Gaelic: Boinne ann am beul na gaoithe

THUG Barack Obama agus Dàibhidh Camshron rabhadh gun atharraich seasamh na dà dhùthch’ aca mu eadraiginn ann an Siria ma chleachdas riaghaltas Assad airm cheimigeach.

THUG Barack Obama agus Dàibhidh Camshron rabhadh gun atharraich seasamh na dà dhùthch’ aca mu eadraiginn ann an Siria ma chleachdas riaghaltas Assad airm cheimigeach.

• Sgrios ban-fhoirfeach dealbh prìseil de Chrìost ann an eaglais faisg air Zaragoza anns an Spainnt. Bha e ann an droch càradh agus dh’fheuch i ri a chur ceart, ach mhill i buileach e.

Hide Ad
Hide Ad

• ThÉid a’ chiad roth-uidheam làin-mhara a tha gu bhith fo shealbh coimhearsnachd a thogail far cladach Shealtainn.

• Dhiùlt comhairlichean Obair Dheathain gabhail ri pròiseact mór leasachaidh air gàrraidhean meadhain a’ bhaile.

• Gheibh Chris Hoy saorsa Bhaile Dhùn Éideann air son nan euchdan aige sna Geamachan Olimpeach. Is e seo an t-urram as àirde as ghabhas buileachadh air.

• Thugadh binn 21 bliadhna prìosain do dh’Anders Breivik a chuir ás do 77 duine an-uiridh.

• ghabh oilthighean Alba ri barrachd oileanaich Shasannach am-bliadhna na riamh roimhe,
’s na h-àireamhan air éirigh 26 ás a’ cheud gu ruige seo. Chaidh an àireamh de dh’Albannaich a bha air an gabhail sìos 0.2 ás a’ cheud.

• Tha draghan air éirigh mu càit an togar sgoil Ghàidhlig ùr Loch Abar, agus daoine a’ gearan gu bheil an làrach air Rathad Àird Ghobhar mì-ghoireasach.