Calanas a’ tilleadh a Ghriomasaigh

SEO àm an trusaidh. Bidh na caoraich anns na h-Eileanan air an toirt far nam monaidhean gus an rùsgadh agus an sin bidh a’ chlòimh air a dinneadh ann am pocannan mòra a bhios air an giùlan gu na muilnean air tir-mòr.

Am-bliadhna bidh dùil gum fuirich beagan den chlòimh ann an eilean Ghriomasaigh fhèin, oir tha Uist Wool ag amas air muileann-snìomh a chur suas aig Scoitbheinn, aig ceann a-deas an eilein. Tha an companaidh moiteil gu bheil iad a’ faighinn £243,950 bhon Aonadh Eòrpach agus £50,000 bho Chomhairle nan Eilean Siar. Tha dùil gum bi am muileann ag obair anns an earrach an-athbhliadhn’.

Tha Dana Nic a Phì, a tha ’na ball de chomhairle Uist Wool, ag iarraidh air croitearan rùsg neo dhà a chumail ’s an toirt don mhuileann an-asgaidh gus toiseach tòiseachaidh a dhèanamh. Chòrdadh tunna de chlòimh mhìn nan othaisgean rithe.

Hide Ad
Hide Ad

Chaidh prògram trèanaidh ann an obair chlòimhe, Calanas Ghriomasaigh, a stèidheachadh an-uiridh agus bho chionn ghoirid chuir iad bùth-obrach air bhonn. Chruinnich 18 neach fad dà latha anns na Ceallan air son eòlas fhaighinn air mar a tha e comasach clòimh atharrachadh gu snàth. Thàinig an luchd ionnsachaidh á Uibhist, á Barraigh, á Leòdhas agus ás an Eilean Sgitheanach.

Co aig tha fios nach tèid an t-òran aig Uilleam MacMhathain atharrachadh gu “Fraoch á Rònaigh, muran á Bhàlaigh agus clòimh á Griomasaigh.”

Tormod E DÒmhnallach