Dealbh-chluich ùr Beurla le freumhan domhainn Gàidhlig

THA freumhan domhainn eileanach aig dealbh-chluich sgoinneil a tha a’ ruith ann an Dùn Éideann an-dràsta, The Idiot at the Wall le Elspeth Nic an Tuairneir.

Tha Elspeth ’na h-iar-ogha do Shandaidh Mac an Tuairneir á Ìle ’s dh’a bhean Anna NicLeòid á Beàrnaraigh na Hearadh. Bha mac aca, Niall (1896-1961), a rugadh ann am Port Sgioba ann an Ìle. Nuair a bha Niall mu shia, chaidh a chur gu piuthar a mhàthar ann am Beàrnaraigh, Ceit Oighrig, agus sann sna h-eileanan mu thuath, mar thidsear, a thug e an còrr dh’a bheatha, ach a-mhàin nuair bha e ’na shaighdear sa Chogadh Mhór ’s a’ toirt a-mach na tidsearachd an Dùn Dé.

Bidh cuimhn’ aig cuid air airtigealan Nèill ann an Gairm; tha mi a’ tuigsinn gu bheil a mhac Murchadh a’ sgrìobhadh eachdraidh a bheatha, agus tha mi a’ deanamh fiughair ri sin. Bidh leughadairean na duilleig seo nas eòlaiche ge-tà air an ainm aig mac eile dha, Ailean, làmh-léigh ann an Dùn Phàrlain aig a bheil sianar de theaghlach – Elspeth ’nam measg.

Hide Ad
Hide Ad

Tha Ailean an-diugh a’ toirt a-mach PhD ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, agus se na sgeulachdan a tha e a’ sgrùdadh ann an Làmh-Sgrìobhainnean Mhic Lathagain aon de na trì rudan a bhrosnaich Elspeth gu bhith a’ sgrìobhadh The Idiot at the Wall, anns a bheil luchd-cruinneachaidh beul-aithris a’ tighinn gu eilean beag Gaidhealach sa bhliadhna 1919. Rud eile se cuimhne Ailein air “glaoic a’ bhalla-tharsainn” a bhiodh cho math air a choimhead ás a dheaghaidh ann an coimhearsnachd eileanach sam bith. Agus an treas rud se an t-òran ‘A’ Bhean Eudaich’ a chuala i ga sheinn aig Julie Fowlis an-uiridh.

Chan e mhàin gu bheil Elspeth ’na sàr dhràmadair ach tha i ’na sàr actair cuideachd. Sann aicese tha ’m prìomh phàirt san dealbh-chluich agus an uair a tha i air an àrd-ùrlar tha e doirbh do shùilean a thoirt dhith. Sin a fhuair mise co-dhiù.

Chan e nach robh na h-actairean eile math – buinidh iad uile do ghin seach gin de dhà bhuidheann phrofeiseanta, First Bicycle agus Falling Cutlery. An aon nì a tha annasach leamsa se na chanas Elspeth sna notaichean prógraim: “At the time of writing this I am a Gaelic learner in the very early stages! Fortunately my father is a native speaker who hails from the island of Berneray. I very much wanted to use our beautiful Gaelic language in the play . . .”

Agus rinn i sin. Tha The Idiot at the Wall cumhachdach, luath-ghluasadach agus éibhinn. Tha an ceòl math – cuid dheth air a chluich le a bràthair, Murchadh. Mairidh an dealbh-chluich seo agus théid eadar-theangachadh gu Gàidhlig gun teagamh. Tha e ri fhaicinn aon uair eile anns a’ Phleasance Theatre an-diugh aig 7.30. Biomaid an dòchas gum faic an saoghal e ann am Féis Dhùn Éideann ’s gun téid e air chuairt uaireigin air Ghaidhealtachd.