Eige: cumhachd dhan t-sluagh

Chomharraich muinntir Eige an t-seachdain seo gu bheil 15 bliadhna ann o cheannaich iad an t-eilean as dèidh bhliadhnaichean mòra de dhearmad agus de chion leasachaidh fo stiùir dhiofar uachdarain.

B’ ann air 12 Ògmhios 1997 a fhuair muinntir an eilein sealbh air Eige, ’s mar a mhìnich Magaidh Fyffe, rùnaire Urras Dualchais Eige, tha cruth-atharrachadh air tighinn air an àite bhon uair sin. “Bha bliadhnaichean air a bhith ann far nach robh duine a’ cosg airgead gus rudan a leasachadh, agus tha mi a’ creidsinn gun tàinig cùisean gu ceann nuair dh’fheuch Schellenberg ri daoine chur a-mach ás na taighean aca. Bha econamaidh an eilein ann an droch staid. Ach aon uair ’s gun d’fhuair sinn smachd air, dh’atharraich cùisean.

“B’e aonan de na rudan mòra a thachair gun d’fhuair sinn còraichean tèarainte air an fhearann ’s air na toglaichean a thàinig leis an oighreachd. Cha robh cunnart ann tuilleadh gun robh daoine gu bhith air an sadail a-mach ás na taighean no far an fhearainn aca. B’e a’ chiad phròiseact mòr a rinn sinn ‘An Laimhrig’, togalach shìos aig a’ chidhe far a bheil oifis a’ phuist agus bùth, rùm-tì agus bùth a tha reic bathar-ciùird. Bha fhios againn o bhith bruidhinn ri daoine gur e sin a bha dhìth, agus air a’ chiad cheann-bhliadhna againn san Ògmhios 1998, dh’fhosgail sinn an t-ionad. Thug e spionnadh dhan choimhearsnachd agus cothrom do thriùir ás a’ choimhearsnachd gnìomhachas a ruith.”

Hide Ad
Hide Ad

Mar thoradh air ath-bheothachadh Eige, a rèir Magaidh tha an àireamh sluaigh air a dhol an àirde bho 67 gu mu 90 bho chaidh an t-eilean a cheannach leis an Urras. “Tha Eige a’ dol bho neart gu neart agus se an rud as motha a tha mise a’ faicinn gu bheil daoine òga a’ tilleadh. Tha dà bhanais gu bhith againn as t-samhradh le daoine òga a bhuineas dhan eilean.”

Tha an t-Urras air a bhith an sàs ann an iomairtean eile thar nan 15 bliadhna, leithid stèidheachadh companaidh togail a bhios a’ cur air dòigh taighean an Urrais agus toglaichean eile san eilean. Ach se am pròiseact bu mhotha a thug buaidh air beatha nan eileanach an sgeama cumhachd ath-nuadhachail, a thug dealan a tha glan agus cunbhalach dha gach taigh agus togalach.Magaidh Fyffe a-rithist: “Cho fad ’s as cuimhne leam, agus tha mi air a bhith an-seo còrr agus 30 bliadhna, bha daoine bruidhinn mu dhealan aig coinneamhan. Bha sinn an eisimeil uidheaman diesel son ar cumhachd oir cha robh sinn ceangailte ris a’ ghriod, agus dh’fhàg sin cùisean gu math doirbh.”

As dèidh dhaibh coimhead air diofar roghainnean bha e follaiseach gum feumadh iad siostam iomlan dealain a chruthachadh air an eilean. Air ceann na h-iomairt sin bha an t-Oifigear Leasachaidh aig an Urras aig an àm, Ian Leaver. Thuirt esan: “As dèidh dhuinn rannsachadh a dhèanamh bha e follaiseach gur e an dòigh as fheàrr cùisean a thoirt air adhart, griod a chruthachadh air an eilean air son cumhachd ath-nuadhachail. Fhuair sinn companaidh, E-connect, a rinn plana dhuinn agus bha againn an uair sin ri airgead a thogail, £1.6 millean, gus am plana acasan a thoirt gu buil.

“Bha sinn air leth fortanach, oir aig an àm bha Maoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa tabhann maoineachadh mu choinneamh sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail son eileanan a bha far a’ ghriod. B’e an rud a bha sònraichte mun sgeama againne, gun robh sinn a’ cleachdadh trì diofar sheòrsaichean de chumhachd ath-nuadhachail – cumhachd bhon ghaoith, bhon ghrèin, agus bho uisge.”

Chaidh an griod ùr beò air 1 Gearran 2008, ’s thug e buaidh nach beag air dòigh-beatha muinntir Eige, a rèir Ian: “Thug an dealan misneachd do dhaoine. Tha daoine nas deònaiche gnìomhachas a thòiseachadh a-nis, no ’s dòcha gu bheil an fheadhainn aig a bheil gnìomhachas nas buailtiche leasachaidhean a dhèanamh air na gnìomhachasan aca. Gu sònraichte nuair a thig e gu gnìomhachasan turasachd, oir mus robh an griod ann dh’fheumadh luchd-turais a bhith deònach tighinn an seo ’s a bhith ás aonais dealain, no a bhith an eisimeil uidheam diesel air son an cuid cumhachd.

“Dh’fheumadh iad fhèin uaireannan a bhith deònach coimhead as dèidh na h-uidheim. Ach chan eil an cnap-starra sin ann a-nis, ’s mar sin faodaidh daoine a bhith beachdachadh air gnìomhachasan turasachd agus gnìomhachasan eile a leudachadh.”

Tha an cumhachd a thig bho na muilnean-gaoithe, an sgeama dealan-uisgeach agus na panalan grèine ’na shamhla air a’ chumhachd a fhuair na h-Eigich an latha a fhuair iad sealbh air an eilean aca. Rudan bunaiteach ris a bheil a’ mhòrchuid againn gu math cleachdte, mar tèarainteachd sna dachaighean againn fhìn agus dealan nach tràigh a latha ’s a dh’oidhche, cha robh aca.

B’e cumhachd ath-nuadhachail dha-rìribh a fhuair iad an latha a fhuair iad an oighreachd.