Beachd Éireannach air Burns, làn blàths, làn beul-aithris, làn Gàidhlig

Tha rudeigin ùr ri ràdh daonnan mun bhàrd an cànan no meadhan sam bith: dà oileanach, Gary Ball agus Mark Lawrence, aig Pàrlamaid na h-Alba an-uiridh le collage a rinn iad. Picture: Ian RutherfordTha rudeigin ùr ri ràdh daonnan mun bhàrd an cànan no meadhan sam bith: dà oileanach, Gary Ball agus Mark Lawrence, aig Pàrlamaid na h-Alba an-uiridh le collage a rinn iad. Picture: Ian Rutherford
Tha rudeigin ùr ri ràdh daonnan mun bhàrd an cànan no meadhan sam bith: dà oileanach, Gary Ball agus Mark Lawrence, aig Pàrlamaid na h-Alba an-uiridh le collage a rinn iad. Picture: Ian Rutherford
'O wad some Power the giftie gie us, tae see oursels as ithers see us.' Se File Náisiúnta na hAlban, Rabbie Burns: An Nasc le hÉirinn, le Pádraig Ó Baoighill (Coiscéim, £15) a' ghibht mun do labhair am bàrd.

Nise, cha chuimhne leam leabhar sgrìobhte an Gaeilge a léirmheasadh an seo roimhe. Ach ma bha leabhar Gaeilge airidh air ar n-aire riamh, seo e. Tha e mu’r deidhinn-ne. Tha e math. Tha tòrr Gàidhlig ann agus beagan Beurla cuideachd. Sann á Rann na Feirste ann an Tìr Chonaill (Dùn nan Gall) a tha an t-ùghdar agus mar sin chan eil e doirbh a leughadh (ged nach eil “cha” ann seach “ní” ach aon uair dha’n do mhothaich mi).

Tha Ó Baoighill a’ déileadh aig an fhìor thoiseach ris a’ cheist a dh’éireas ’nar n-inntinn. “Cuireadh ceist go minic orm cén fáth a raibh fear as Tír Chonaill ag scríobh fá Rabbie Burns. Ba é an freagra a thug mé gur chuala mé trácht air an fhile mhór go minic i dtithe an airneáil i Rann na Feirste agus go bhfaca mé leabhar de chuid Burns i dteach mo mhuintire nuair nach raibh mé ach deich mbliana d’aois. Bhíodh mórán de mhuintir an bhaile ag obair i gceantar an fhile in Inbhir Àir i dtús an fichiú céad, ag na prátaí (na tatie hokers), in Inbhir Gharbhain nó ag obair an Fhómhair ar fheirmeacha sna Lodainn. Mar cheol na fidile tháinig mórán d’amhráin Burns anall thar Shruth na Maoile . . .”

Hide Ad
Hide Ad

Nuair dh’fhàs Pádraig suas, bhiodh e fhéin a’ tighinn a dh’obair a dh’Alba coltach ri càch. Agus sin cnag na cùise. An Alba air na chuir esan eòlas cha b’e idir a’ Ghaidhealtachd ach dùthaich air a bheil a’ mhórchuid de Ghaidhil na h-Alba aineolach, roinnean dùthchail na Galldachd – Siorrachd Àir, Loudaidh, na Crìochan, Gallabha (neo mar chanas e fhéin Gall-Ghàidhealaibh, a tha glé cheart).

Chuala Pádraig an t-uabhas mu Raibeart Burns anns na làithean sin, ’s bhiodh e cluinntinn nan òran ’s nan dàn aige. As déidh dha a dhol ’na sgrìobhadair làn-aimsireil thòisich e a’ tilleadh; bhiodh e tadhal air àiteachan ceangailte ri Burns, a’ gabhail pinnt no drama far na ghabh Burns pinnt no drama, a’ cabadaich ri daoine.

Mar sin, tha luach ann am File Náisiúnta na hAlban mar aon de na leabhraichean sin far a bheil an t-ùghdar a’ siubhal na dùthcha ann an lorgan coise an fhir mhóir, agus tha e loma-làn fìor bheul-aithris. Tha e air a chur air dòigh a réir beatha Burns, le caibidealan air òige, air na daoin’ aige, air diofar àiteachan san robh e fuireach, air Leabhar Chille Mheàrnaig, air ‘Turas na gCrìochan agus na nGarbhchrìochan’, air Highland Mary, air Jean Armour, air na boireannaich eile, air a làithean mar “dhuine de lucht Custaim agus Mál”, air a bhàs, air a dhìleab.

Far a bheil rann no dhà de bhàrdachd Burns air a toirt seachad, chan eil seo mar as trice ann am faclan a’ bhàird idir ach anns an eadar-theangachadh Ghàidhlig a rinn an t-Urr. Ruairidh MacDhòmhnaill nach maireann. Ann an sùilean Éireannach, tha e iomchaidh bàrdachd Burns a thoirt dhuinn ann an Gàidhlig seach Beurla mas ann an Gaeilge tha an leabhar. ’S tha an rud a’ dol nas fhaide.Anns a’ chaibidil ‘An Nasc le hÉirinn, Dún Dealgan’ tha earrainnean mu ‘An Ghaeilge Dhúchasach i nGall-Ghàidhealaibh agus Carraig’, mu ‘Burns i nGaeilge na hAlban’, mu ‘Eilean Leòdhais’ (air pàipear a thug fear Aidan O’Hara do dh’Urras Leabhraichean nan Eilean ann an Steòrnabhagh), mu ‘Colmcille’, mu ‘Sabhail Mór Ostaig’, mu ‘Bòrd na Gàidhlig’ agus mu ‘Eagrais Ghaelacha’ (“Ó thaobh an raidió, tá Sruth na Maoile air Raidió na Gaeltachta ag Màiri Anna Nic Ualraig agus Seán Ó hÉanaigh le scoth de cheol na hÉireann agus na hAlban . . .”).

Hide Ad
Hide Ad

A-rithist, tha an t-ùghdar am beachd “go mbeadh Burns eolach ar na filí móra Gaelacha a bhí beo in Albain lena linn féin”. Mar sin, tha earrainnean sa chaibidil ‘Filí Gaelacha na hAlban’ air mac Mhaighstir Alastair, Rob Donn, Donnchadh Bàn agus Uilleam Ros. Ach tha e a’ cumail a’ dol ’s a’ cur Màiri Mhór, Somhairle, Deòrsa mac Iain Deòrsa, Iain C Mac a’ Ghobhainn, Ruaraidh MacThómais, Fearghas MacFhionnlaigh agus Eddi Reader an aithne dhuinn.

Eddi Reader? A réir choltais thuirt i ris a’ BhBC ann an 2013 nach robh e ceart leigeil le Ìmpireachd Bhreatainn cur ás dhan dualchas againn ’s gum bu chòir Gàidhlig a bhith air a teagasg anns a h-uile sgoil an Alba. Tha Ó Baoighill a’ cur ris: “Nach Burns a bheadh sásta leis an dearcadh sin?”

Deagh cheist. An robh Burns làidir air taobh na Gàidhlig? Chan eil fhios againn. Ach tha File Náisiúnta na hAlban a’ fighe dealbh tarraingeach de bhàrdachd Burns ann an Gàidhlig, de Bhurns mar bhàrd nàiseanta, ’s de Ghàidhlig mar chànan nàiseanta. Se “Gaeilge” th’ aige air Gàidhlig, “Albais” air Scots, “na Garbhchrìochan” air a’ Ghaidhealtachd. Chan eil guth aige air Albais mar chànan. Tha ainmean-àite air an toirt seachad ann an Gàidhlig na h-Alba, leithid “Maghlinn” air Mauchline agus “Cille Chonaill” air Kirkconnel (taing dhan Àigh tha iuchair aig deireadh an leabhair) ach tha ainmean daoine ann am Beurla, leithid “Archibald Campbell”. Dearbh aghaidh na dhèanadh ùghdar Gàidhlig a bhuineadh do dh’Alba.

Tha File Náisiúnta na hAlban ’na sgàthan ma-thà ’s is toil leam an spiorad aige. Is toil leam na cuimhneachain a th’ ann de na h-Éireannaich an Alba. “Cealsaidh, an áit a bhfuil an chearnóg mhór agus áit ar chaith mórán Éireannaigh as an Ghaeltacht deireadh seachtainí drabhlásacha.” Is toil leam grinneas cainnte an ùghdair. “Fuar fadalach a bheadh Creech an lá a b’fhearr é.” Is toil leam am blàths follaiseach a th’ aige do na h-àiteachan ’s na daoine a thachras ris. “Tá mórán eolais fá na Cúnantóirí le fáil san Ionad Oidhreachta i lár an bhaile agus an lá a bhí mé istigh casadh domh cailín chomh deas, chomh bríomhar agus chomh eolach agus a casadh orm le linn na trí gcuairteanna a thug mé ar Inbhir Àir. Gan amhras bheadh sí inbhuailte ar aon bhean dar bhuail le Burns anseo ag an am.”

Hide Ad
Hide Ad

Agus is toil leam an smuaint gun do dh’fhàg e beul-aithris luachmhor againn mu bhàrd mór na Galldachd ann an cànain Thìr Chonaill.

“I dtábhairne i gCille Chonaill oíche a bhí mé ansin fá Cháisc 2011 bhí comhrá fada agam le seanduine beag eolgaiseach a bhí ar bogmheisce ach a raibh a intinn chomh géar le scian. Bhí sé ag tagairt do mhná a mbíodh Burns i ngleic leo agus é sa cheantar. Bhí baintreach thuas a’ cnoc anseo a bhíodh ag ceol fá na tábhairní agus bhíodh Burns á pumpáil an t-am air fad, a dúirt an seanduine.

“Ansin rinne sé racht gáire agus chaith siar braon leanna.”

Dare to be Honest
Follow us
©National World Publishing Ltd. All rights reserved.Cookie SettingsTerms and ConditionsPrivacy notice