Bho chionn trì mìle bliadhna, ann an Slèite . . .

Mar phàirt den Fhèis Airceòlais aig Comhairle na Gaidhealtachd, tha taisbeanadh beag ann an Slèite san Eilean Sgitheanach a’ cur ’nar cuimhne gu bheil eachdraidh gar cuartachadh air gach taobh ’s gu dearbh gu bheil sgeul ar sinnsrean ri lorg fo’r casan fhìn.

Eadar 1 agus 16 Dàmhair thèid grunn thachartasan ’s thaisbeanaidhean a chumail feadh Roinn na Gaidhealtachd far am bi cothrom aig daoine sùil thoirt air eachdraidh agus airceòlas na sgìre.

Tha an taisbeanadh ann an Taigh-Tasgaidh nan Eilean aig Ionad Chlann Dhòmhnaill ann an Slèite a’ sealltainn mar tha fuidheall agus làraich airceòlach a’ toirt dhuinn sealladh inntinneach agus dìomhair de bheatha dhaoine sna linntean a dh’fhalbh. Thuirt Ann-Marie Peckham, Iar-Chùradair an taigh-tasgaidh: “Tha ùidh aig daoine sna nithean seo, ’s tha e daonnan inntinneach nuair a bhios nithean agad tha glè shean.

Hide Ad
Hide Ad

“Chan eil an uiread de dh’eòlas aig daoine air Linn an Iarainn no Linn na Cloiche. Tha e doirbh dhuinne dealbh a thogail ’nar n-inntinn fhìn co ris a bha e coltach an uair sin seach nach eil an uiread de dh’fhiosrachadh againn ’s a th’ againn air son linntean eile.”

Tha an aon rud fìor mu Linn an Umha (mu 2500 gu 800 ro Chrìost). Tha dealbhan agus fiosrachadh san taisbeanadh mu làrach on linn sin a chaidh a lorg ann an Slèite bho chionn goirid.

Chaidh uaighean bho Linn an Umha a lorg nuair a bhathar a’ glanadh làraich air son taighean faisg air Cidhe Armadail. Chaidh na h-uaighean ’s na nithean togte a lorgadh a rannsachadh le airc-eòlaichean eadar Sultain 2009 agus Gearran 2010, le cead agus cuideachadh bho Chomann Taigheadais Loch Aillse ’s an Eilein Sgitheanaich, a chuir am pròiseact taigheadais air adhart.

Mar thoradh air na fhuaras, stèidhich muinntir an àite “Airceòlas Shlèite”. Tha a’ bhuidheann ag iarraidh gun tèid pàirt den làrach a thogail as ùr faisg air far an do lorgadh na h-uaighean fhèin. Thuirt an cathraiche aca, Niall MacGilleBhrath: “Tha sinn an dòchas feadhainn, no gach tè, de na h-uaighean no cists cloiche a thogail as ùr air làrach eile.

“Bha puist fhiodha ann, ’s tha coltas ann gun robh cearcall de thursaichean ann cuideachd uaireigin. B’e làrach gu math cudromach a bh’ ann, ’s tha sinn an dòchas a thogail as ùr, le bùird anns am bi fiosrachadh agus dealbhan.

“Ma thèid againn air làrach airceòlais a thogail as ùr aig Armadal, bidh tarraing mhòr ann do luchd-turais a tha ag iarraidh ionnsachadh mu eachdraidh ’s muinntir na sgìre sna linntean a dh’fhalbh. San ùin’ fhada bu toil leinn slighean airceòlach a chur air bhonn, agus is math dh’fhaoidte Seachdain Airceòlais a chur air dòigh ann an Slèite no san Eilean Sgitheanach.”

Mhìnich Mary Peteranna, an t-airceòlaiche bho Sheirbheisean Airceòlach Rois agus Chromba, a bha ag obair aig Armadal: “Lorg sinn uaighean cist bho Linn an Umha. Bha sluic ann san robh cuirp a bh’ air an luaithreachadh agus seachd cists (uaighean lìnigte le leacan cloiche) san robh cuirp air an luaithreachadh agus cuirp air an tiodhlacadh, ach bha tòrr de na cnàmhan nach deach a losgadh air an cnàmh ri linn cho searbhagach ’s a bha an ùir. Tha cnàimh air a luaithreachadh nas cruaidhe, agus mairidh e nas fheàrr, mar as trice.”

Hide Ad
Hide Ad

Mu na còig buill-acfhainn ailbhinn no flint tools a chithear san taisbeanadh thuirt i: “Thàinig iad á aon uaigh. Agus fhuair sinn soithichean crèadha a bh’ air an sgeadachadh ann an ceithir de na cistean eile.

“Fhuair sinn cuideachd fianais gun robh cearcall de chlachan am meadhan an làraich. Tha an fhianais on chladhach ag innse dhuinn gun deach an cearcall de thursaichean – agus coltas ann gun deach a thogail anmoch san Linn Neolithic – a thogail as ùr (agus pàirt dheth a leagail) aig diofar amannan nuair bha daoine a’ cleachdadh an làraich, agus b’e an suidheachadh mu dheireadh, trì tursaichean air am fàgail leis a’ chiste as motha sa mheadhain.

“Tha an làrach seo glè chudromach do dh’Alba. Seo a’ chiad chladh ciste a chaidh a lorg ’s a rannsachadh gu profeiseanta san Eilean Sgitheanach. Tha e toirt cothrom dhuinn cultar Linn an Umha san eilean a chur an coitheacsa làraichean eile an Alba. Tha na soithichean bìdh gu sònraichte inntinneach, o nach d’fhuaras dad coltach riutha ann an àite sam bith san Eilean gu ruige seo.”

Tha taighean ùra a-nis air clach eile a chur ri càrn airceòlais Armadail, agus àite a bha air leth cudromach do dh’eileanaich a dh’fhalbh a-nis ga chur gu feum son teaghlaichean an là ’n-diugh.