Eil consairtean ciùil a’ cur ri àireamh luchd-bruidhne?

A BHEIL Fèis Bhlas, a chaidh a chumail bho chionn ghoirid, dha-rìribh a’ tarraing dhaoine dhan Ghàidhlig ’s a’ cur ri na th’ ann de luchd-bruidhne, mar tha Bòrd na Gàidhlig a’ cumail a-mach? Thug mi sùil gheur air “Inbhich ag Ionnsachadh na Gàidhlig ann an Alba”, aithisg le Wilson MacLeòid et al a nochd ann an 2010. A rèir a’ Bhùird tha i làn fianais gu bheil consairtean ciùil math dhan a’ Ghàidhlig.

Tha i ag ràdh mu bheachdan an luchd-ionnsachaidh: “Thagh glè bheag gur e ceòl, litreachas no cur-seachadan . . . am prìomh adhbhar aca” air son a’ chànan ionnsachadh. ’S tha i a’ leantainn: “Cha robh a’ chuid a bu mhotha (58%) den luchd-agallaimh air pàirt a ghabhail ann an tachartasan cultarach le ceangal sam bith don Ghàidhlig . . . mus do thòisich iad air a’ chànan ionnsachadh.”

’S an uair sin: “Bha e iongantach nach robh ach ceathrar (7%) luchd-agallaimh a shaoil gu robh e na chuideachadh don tuigse aca air cultar is luchd-labhairt na Gàidhlig a bhith a’ frithealadh thachartasan cultarach.”

Hide Ad
Hide Ad

Cha chanadh neach gu bheil an aithisg bhrìoghmhor seo a’ daingneachadh gun tig buannachdan á consairtean ciùil. Tha i air làrach a’ Bhùird aig http://www.gaidhlig.org.uk/ga/obair-a-bhuird/rannsachadh.html

NIALL MacRATH