Bàs Màiri Beith, a thill ar leighisean thugainn

BHA Màiri Beith, a dh’eug ’na dachaigh ann am Mealanais (Cataibh) Di-Dòmhnaich, aois 73, ’na bean-naidheachd thàlantach á Sasainn a thàinig a dh’fhuireach dhan Ghaidhealtachd ’s a rinn ainm mór dhi fhéin mar sgrìobhadair air leighisean tradiseanta na Gàidhlig – gu sònraichte tron cholbh aice “Deanamh a’ Leighis” ann am Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, agus tron leabhar aice, Healing Threads.

Cha robh duine ’nar linn a b’ eòlaiche na Màiri sa chuspair. Nuair a dh’fhaighneachd dotair eileanach dhomh o chionn goirid an robh cruinneachadh làmh-sgrìobhainnean ann far am faigheadh e fios air seann leighisean Gaidhealach, thuirt mi: “Dìreach faighneachd do Mhàiri Beith. Tha i ’na làmh-sgrìobhainn a bhruidhneas.”

B’e sin an rud. Gheibheadh i a cuid eòlais on dà chuid daoine agus leabhraichean. Bhiodh i a’ siubhal na Gaidhealtachd ’s nan Eilean air bàt’ aisig ’s air bus, ag éisteachd ’s a’ bruidhinn. Teiprecòrdairean? Fàg iad sin aig Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha càirdean aice sa h-uile h-àite, an Alba ’s air feadh an t-saoghail, ’s bidh iad – bidh sinn – uile ga h-ionndrainn.

Hide Ad
Hide Ad

Phòs Màiri Roger Scott ann an 1961 ach chaidh am pòsadh a sgaradh anns na 70an. Tha i a’ fàgail triùir chloinne agus ochdnar oghaichean. Chaidh a tiodhlacadh ann an Inbhir Nis an-dé.

Raghnall MacilleDhuibh