Beul na gaoithe

BHUAIL dealanach am pleun a bha a’ giùlan ceann-suidhe ùr na Frainge, François Hollande, gu Berlin a choinneachadh ris an t-Seannsalair Angela Merkel.

■ THA ùidh aig Alba, Éirinn ’s a’ Chuimrigh ann an co-thagradh son Farpais Ball-Coise na Roinn Eòrpa a chumail ann an 2020.

■ Thòisich heileacoptairean Bond a’ siubhal a-rithist eadar na crainn-ola agus Obair Dheathain.

Hide Ad
Hide Ad

■ FHUAIR an Dalai Lama duais $1.7 millean son ceanglaichean a bhrosnachadh eadar saidheans agus spioradalachd.

■ Tha Trees For Life air 999,999 craobh dhùthchasach a chur sa Ghaidhealtachd bho thòisich iad ann an 1989. Cuiridh iad am milleanamh a-màireach..

Related topics: