Gaelic: Boinne ann am beul a’ Mhòid

• Se fear á Gallaibh a ghléidh duais Neach-Ionnsachaidh na Bliadhna. Thog Ridseard Mac a’ Ghobhainn á Inbhir Ùige ùidh anns a’ Ghàidhlig an uair a bha am Mòd ann an Gallaibh ann an 2010. Tha e a-nis ’na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig.

• Tha a’ cho-bhanntachd a tha air cùl LearnGaelic.net air leasachaidhean ùra fhoillseachadh. Tro “LearnGaelic with BBC An Là”, chì luchd ionnsachaidh dà phìos ùr bhidio gach seachdain bho phrògram nan naidheachdan, còmhla ri eadar-theangachadh agus fiosrachadh Beurla agus teacsa anns a’ Ghàidhlig.

• bhuannaich Maighread Challan farpais litreachais a’ Mhòid le Air Bilean an t-Sluaigh, ’s thog Steaphanaidh Chaimbeul an duais air son an leabhar cloinne as fheàrr le A’ Chraobh Boingeilidh. Bidh an dà leabhar seo air an léirmheasadh air an duilleig seo a dh’aithghearr.

Hide Ad
Hide Ad

• Dh’fhoillsich Comhairle nan Leabhraichean sgeama leasachaidh bliadhnail do sgrìobhadairean ùra Gàidhlig. Gheibh dà sgrìobhadair ùr Ghàidhlig taic ionmhais luach £2,000 agus stiùireadh ’nan cuid obrach. Théid aca air pàirt a ghabhail ann an cùrsaichean trèanaidh agus seiseanan comhairleachaidh, agus ceanglaichean a thogail le foillsichear no neach-ionaid. Ma théid leotha bidh cothrom aca taic fhaighinn bho sgrìobhadair stèidhichte, le sùil ri leasachadh profeiseanta agus foillseachadh.

• Tha sgeama ùr a tha faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig ag amas air dràma a bhrosnachadh aig ìre coimhearsnachd. Anns na mìosan mu dheireadh, chaidh coinneamhan a chumail le buidhnean ann an Leódhas, Uibhist, Glaschu, Inbhir Nis agus san Eilean Sgitheanach gus lìonra a stèidheachadh taobh a-staigh nan coimhearsnachdan air son taic a chumail ri dràma.

• Tha Bòrd na Gàidhlig air maoineachadh a thoirt do chùrsa a tha iad an dòchas a bheir àrdachadh air an àirimh de thidsearan Gàidhlig. Thuirt iad: “Thathar an dùil gun tarraing an cùrsa tidsearan aig a bheil beagan Gàidhlig, agus aig a bheil ùidh ann, an sgilean cànain a thoirt air adhart gus am bi iad fileanta air son a bhith a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.”

• tha “Look@LearnGaelic”, deasaichte le Mòr Media, ag amas air luchd-ionnsachaidh aig ìre Eadar-Mheadhanach agus Adhartach. Gach seachdain thairis air bliadhna, gheibh iad dà bhidio ùr air an lìbhrigeadh le Derek MacAoidh agus Angela Nic a’ Ghobhainn, le taghadh fo-thiotalan Gàidhlig no Beurla.

• Bidh am Mòd ann am Pàislig an-athbhliadhn’, an Inbhir Nis 2014, san Òban 2015, agus anns na h-Eileanan Siar ann an 2016.