Gaelic: Boinne ann am beul na gaoithe

Thug na h-ùghdarrasan Tuirceach air pleuna a bh’ air a rathad bhon Ruis gu Siria laighe, agus lorg iad àirneis-chogaidh ann. Tha Siria a’ dol ás àicheadh gun robh uidheam-chogaidh air.

• Chuireadh seachdnar shaighdearan-mara Breatannach an greim fo amharas gun do mhurt iad prìosanach Afghani.

• Thòisich obair air an taigh staile as fhaide tuath air tir-mór Alba, Wolfburn ann an Gallaibh.

Hide Ad
Hide Ad

• Thug Comataidh Nobel, ann an Oslo san Nirribhidh, Duais na Sìthe dhan Aonadh Eòrpach.

• THA seanadh (pàrlamaid) na Cuimrigh a’ dol a thoirt inbhe co-ionann ris a’ Bheurla dhan Chuimris anns an reachdas aige.

• Bha fhios aig móran gun robh Jimmy Savile ri nigheanan òga fad 40 bliadhna ach cha b’ urrainn dhaibh dad a dhèanamh mu dheidhinn. Bho thàinig e am follais, chaidh a leac-uaighe a bhriseadh ás a-chéile.

• DH’iarr BPE Spàinnteach air riaghaltas Mhadrid bragàd dhen Ghuardia Civil a chur gu Catalonia gus nach cum a’ phàrlamaid aice reifreann air neo-eisimeileachd.