'˜An Linne' - Cuimhneachan 100 Bliadhna Jon Schueler

Bithear a' comharrachadh obair an neach-ealain iomraitich, Jon Schueler, am-bliadhna air feadh Alba, Bhreatainn agus nan Stàitean Aonaichte le sreath thaisbeanaidhean. Am measg nan tachartasan sin, bidh co-labhairt is taisbeanadh eadar-nàiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig.
Agathe de Bailliencourt, Neach-ealain Sgoilearachd Jon Schueler 2016Agathe de Bailliencourt, Neach-ealain Sgoilearachd Jon Schueler 2016
Agathe de Bailliencourt, Neach-ealain Sgoilearachd Jon Schueler 2016

Bidh ‘An Linne: Ath-Ghairm, Ath-Thilgeil, Ath-Dhealbhadh’ a’ gabhail àite eadar 27 agus 29 Cèitean 2016 an cois cladach na Linne Slèitich a thug buaidh mhòr air obair Schueler fad iomadh bliadhna.

Ghluais Schueler gu baile iasgaich Mhalaig ann an 1957 far an robh buaidh na h-aimsire is na mara a’ stiùireadh a chuid ealain. Fiù ’s nuair a thill e a New York, bha an ùine a chuir e seachad air costa an iar na h-Alba fhathast a’ tighinn troimhe na chuid obrach.

Hide Ad
Hide Ad

Thèid sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air obair is buaidh Schueler cho math ri bhith a’ toirt sùil air a bheatha gu mì-fhoirmeil le òraidichean a b’ aithne dha is a bha ag obair cuide ris ann an Alba agus tro thaisbeanaidhean acadaimigeach. Bidh taisbeanadh aonair ann aig a’ cho-labhairt anns am bi obair ealain a rinn e ann am Malaig, an dà chuid obair ola is obair pàipeir, cuide ri taisbeanadh de thriùir luchd-ealain a rinn greisean obrach tro Sgoilearachd Jon Schueler aig Sabhal Mòr Ostaig eadar 2013 agus 2015 − Takeshi Shikama, Helmut Lemke agus Oliver Mezger.

Thuirt Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh, Maoineachaidh agus nan Ealain aig an t-Sabhal: “Tha Sabhal Mòr Ostaig fìor thoilichte a bhith a’ stèidheachadh agus a’ toirt taic don tachartas chudromach eadar-nàiseanta seo sna h-ealain lèirsinneach. Bha Jon Schueler, cliùiteach am measg nam peantairean eas-cruthach ann an New York agus na neach-ealain aig an robh eòlas agus meas air an Linne Shlèitich, a thug air an obair ealain a b’ ainmeile aige, a rèir cuid, a chruthachadh. Tha luchd-ealain Sgoilearachd Jon Schueler air a bhith stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig fad trì bliadhna le taic fhialaidh Urras Jon Schueler agus tha e glè fhreagarrach gur ann an seo a tha an taisbeanadh is co-labhairt chudromach seo a’ tachairt agus sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon a rugadh e.”

A bharrachd air an tachartas shònraichte seo, bidh a’ cheathramh sgoilearachd Jon Schueler a’ gabhail àite aig a’ Cholaiste bho 18 Iuchar gu 7 Dàmhair. ’S i Agathe de Bailliencourt, a bhuineas do Pharis, a bhios na neach-ealain ùr fo sgeama Sgoilearachd Schueler, a tha air a bhith ruith aig an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach airson ceithir bliadhna. ’S i Agathe, a tha stèidhichte am Berlin, a’ chiad pheantair a tha air àite fhaighinn air a’ phrògram seo.

Tha cliù air feadh an t-saoghail aig Agathe mar pheantair is bidh i a’ peantadh air canabhas, pàipear, ailtireachd agus nàdar. Bidh i ag atharrachadh bho bhith ag obair san stiùidio gu bhith a’ cruthachadh stuth a-muigh agus tha seo a’ cur ris an obair leasachaidh aice. Airson na Sgoilearachd, tha i am beachd sreath de dhealbhan a pheantadh aig am bi dlùth-cheangal ris a’ chruth-tìre agus a’ mhuir, a bhios ceangailte ri chèile agus ri obair Schueler fhèin.

A’ bruidhinn air an naidheachd gun deach Sgoilearachd Jon Schueler 2016 a bhuileachadh oirre, thuirt Agathe: “Tha mi cho toilichte an sgoilearachd seo fhaighinn; tha e a’ ciallachadh tòrr dhomh. ’S e cothrom mìorbhaileach a th’ ann m’ obair a leasachadh ann an àite air leth sònraichte san Eilean Sgitheanach as t-samhradh. Fhad ’s a bhios mi ann, cruthaichidh mi obair-ealain a tha ceangailte, anns a h-uile dòigh, ris an àite agus a’ chruth-tìre.” Bho 2005, tha dealbhan is obair-ealain Agathe air a bhith air an taisbeanadh air feadh an t-saoghail is bha a’ chiad taisbeanadh aice leatha fhèin ann an New York ann an 2010.

Thuirt Oifigear Leasachaidh Ealain an t-Sabhail, Kath NicLeòid: “Tha prògram na Sgoilearachd air còrr is 1100 iarrtas fhaighinn thar cheithir bliadhna agus tha e na shamhla air mar a tha an t-Eilean Sgitheanach agus a’ Ghàidhealtachd nan àiteachan tarraingeach airson ealain lèirsinneach ùr-nòsach a chruthachadh ann an Alba agus air suidheachadh àraid Sabhal Mòr Ostaig.” Airson tuilleadh fiosrachaidh mun cho-labhairt ‘An Linne’ agus gus àite a ghleidheadh, faodar a dhol gu làrach-lìn an t-Sabhail www.smo.uhi.ac.uk no www.eventbrite.com

lSabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. www. smo.uhi.ac.uk

Related topics: