Bail' Ùr Ostaig – bail' ùr nan Gall?

CHAIDH coinneamh co-chomhairleachaidh a chumail ann an Slèibhte an t-seachdain sa gus am biodh bruidhinn mun bhaile ùr a tha Urras Fearann Clann Dòmhnaill ag iarraidh cruthachadh ann an Cill Beag, timcheall air Sabhal Mòr Ostaig.

Tha an t-Urras air iomadach fios-naidheachd a sgaoileadh a bheir a chreidsinn air neach gum bi am baile r gu maith na Gidhlig, 's e stidhichte air "meudachadh na colaiste, air a bheil cruaidh fheum". Ach aig a' choinnimh, thinig e am follais nach eil coimhearsnachd Ghidhlig idir fa-near dhaibh.

Chaidh fosgladh le Tormod MacGillosa, a' riochdachadh Urras Clann Dmhnaill. Chaidh bruidhinn air sustainability agus village greens agus "a synergistic relationship with SMO", ach cha robh guth air a' Ghidhlig.

Hide Ad
Hide Ad

An uair sin, an co-chomhairleachadh neo-fhoirmeil. "An e baile Gidhlig no baile Beurla tha fa-near dhuibh?" fhuair mi cothrom air faighneachd sa Bheurla dhen ailtire a tha os cionn na sgioba-stiiridh, fear Steve Martin Glaschu. Bha coltas air aodann gur h-e seo a' chiad uair a-riamh a smaoinich e mun Ghidhlig. Thuirt e nach e "Gaelic enclave" a bhiodh ann, cha robh sin a-riamh fa-near dhaibh.

"Ach ma thig 75 taighean a-steach agus gun fhacal Gidhlig aig a' chuid as motha dhiubh sin, nach fhg sin a' chnan fi's nas fhaide air an iomall san sgre agus sa cholaiste na tha i an-drst'?" Bha an t-ailtire cir a' faighinn tire ga mo thuigsinn, mar nach deach innse dha a-riamh cho bochd 's a tha cor na Gidhlig. "Marginalised? How?"

Bha e soilleir 'na inntinn nach robh leasachadh na Gidhlig 'na amas. "Gaelic was never part of our remit from Norman."

Bha spiorad na coinnimh air fad a' cur an aghaidh na Gidhlig. An aon thrup a chaidh ceist na Gidhlig a thogail gu poblach, chualas guthan daingeann Beurla air an togail, a' cur an aghaidh na beachd gum biodh ite tarainte ann dhan chnan.

Ma leughas neach sanasachd an Urrais a-rithist, ach an turas sa le sil gheur eadar na sreathan, tuigear nach robh iad a-riamh ag amas air coimhearsnachd a bha idir Gidhlig.

Nise, dh'fhaodadh gum biodh an iomairt seo gu mran feum a thaobh taigheadais agus ghoireasan ra air a bheil cruaidh fheum ann an Slibhte. Ach nach biodh e na b' onaraiche nan tuirt an t-Urras rinn gu soilleir: "Bidh am baile r seo gu tur Gallta, gun ite air a chur air leth son na Gidhlig ged bhios e timcheall SMO"?