Gaelic: 22 guth prìseil á Ceap Breatainn

THA an t-Albannach seo air a thoirt seachad do dh’iomradh le Raghnall MacilleDhuibh air leabhraichean Gàidhlig á Canada

Tha Guthan Prìseil le Anne Landin (Ionad Eòlais Cheap Breatainn, ri fhaotainn o Chomhairle nan Leabhraichean, £12) ’na chruinneachadh de 21 òrain Ghàidhlig á Ceap Breatainn, le eadar-theangachadh Beurla agus CD. An nì a tha sònraichte se an aire a th’ air a toirt do na tha air cùl nan òran – na bàird, na seinneadairean agus na cuspairean, le dealbhan de dhaoine agus de dh’àitichean.

Ma tha an leabhar ri ghabhail mar bheachd air cultar Gàidhlig Cheap Breatainn ro 2000, tha e a’ leigeil fhaicinn neart na seinne, neart an danns, agus laigse na bàrdachd. Chaidh na h-òrain a dhèanamh san 18mh, san 19mh agus san 20mh linn. Rinneadh am fear as ùire ann an 1995 no roimhe, ach tha e a’ cuimhneachadh an Dàrna Cogaidh Mhóir. Chan eil ach dà òran eile a’ meantraigeadh seachad air cùisean gaoil no crìochan baile dùthchail. Se aonan dhiubh ‘’S Mòr mo Chùram ’s Mi ga Stiùireadh’ anns a bheil rannan mar

’S ann Dimàirt a rinn sinn gluasad;

Bha gaoth ’n earra-dheas, ’s frasan fuar ann:

Ise marcachd nan tonn uaine,

’S iomadh stuadh a rinn i reubadh.

Hide Ad
Hide Ad

Se am fear eile ‘Òige gu Aois’ le Mìcheal Theàrlaich MhicGill’ Eathain – òran mór a tha ag innse co ris a bha e coltach a bhith fàs suas san eilean, a’ beachdachadh air cor na Gàidhlig (agus litreachas na Gàidhlig) ’s a’ crìochnachadh le iomradh air obair an fhoghair. Chanainn fhìn gu bheil uiread de rannan math ann ’s a th’ anns a’ chòrr den leabhar air fad. Tha seo, mar eisimpleir, a’ buntainn ri làithean òige Mhìcheil:

Nuair thàinig geamhradh na dùldachd

Fhuair mi triubhsair is còt’,

Agus mocaisean clùdaich,

’S bha mi sunndach gu leòr,

Dol don sgoil air dà mhìle

Le m’ leabhar ’s mìr ann am phòc’

Mar biodh mo leasan ro-dheiseil

Dh’fheumainn seasamh air stòl.

Mur eil agad ach an t-sùil air ais, thig e thugad mu dheireadh gun do chaill thu rud prìseil. Thachair e ann an Ceap Breatainn timcheall air 2000, agus sin an rud as cudromaiche mun ath leabhar againn, Famhair agus Dàin Ghàidhlig Eile le Lodaidh (Lewis) MacFhionghain. Chan e mhàin g’eil bàrdachd Ghàidhlig ga dèanamh a-rithist le fear á Ceap Breatainn, ach gur ann ann a chaidh fhoillseachadh – le Clò Oilthigh Cheap Breatainn agus Ionad Eòlais Cheap Bhreatainn. (Tha e ri fhaotainn o Chomhairle nan Leabhraichean, £9.99.)

A’ chiad rud a bhuaileas an leughadair Albannach, se an t-annas a bhith ann an tìr aineoil far am bi daoine a’ cur “gas” dha na càraichean aca (tha dàn beag cuimir ann ‘Prìs a’ Ghasa’) agus far nach bi iad a’ faighinn bàs ach ag “eugachdainn”. Tha sin ’na thogail inntinn.

Tha cuid a dhàin a’ déiligeadh ri cor na Gàidhlig an Alba Nuadh, agus tha rud na dhà aca ri innse dhuinne san t-seann dùthaich. Sann den t-seòrsa seo a tha ‘Famhair’ a thug ainm dhan leabhar. Se am famhair a’ Ghàidhlig fhéin, a chaidh a chadal “Le sàilean a chasan / làidire air an cur suas / air bruthaichean / creagan Halafacs; / A chruachain leathann tiugh air / an cur air cnuic mhacanta / Siorramachd Phictou …” An-diugh tha am famhair “’Na laighe gu riaslach” agus “bu dèonach leis éirigh / A dhearbhadh … / Gu bheil e gu feum”.

Ma ghabhas siud a ràdh mu Alba Nuadh, sann as motha a ghabhas a ràdh mu Alba.

Ann an ‘Iomall a’ Bhàis’, a-rithist, tha a’ Ghàidhlig ’na h-each a chaidh a leòn le dà pheilear, “fear ’na chridhe is fear eile ’na cheann”. Se an leigheas “An dà pheilear ’fhaighinn ás a’ bhothaig [sic] aige”, ’s chan eil teagamh agamsa nach e na peilearan an dà chànan oifigeil aig Canada. Dh’fhaoidte nach do dh’ainmich MacFhionghain iad a chionns gu bheil e ’na sheirbheiseach catharra? (Tha e a’ stiùireadh Oifis nan Cùisean Gàidhlig aig Riaghaltas Alba Nuaidh.)

Ann an ‘Rudan Do-Fhaicsinneach’ tha liosta de na rudan sin: “An t-anam / An t-àm / An creideamh / An gaol / An t-sìorraidheachd / Is a’ Ghàidhlig air a labhairt ’sa’ cheàrnaidh seo dhen t-saoghal”. Agus ann an dàn air leth cudromach, ‘Beatha: Rosa Parks (1913–2005)’, tha MacFhionghain an sàs an té de cheistean móra ar linn: car son a tha sinn obseasaichte le dath craicinn mura h-eil e gu diofar? Leig Parks fhaicinn, a réir choltais, gu bheil nithean ann “Nas doimhne na / dath a’ chraicinn, / coltas na bothaig [sic], / no labhairt na teangaidh”, agus gur iad na nithean sin “cleachdadh is cainnt”.

Hide Ad
Hide Ad

Ann an guth nas aotruime, tha a’ Ghàidhlig a’ dol ’na Facebook friend ann an ‘Làrach nan Ceanglaichean agus a’ Ghàidhlig’. Tha i car aonaranach ’s tha feum aic’ air caraidean, gun teagamh.

Se an treas seòrsa bàrdachd san leabhar an seòrsa tha a’ buntainn ruinn uile mar dhaoine. Fóghnaidh dà eisimpleir. Tha ‘Té-Ghléidhidh’ brèagha: ’s i leannan a’ bhàird an cuan. ’S tha ‘Aon Sràid’ a’ cur an cuimhne dhomh na statistigean ud a tha a’ sealltainn gu bheil 60 ás a’ cheud de bheairteas Ameireaga aig 25 ás a’ cheud de na daoine (neo rudeigin mar sin). Oir tha e mu thriùir tha bochd agus aon té tha beairteach, ’s tha an té bheairteach a’ tilleadh a-rithist ’s a-rithist sna h-aon fhaclan. Rud ris an canadh iad sa Ghàidhlig “séist” neo sa Bheurla “chorus” – neo “burden”.

Mar obair phreantasachd tha Famhair gealltanach, ’s tha e iomchaidh gun deach Lodaidh MacFhionghain a chrùnadh ann an 2011 mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghaidhealaich. Rud na dhà san dealachadh ge-tà.

Tha e ’na spòrs aig critigean a bhith cur an corraig air “buaidhean”. Tha buaidh Ruaraidh MhicThómais – deagh mhaighstir! – ri fhaicinn an obair MhicFhionghain. Tha “Fàilidhean a’ chofaidh dhuibh / is bacon a’ braganaich air a’ stobh / a’ ceathachadh mu m’ shròn / a’ mhaduinn chùbhraidh seo” (ann am ‘Fàilidhean’) uabhasach coltach ri rud ann an ‘Àirc a’ Choimhcheangail’ aig MacThómais. ’S tha ‘Làmhan mo Mhàthar’ a’ leantainn eisimpleir ‘Làmhan’ MhicThómais, ach mar dheagh phreantas tha MacFhionghain a’ cur car san sgeul: “Agus thug mi ’n aire, / Gu robh an [sic] aon làmhan againn.”

Tuigear on phlàigh sic agam nach eil mi riaraichte daonnan le Gàidhlig an duine. Dh’fhaodte nach eil innt’ ach Gàidhlig Cheap Breatainn. Tha eadar-theangachadh Beurla air gach duilleig mu choinneamh, ’s uaireannan tha e air leth feumail. Mar eisimpleir, cha do thuig mise an loidhne “Chan ann ach dath a’ chraicinn.” Tha cho math gu bheil i eadar-theangaichte gu soilleir: “It isn’t just skin colour.”

An ‘snaithlean oir san uaimh’:fios mu Ghaidhil Alba Nuaidh

Tha “Rannsachadh na Gàidhlig” air a bhith a’ gabhail àite ann an diofar oilthigh bho thòisich e ann an Obar Dheathain ann an 2000, agus tha leabhar air a bhith ann mu gach fear. Tha na leabhraichean seo ’nan uamhannan òir làn fiosrachaidh ’s deasbaid mun Ghàidhlig.

Ann an 2008 chaidh a’ cho-labhairt a chumail taobh a-muigh Alba son a’ chiad uair – ann an Oilthigh Fransaidh Xavier ann an Antigonish, Alba Nuadh. Chaidh móran sgoilearan Gàidhlig a-null a ghabhail pàirt còmhla ri na Canèidianaich. A-nist tha an leabhar a-mach: Rannsachadh na Gàidhlig 5: Fifth Scottish Gaelic Research Conference, deasaichte le Kenneth E Nilsen (Clò Oilthigh Cheap Breatainn, ri fhaotainn o Chomhairle nan Leabhraichean, £15.99).

Hide Ad
Hide Ad

Nuair thuiteas sinne air an Albannach a-staigh do dh’aon de na h-uamhannan seo bidh sinn a’ suathadh ar sùilean ’s a’ brodadh mun cuairt san duibhre, an dòchas gun coinnich sinn ri trì rudan. Aon phàipear mór cudromach a nì eachdraidh. Pàipearan ann an Gàidhlig. Agus snàithlean phàipearan a bhios gar treòrachadh tron uaimh bho sheòmar gu seòmar, gach fear a’ cur beagan ris an aon sgeul, mar usgraichean sgaoilt’ air an làr.

Bu toigh leam a ràdh g’eil am pìos aig Aonghas MacCoinnich, mu chriomagan Gàidhlig ann an eachdraidhean Beurla Chlann Choinnich, ’na “phàipear mór a nì eachdraidh”, ach chan eil, buileach – ged as e am pàipear as motha san leabhar! (Se a rinn eachdraidh am pàipear aig Màrtainn MacGriogair, foillsichte bho chionn deich bliadhna, air a bheil e stéidhte.) Tha MacCoinnich a’ faighneachd cheistean math, ach chan eil e toirt seachad nam freagairtean gu léir. Chan eil e fuasgladh dubhfhaclan nan criomagan Gàidhlig seo uile a tha cho doirbh an tuigsinn. Nuair chuireas e na rannan an òrdugh grinn ’s a mhìnicheas e iad facal air an fhacal, nì e eachdraidh.

Mur e pàipear MhicCoinnich as fheàrr ma-thà, se am pàipear aig Mìcheal Newton, oir tha esan an sàs an ceist mhór a bhuineas ri eachdraidh, poileataigs, feallsa-nachd, creideamh, cinneadh: am bu chòir Gaidhil Chanada fhaicinn mar “Bhreatannaich”: ceannardach, “sìobhalta”, Crìostaidh, misneachail sa chultar aca? (Có an cultar?) Neo mar “Innseanaich”: neo-fhoghlaimte, pàganach, neòghlan, mì-rianail? Tha Newton a’ làimhseachadh seo gu faiceallach ’s a’ toirt fianais luachmhor gu solas an latha. Mar eisimpleir, nuair sgrìobh cuideigin san Indian Magazine ann an 1896 gum bu chòir réiseamaid Innseanach a bhith ann, mhol e aodach a bha gu h-iongantach coltach ri breacan an fhéilidh!

Tha 24 pàipear san leabhar, ceithir dhiubh an Gàidhlig, pàipear MhicCoinnich ’nam measg. Aon ás gach sia: sin an àbhaist an-dràsta. Tha mi toilichte a ràdh gur ann mu dheidhinn Alba Nuaidh a tha na trì eile air fad.

Agus tha sin gam thoirt gu fìor neart an leabhair seo. Se Alba Nuadh an snàithlean, an t-òr glan. Tha iomadh pàipear beag ann mun dùthaich, agus còmhla tha iad a’ toirt dealbh beòthail dhuinn de dhualchainntean, de dh’eachdraidh, de chreideamh, de shaoghal tradiseanta, de dh’òrain, de sgeulachdan ’s de ghaisgich nan Gaidheal ann an Albainn Nuaidh.

Tha tòrr stuth math eil’ ann nach eil a’ buntainn ri Canada idir. Eachdraidh beatha Chaluim Iain MhicillEathain, mar eisimpleir. ’S chan e sgoilearan sgoilearan mura can iad corra rud a tha dùbhlanach. A réir Janice Fairney bha Comann na Gaidhealtachd ’na “mheur” de Chomann Gàidhlig Lunnainn. A réir Guy Puzey “Irish place-names on bilingual signs are in an italic Celtic-styled typeface that makes them harder to read than their clear English counterparts”. A réir Laurinda Matheson tha “Banais Aonghais an t-Sagairt” a’ ciallachadh “Wedding of Angus the Priest”. Agus a réir Donald J Gillies tha airtigealan riaghailteach Gàidhlig anns a’ Herald agus a’ Scotsman.

Dà phuing nas motha. Nach truagh nach eil an leabhar ag innse dhuinn co iad na daoine a tha a’ sgrìobhadh. Agus tha seann seann chleachdadh a’ leantainn nach do thuig mise riamh – pàipearan Beurla le quotes Gàidhlig gun an eadar-theangachadh. Ma tha sgrìobhadairean an dùil gun tuig na leughadairean aca Gàidhlig, car son nach sgrìobh iad fhéin ann an Gàidhlig?