Coimhead a-mach tha Shrapnel a' Tighinn!

Dèanaibh ullachadh mu choinneamh Shrapnel! Dealbh-chluich ùir, Ghàidhlig a thòisich an Glaschu an t-seachdain-sa agus a tha a' dol air chuairt air feadh Alba thairis air a' Mhàrt agus a-steach don Ghiblean.
Catriona Lexy Chaimbeul, sgrìobhaiche & cleasaiche ShrapnelCatriona Lexy Chaimbeul, sgrìobhaiche & cleasaiche Shrapnel
Catriona Lexy Chaimbeul, sgrìobhaiche & cleasaiche Shrapnel

Tha an rabhadh seo a’ tighinn oir chan e feasgar socair, grinn le gàire no dhà a bhios romhaibh ach oidhche a bheir air thuras sibh tro dhubhair is eucoir a’ bhaile mhòir. Turas a ghluaiseas inntinn is cridhe, a dh’fhosglas ur sùilean is ur cluasan gu fuaimean is faireachdainnean a chuireas eagal is iongnadh oirbh. Ach cuiridh mi geall gun dèan sibh iomadh lasgan gàire cuideachd ris a’ bhrolais is a’ gheur chainnt is dual tighinn an cois sgrìobhadh Thormoid Chaimbeil nach maireann agus a nighean Catriona Lexy.

Sgrìobh Tormod an nobhail Shrapnel ann an 2009 agus thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh de bheatha bha Catriona Lexy ag obair air ath-chruthachadh mar an dealbh-chluich seo dhan tug a h-athair a bheannachd.

Hide Ad
Hide Ad

Tha Shrapnel air a stèidheachadh ann am baile mòr Dhùn Èideann. Tha sinn a’ leantainn fear a tha fon choill, fear air a bheil casaid murt. Siubhailidh sinn na chuideachd ceithir thimcheall a’ bhaile a’ coinneachadh iomadach neach annasach fhad ’s a tha sinn a’ dèanamh ar n-uile dhìcheall a bhith a’ seachnadh seann phoileasman brùideil, Walter Shrapnel. Gheibh sinn mion-eòlas air MacLurgaran, thèid sinn a dh’òl ’s a sheanchas ann an Donati’s fo shùil Mharia Carlotta, bidh sinn air falach ann an taigh còmhnaidh Mrs Anderston an cuideachd an fhir brathaidh Riach agus air ais ’s air adhart às an Royal Infirmary fo chùram nan nursaichean bòidheach, Effie Joan is Mavis. Chan fhaigh sinn air ar n-anail a tharraing le na tha aca uile ri ràdh ann an cainnt shoilleir, gheur-bhriathrach, eirmseach, Ghàidhlig le corra shrutan de Bheurla agus briathran borb a’ bhaile:

Tha Riach a’ toirt pàipear-naidheachd dha MacLugran. Sgrìobht’ ann: Vicious attack … retired Detective Sergeant Walter Anthony Watson, 63 … struggling for his life … Suspect escapes! Tha dealbh identikit de MhacLugran sa phaipear.

RIACH: ’S tusa th’ ann.

MACLUGRAN: Eil mise coltach ri sin?

RIACH: Dè mu dheidhinn comharr an t-Sàtain? Fon t-sùil?

MACLUGRAN: Tha na h-uimhir a dh’ìomhaigh aige rium gun teagamh, ged a tha na sùilean ro fhada bho chèile. Nas colthaiche ri Iain Bull, mac piuthar mo sheanmhar a dh’fhalbh ann an long-chogaidh. A thuilleadh air a sin, tha an t-sròin flat agus chan eil a’ làrach a dh’fhàg William James Smith, geal fon t-sùil, buileach ceart.

RIACH: ’S tusa th’ ann. A mhastaig!

Tha na còmhraidhean an còmhnaidh dathte is mionaideach le facail òrain, eachdraidh teaghlaich is tachartasan beatha is bàis. Tha iomhaidhean air an cruthachadh agus lasgain gàire tric air an dùsgadh is sinn a’ leum eadar dhualchasan is suidhichidhean is àiteachan eadar dhealaichte.

Tha MacLugran air trèine. Tha e a’ toirt botal bourbon à phòcaid agus ag òl.

MACLUGRAN: (A’ seinn) Sure by Tummel and Loch Rannoch, by Lochaber I will go, by heather tracks wi’ heather in their wiles...

Tha duine na shuidhe tarsainn bho MacLugran.

MACLUGRAN: Tha rudeigin ma do dheidhinn…An leud a tha nad dhruim a’ cuimhneachadh dhomh maraichean na h-Àirde – Calum Crois a’ Mhargaidh air lìobha air an t-slighe dhan Bhlack Bull…Aonghas Mòr Iain ’ic Sheumais. Chan e. Chan e. Cuideigin eile a tha seo…

Chan eil an duine a’ gabhail aire dheth.

Hide Ad
Hide Ad

MACLUGRAN: (A’ seinn) If it’s thinkin’ in your inner heart the braggart’s in my step, you’ve never smelled the tangle o’ the Isles! Cha robh mi a-riamh ann an Tummel. Rannoch agus Lochaber – chaidh iad seachad ann an ceò agus dòrtadh uisge ’s mi na mo chadal air trèine mhòr Mhallaig. Na h-ainmeanan air an t-slighe ud: Arrochar is Tarbet dè dh’èirich dha ‘r’? Carson nach robh Tarbet man Tairbeart na Hearadh, Tairbeart Loch Fine an sgadain ùir? Le ‘r’ na earball. Innis sin dhomh, sibhse a thug a-mach am foghlam, ’s sinn ri siubhail gu Ardlui ‘by yon bonnie banks…yon bonnie braes.’

Tha an trèine a’ tighinn gu stad le dìosg.

MACLUGRAN: Càit’ bheil sinn? An e Crianlarich a tha seo?

A’ toirt na sgeòil beò air an àrd-ùrlar bidh sàr chleasaichean ainmeil is aithnichte bho thelebhisean agus an stèidse leithid Iain MacRath, Màiri Mhoireasdan, Artair Donald, Iain Beggs, Calum Dòmhnallach agus sgrìobhaiche an deilbh-chluich fhèin, Catriona Lexy Chaimbeul, nan cois. Tha an sgioba riochdachaidh a cheart cho cliùiteach leis an stiùiriche Muireann Kelly, an tè bhuadhmhor a tha air cùl lèirsinn chruthachail na companaidh Theatre Gu Leòr, air an ceann; a’ cur ri beairteas nam briathran ann an Shrapnel bidh dreach fuaim is ciùil sònraichte fo stiùir Matt Padden a th’ air duaisean eadar-nàiseanta a chosnadh airson a chuid obrach; a’ toirt Dùn Èideann agus làraich cois na seòid beò air an àrd-urlar bidh an obair làimh is dhealbhadaireachd Iain Craig agus Carys Hobbs fo lasadh sholais Karen Bryce.

Bidh cothrom aig mòran air feadh na dùthcha Shrapnel fhaicinn. Thòisich a’ chuairt an Glaschu agus tha e a’ gluasad a Dhùn Èideann an ath sheachdain agus às an sin gu 10 bailtean eile air feadh Alba. Gheibhear fiosrachadh is na cinn-là gu lèir air làrach-lìn Theatre gu Leòr. A thuilleadh air sin bidh cothrom ann leth-bhreac den dealbh-chluich a cheannach is Leabhraichean Beaga air fhoillseachadh san dà chànan (’s i Màiri Sìne Chaimbeul a rinn an tionndadh Beurla). Bidh iad sin rin ceannachd aig na tachartasan. Thig a’ chuairt gu crìch ann an eilean àraich Thormoid le seachdain de thachartasan sònraichte do gach aois airson brosnachadh sgrìobhadh, leughadh is cleasachd anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh.

Le sàr dhealbhachadh, fo-thiotalan agus ceòl, tha Shrapnel freagarrach airson fileantaich, luchd-ionnsachaidh agus daoine gun smid Ghàidhlig ach ri linn frasadh de dhroch chainnt agus gnìomhan eucoireach chan eil e iomchaidh do dhaoine òga fo aois 14.

lTadhailibh air www.theatreguleor.co.uk airson cinn-là Shrapnel. A-nochd (12/03) bidh e air àrd-ùrlar Tron Ghlaschu agus Dimàirt is Diciadain-sa tighinn (15 & 16/03) ann an Storytelling Centre Dhùn Èideann.