Cèilidh roc air mullach Beinn Nibheis

Air latha aig deireadh an Lùnastail ris an canadh iad Dòmhnach Crom Dubh, bhiodh daoine uair­eigin a’ sreap gu mullach beinne mar ìobairt do dhia Pàg­anach ris an canadh iad Crom Dubh.

Aig an aon àm den bhliadhna, shreap 200 rocair gu mullach Beinn Nibheis Disathairne sa chaidh airson adhbhar gu math eadar-dhealaichte: a bhith a’ cur an aghaidh aillse agus a bhith ag èisteachd ri deagh cheòl.

Aig ceann na buidhne bha Mike Peters, an seinneadair leis a’ chòmhlan roc The Alarm agus a-nis le Big Country cuideachd. Às dèidh dha fulang dà thuras le leukaemia, bha e airson daoine eile anns an aon suidh­eachadh a chuideachadh tron cheòl aige. Stèidhich e an carthannas aillse Love, Hope and Strength Foundation ann an 2007.

Hide Ad
Hide Ad

Tha Mike air cluich air mull­ach iomadh beinn ainmeil gus airgead a thogail. A’ tòiseachadh leis yr Wyddfa (Snowdon) faisg air a’ bhaile aige fhèin, Prestatyn ann an ceann a tuath na Cuimrigh, tha e air cluich air Everest, air Kilimanjaro agus fiù ’s air an Empire State Building, ach b’ e seo a’ chiad turas aige air a’ bheinn as motha ann an Alba.

Thòisich gnothaichean oidhche Haoine le consart anns a’ BhA Club sa Ghearasdan le Mike Peters, Smiley agus James Stevenson aig an Alarm, Bruce “The Man who Invented Seagulls” Wat­son agus Jamie “Giotàr” Wat­son aig Big Country, agus Derek Forbes aig Simple Minds. ’S e “Supergroup nan Ceilteach” a bh’ aig Pet­ers air a’ chòmhlan seo, oir bha a h-uile neach-ciùil à Alba no às a’ Chuimrigh, agus chluich iad na h-òrain as ainmeile aig càch a chèile, a’ gabhail a-steach 68 Guns, 45 RPM, Sold me Down the River, Fields of Fire agus Wat­erfront. Chaidh seo a lean­tainn le caismeachd san dorch­adas gu seann Chaisteal Inbhir Lòch­aidh far an do chluich iad Love, Hope and Strength ann an solas choinnlean, rud a bhean ris a’ chridhe aig a h-uile duine a bha an làthair.

B’ e ceòl a thòisich gnoth­aich­ean madainn Disathairne cuid­eachd. Às dèidh èisteachd ri We are the Light, thòisich an sreap fada aig 5m, agus aig 9m bha an t-àm ann airson barrachd ciùil air mullach na beinne. Bha an aimsir ceòthach reothte, ach chaidh a h-uile duine a bhlàthachadh le cumhachd nan òran a chaidh a chluich, a’ gabhail a-steach Unsafe Building, Deeside, Fragile Thing agus One Guitar. Chaidh a’ mhòr-chuid de na h-òr­ain a thaghadh leis an luchd-èisteachd fhèin. Bha na faclan san òran In a Big Country gu sònraichte iomchaidh: “In a Big Country, dreams stay with you like a lover’s voice fires the mountainside, stay alive.”

Chan e cuirm àbhaisteach a bha seo ach cruinneachadh de na càirdean as sine ’s as dìcheallaiche aig an Alarm à air feadh an t-saoghail. Nam measg bha Lydia Franklin a thàinig air baidhseag­al bho yr Wyddfa agus Dave And­erson a choisich ann bho a dhachaigh ann am Baile Dhunlèibhe, cho math ri buidh­eann mhòr a thàinig bhon Ead­ailt a dh’aona-ghnothach.

Bha aillse air buaidh a thoirt air tòrr de na daoine a bha an làthair. Leugh Peters a-mach na h-ainmean aig caraidean is càirdean nan sreapadairean a bh’ air fulang le aillse. Chan e rionn­ag-roc fuar fad-air-falbh a th’ ann idir ach fear laghach càirdeil a tha dlùth ris an luchd-èisteachd aige agus glè dheònach bruidh­inn ri fan sam bith uair sam bith. ’S ged nach fhacas Crom Dubh idir, bha faireachdainn gu math spior­adail mun ghnothaich.

Related topics: