Beul na gaoithe

Tha slàinte dhaoine an Alba a’ fàilneachadh nas tràithe a-nis na bha i roimhe, a réir aithisg bho Oifis na Statistearachd Nàiseanta. Tha cuid mhath de dh’fhireannaich a’ dol bhuaithe aig deireadh an caogadan.

• Fosglaidh 14 làraichean ùra air son foghlam tro mheadhan na Breatannais sa Bhreatainn Bhig anns an Fhraing, rud a bheir a-steach 15,000 sgoilear uile gu léir dhan t-siostam aca. Tha nas lugha na 3,000 sgoilear ann am foghlam Gàidhlig ann an Alba, ’s gun Sgoil Ghàidhlig idir anns na h-Eileanan Siar.

• Thathar a’ tomhas nach eil ach 150 cat-fiadhaich beò air a’ Ghaidhealtachd an-diugh.

Hide Ad
Hide Ad

• Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ meas gu bheil e a-nis ro chunnartach do dhaoine an sgudal aca fhéin a chur ann an sgiopaichean, agus mar sin cha bhi an t-seirbheis ann tuilleadh.

• Tha 270 duine ann an Afraga a-Deas fo chasaid muirt an déidh don phoileas 34 mèinnearan a mharbhadh air 16mh Lùnastal.

Related topics: