Boinne ann am beul na gaoithe

■ cHAOCHAIL Iain Aonghas MacLeòid, 92, sna Leargaidh Ghallda. Bidh cuimhne air Iain Aonghas, a bha ás na Hearadh, mar bhàrd, mar sgrìobhadair Gàidhlig air saidheans, agus mar fhear a chuir air adhart cùis na Gàidhlig ann an Sasainn.

■ Tha Riaghaltas Westminster a’ cur ás don “cheann-là reic” air biadh. Tha iad an dùil gu bheil cus dheth air a shadail a-mach.

■ Dh’fhaodadh Urras na Pàirce agus an t-uachdaran aca tighinn gu réite nas luaithe na bhathar an dùil, a réir aithrisean.

Hide Ad
Hide Ad

■ Nochd fear san àrd-chùirt fo chasaid gun do dh’éignich e nighean san taigh aige ann am Bràgar (Leódhas) sa Ghearran, ’s fo chasaidean drabastachd eile.

■ Bha aonan air a mharbhadh agus ceathrar air an leòn le spreadhadh ann an ionad niùclasach san Fhraing. Thuirt sealbhadair an fhactaraidh nach e tubaist niùclasach a bh’ ann.

■ bha ceann-suidhe na Frainge agus prìomhaire Bhreatainn air am fàilteachadh le sluaghan móra nuair ràinig iad Libia agus a thadhail iad air Tripoli agus Benghazi. Tha an cogadh a’ dol fhathast ge-tà sa cheàrn dha’n do theich feachdan Ghaddafi.

■ Nochd dithis fhireannach, 16 agus 21, ann an cùirt Chille Mheàrnaig fo chasaidean gun do spùinn iad, agus gun do mharbh fear dhiubh balach aois 13.

■ Tha amharas ann gu bheil companaidhean ola anns na h-Eileanan a’ toirt a’ char ás an Riaghaltas le bhith ag àrdachadh phrìsean cho luath ’s a théid sgeamaichean ainmeachadh gus prìs connaidh a thoirt a-nuas.