Boinne ann am beul na gaoithe

THA Bill Ng á Singapore air tarraing às an iomairt gus Rangers a cheannach.

■ Tha abairtean Gàidhlig ann an leabhar ùr Frangach Le Tour du Monde en 180 Langues, anns a bheil 200 abairt chumanta ann an 180 diofar chànanan.

■ THUIRT Highland Fling Bungee gur e Éirisgeach an leumadair as sine an Alba. Thug Iain MacDhòmhnaill an leum air an 80mh bliadhna bho rugadh e.

Hide Ad
Hide Ad

■ bhuannaich Dè A-Nis? aig BBC Alba duais son a’ phrógraim chloinne as fheàrr ann am Féis nam Meadhanan Ceilteach ann an Doire Chaluim Chille.

■ THA taisbeanadh annasach de chlò-bhualaidhean ùra Gàidhlig ri fhaicinn san Leabharlainn Nàiseanta ann an Dùn Éideann. Bha Jennifer Giles, a chuir ri chéile e (’s a tha ag ionnsachadh Gàidhlig), a’ feuchainn ri leigeil fhaicinn gu bheil an leabharlann a’ cruinneachadh iomadh seòrsa stuth Gàidhlig, neo pàirt Ghàidhlig, bho leabhraichean foillsichte gu bileagan aig buidhnean mar eaglaisean agus comainn eachdraidh. Tha an Leabharlann toilichte gach seòrsa rud mar sin fhaotainn.

■ chaochail an t-Oll. Ken Nilsen, Profeasair na Gàidhlig ann an Oilthigh St Francis Xavier ann an Antigonish, Alba Nuadh, air 13 Giblean. Bha e 64.

■ Ghabh Riaghaltas agus Pàrlamaid na h-Alba ri Bile Ùr Westminster a tha a’ toirt chumhachdan ùra atharrachaidh air a’ chìs teachd-a-steach agus a’ toirt ùghdarras air son airgead a ghabhail air iasad air na margaidhean eadar-nàiseanta. Chan eil cìsean cusbainn no corparra anns a’ phasgan.

Dh’iarr Rìgh na Spàinne leisgeul airson dhol air sgrìob seilge ann am Botswana fhad ’s a tha eaconamaidh na Spàinne a’ crìonadh fhathast. Bhrist an rìgh, a tha na fhear-taice don bhuidhinn glèidhteachais WWF, a chruachann ’s thug sin am follais gun robh e ann.

Thèid an clèireach muslamach, Abu Quatada, a chur gu Iòrdan far an deach a dhìteadh airson chuilbheartan ceannairceach fhad ’s a bha e a’ fuireach am Breatainn. Dh’aontaich Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, gum faodadh tagradh eile maille a chur sa phròiseas.

Related topics: