ sruthadh sìos gu Lunnainn.

Is ann an urra ri Comisean Oighreachdan a’ Chrùin a tha gu dè a thachras don airgead a thig a-steach bho màl neo reic a’ ghrunnd. Bithear ga chur gu feum air son bunaitean do thuathan gaoithe, drochaidean, cabhsairean ’s a leithid.

Hide Ad
Hide Ad

A-nis tha Comataidh nan Cùisean Albannach ann am Pàrlamaid Lunnainn air codhùnadh gun deach deich gu leth millean nota a bu chòir fuireach aig tuath sìos gu deas.

An dèidh sgrùdadh a dheanamh, tha an comataidh a’ dol a chumail sùil air dà bhuidheann a dh’fhaodadh ionmhas a thogail – Comann na Mara ann an Loch nam Madadh agus Comann nan Acarsaidean ann am Port Rìgh. Anns an dà àite sin cuirear feum air grunnd na mara ann an diofar dhòighean.

Tha an Riaghaltas ag aontachadh nach eil cùisean ceart, agus thuirt Danny Alexander, Prìomh Rùnaire an Ionmhais, “Tha an Riaghaltas deònach co-obrachadh le buidhnean sam bith gus fuasgladh fhaighinn air a’ chùis chonnspaideach seo.”