Beul na gaoithe

THÉID sgoiltean ’s roinnean sgoile a dhùnadh sna Hearadh, an Càrlabhagh, an Lìonail ’s an Siabost bho bhreithnich Cùirt an t-Seisein nach robh còir aig Riaghaltas na h-Alba bacadh a chur air Comhairle nan Eilean Siar bho bhith ga dhèanamh.

Chaidh barrachd Gaeilge a labhairt ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa an-uiridh na chaidh de dh’Estòinis no de Mhaltais. Bha 45 mionaid aig Gaeilge, 32 aig Estòinis agus 13 aig Maltais.

Cha do nochd sealbhadair Rangers, Craig Whyte, anns a’ chùirt agus e fo chasaid gun do dhràibh e ro luath air an A9 eadar Dail Chùinnidh agus Ceann a’ Ghiùthsaich. Tha caisteal aige ann am Baile nan Granndach.

Tha a’ Bhanrigh Ealasaid 60 bliadhna air a’ chathair rìoghail. Chaidh an latha a chomharradh Di-Màirt le sluaghan a bha gu math mór ann an Sasainn ach na bu lugha ann an àiteachan eile.