Dà shàr Ghaidheal, dà shàr sgeul beatha

ANNS a’ phàipear-naidheachd mhìosail Uibhisteach Am Pàipear sgrìobh ar caraid Tormod E Dòmhnallach gur e Steall à Iomadh Lòn (Clàr, £9.99), anns a bheil Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain ag innse stòiridh a bheatha fhéin, an leabhar as fheàrr a chòrd ris riamh am Beurla no an Gàidhlig.

Ged nach d’reaghainn-sa cho fada sin, tha mise dol ga mholadh cuideachd. Chan e àrd-litreachas a th’ ann an Steall, ach tha e sgrìobht’ ann an sàr Ghàidhlig agus tha tarraing ann do mhóran a thuilleadh air Uibhistich.

Tha còrr math agus 300 taobh-duilleig aige, agus feumaidh mi aideachadh gun deach mi an sàs an toiseach sa mheadhan, far a bheil Seonaidh Ailig a-mach air a bhliadhnachan foghlaim (Sgoil Cheann a’ Bhàigh, Sgoil Phort Rìgh, Oilthigh Dhùn Éideann, Cnoc Iòrdain), air an ùine a thug e a’ teagasg (Ceann a’ Bhàigh a-rithist), agus air mar a chaidh dha air a’ BhBC.

Hide Ad
Hide Ad

Sann mar aon de cheatharnaich Roinn Ghàidhlig a’ BhBC as motha as cuimhne leams’ e. Le bhith ag aithris beò air leum paraisiut, ràinig craoladh Gàidhlig ìre feabhais nach do ràinig e roimhe no as a dheaghaidh. Thàinig air Seonaidh Ailig bochd, le ghuth binn ’s le chasan beaga goirid, an leumair (Lachlann Robastan) a lorg sa bhoglach nuair a bhuail e talamh. Tha e a’ toirt duilleag dha siud. An ceann 40 bliadhna eile chuala mi e ri craoladh cruthachail a-rithist, a’ sainnsearachd tron mhaidhc on Mhòd Nàiseanta. Chan eil sin air ainmeachadh, ach bha e àraid.

Thill mi an uair sin gu toiseach an leabhair. Rugadh Seonaidh Ailig ann an 1937, ’s bha mi air mo bheò-ghlacadh leis an iomradh aige air baile àraich an Uibhist a-Tuath (Gollair) ’s air eachdraidh agus beul-aithris an eilein. Sann sna caibidealan tràth seo a tha de dh’fhìor luach aig Steall. Mar bu chudromaiche dh’fhàs ar laochan san t-saoghal, ’na mo bheachd-sa, sann bu lugha de thàladh a tha san t-seanchas aige.

Ann an 1972 dh’fhàg e am BBC ’s rinn e air Canada far an robh obair aige mar oifigeach conaltraidh dhan ghnìomhachas niùclasach – an toiseach ann an Ceap Breatainn, an uair sin sa chòrr den dùthaich agus mu dheireadh air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta. Mar sin, bidh ùidh air leth ann an Steall do Ghaidhil Chanada. Chan eil an t-uabhas aige ri ràdh idir mun àm timcheall air 2000 a bha e a-bhos an-seo a-rithist ag obair aig Comataidh an Telebhisean Gàidhlig agus a’ fuireach ann an Rèinigeadal.

Tha snàithlean an leabhair air a dheagh thoinneamh eadar iomradh onarach air cùrsa beatha, cùl-cinn luachmhor, beachdan làidir agus stòiridhean math (cuid dhiubh anabarrach éibhinn). Chan eil ach dà ghearan agam. Chan eil an t-ùghdar math air deatachan – có an Gaidheal a thà? Agus bidh sinn a’ call prìomh dhual an t-snàithlein an-dràsta ’s a-rithist, oir chan eil ainmean nan caibidealan a’ nochdadh air bàrr gach dàrna taobh-duilleig mar a bhiodh dùil agad.

Tha Mo Là Gu Seo: Eachdraidh mo Bheatha le Tòmas M MacCalmain (Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba, £15) ’na bhlàth den aon chraoibh (farpais a’ Chomainn Leabhraichean 1971) a thug dhuinn Suathadh ri Iomadh Rubha. Feumaidh nach robh e fad air dheireadh air, oir tha e math. Chaidh an làmh-sgrìobhainn a thilleadh chun an ùghdair, a dh’eug ann an 1984, aois 76; seo a-nis e air a dheasachadh gu snasail le Dòmhnall Meek, le taic bho Nansaidh NicGuidhir.

Bha MacCalmain ’na mhinistear san Eaglais Stéidhte. Mar a chanas e fhéin, ge-tà, “Bidh ministearan eile a’ cluich golf no ri cleasan eile, ach is e an cur-seachad as fheàrr leamsa a bhith a’ rùrach ann an cànain agus litreachas agus beul-aithris nan Gàidheal. Chan adhbhar dhomh tòiseachadh ri innse mu na ceudan òraidean a sgrìobh mi am Beurla agus an Gàidhlig ann an iomadh pàipear, mìosachan, agus iris, agus mu na h-òraidean a liubhair mi an iomadh àite do iomadh comann.”

Glan. Ach bha tuilleadh ri MacCalmain na facail. Rugadh e an Glaschu ann an 1907, ’na mhac seòladair. B’ i Bheurla cainnt an teaghlaich ged a bha Gàidhlig aig a phàrantan. Thill iad a Chaol Reithe ann an 1913, ’s thogadh e an-sin agus taobh thall a’ chaoil ann an Sanndaig Ghlinn Eilge. Se an t-iomradh fada aige air muinntir na dà sgìre sin an nì as luachmhoire mun leabhar. Oir, mar a thuirt mi mun chruinneachadh bheag de sgrìobhaidhean MhicCalmain a dh’fhoillsich Meek ann an 2010, Os Cionn Gleadhraich nan Sràidean, tha e follaiseach gur e “toil dhaoine” – gràdh do dhaoine – a dh’aotromaich a cheum tron t-saoghal. Gu h-inntinneach, chan fhac’ e fhéin seo ach gu dorcha tro ghlainne: “Aig amannan shaoilinn ’s dòcha gun robh barrachd ùidh agam ann an leabhraichean na ann an daoine, ach cha robh mi ga fhaicinn iomchaidh mo bheatha a chaitheamh an sàs ann am mion-sgoilearachd leabhraichean is làmh-sgrìobhainnean.”

Hide Ad
Hide Ad

Dh’éirich e gu bhith ’na mhodaràtar an Àrd-Sheanaidh ann an 1969, agus tha e ’g innse dhuinn mun “ùpraid ann an aon de na galaraidhean an uair a thàinig riochdaire bho Eaglais na Ròimhe an Albainn air adhart. Cha b’ iad buill de Eaglais na h-Alba a rinn an ùpraid ach coigrich.” Seadh, Ian Paisley agus Jack Glass – tha cuimhn’ a’m glé mhath oir bha mi ann ’nam chù-naidheachd òg.

Tha rosg MhicCalmain an-seo nas stòlda na ann an Gleadhraich. Ma tha thu ’nad neach-ionnsachaidh, leugh Mo Là mun leugh thu Steall. Far a bheil Mac a’ Phearsain a’ sgrìobhadh anns gach dath tha sa bhogha-froise, le brod na Gàidhlig Uibhistich, is fheàrr le MacCalmain an dubh ’s an geal, gun dad idir aige nach lorg thu aig Dwelly. Tha e a’ cur soilleireachd os cionn gach nì. (Tha mi deimhinne san dol seachad g’eil e cleachdadh “agus” nas trice na Seonaidh Ailig, leithid: “A Sanndaig rachainn corr uair – am bitheantas neach eile leam – air chuairt a thadhal air càirdean is dàimhich an Arnasdail, sia mìle air falbh, agus sinn a’ coiseachd ann is às.”)

Bha MacCalmain ’na chathraiche air iomadh bòrd, agus tha na trì caibidealan mu dheireadh – air leasachadh na Gaidhealtachd, air a’ Ghàidhlig ’s air a mhodaràtarachd – nas coltaiche ri aithrisean foirmeil na ri eachdraidh-beatha. Ach nuair a tha e math tha e uabhasach math. Dhòmhsa, sheas ceithir earrannan a-mach. Stòiridh mu sholas manaidh a chunnaic e fhéin ’s a sheanmhair ann an Sanndaig (tdd 106–7). Mar a dh’fhan e gualainn ri gualainn ris a’ chòrr de na sgoilearan an aghaidh làmhachas-làidir ceannard sgoil Phort Rìgh (126–30). A’ chiad uair a chaidh e an ceann seirbheis, ann an Dearbhaig (Muile) aig aois 20: trom-lighe bho thoiseach gu deireadh (164–5). Agus an Dàrna Cogadh ann an Glaschu (189–91).

Sgrìobhadh cumhachdach.