Am bi croitearan nas fheàrr dheth le neo-eisimeileachd?

Bha na h-urracha mòra ’s na h-uachdarain ann an Alba, fad linntean air ais, a’ toirt na bhòtaichean aca do na Tòraidhean. Bha a’ chuid mhòr dhiubh a’ trèigsinn an cuid talmhainn ann an Alba ’s a’ cosg an t-airgead a bha na bàillidhean mosach a’ togail dhaibh air cleachdainnean gòrach faoin shìos ann an Lunnainn, ’s aig an aon àm a’ dol leis an t-sruth ’s a’ cur an taic ris na Libearalaich ’s ris na Tòraidhean. Bha an sluagh a’ deanamh mar an ceudna agus eagal orra a dhol an aghaidh iadsan a bha os an cionn.

Dh’fhalbh a’ chuid mhòr de na h-uachdarain, ’s an sin, anns na bliadhnachan mu dheireadh, sann don t-seòrsa tagraiche – mar dhuine, agus chan ann a rèir nam poileasaidhean aige – a bha croitearan a’ bhòtadh.Air an adhbhar sin bha Iain Fearchar Rothach agus Calum MacMhaolain, mar eisimpleir, ’nam buill phàrlamaid air an robh meas air son bliadhnachan.

Bha iad a’ dol leis an Rìoghachd Aonaichte.

Bho chionn ghoirid tha croitearan a’ mothachadh gur dòcha gum biodh iad nas fheàrr dheth nam biodh Alba neo-eisimeileach agus cothrom aig na buill phàrlamaid aice a dhol dìreach chun a’ Bhruiseil an àite a dhol, mar gum biodh, air an glùinean sìos gu Lunnainn an toiseach. Tha tuigse aig na buill ’s na h-oifigich an Dùn Èideann nach eil idir aig ministearan an àiteachais shìos aig deas. Chan eil fios aig a’ mhòrchuid dhiubh sin gu dè a tha ann an croit neo gu dè a dh’fhàsas oirre.

Hide Ad
Hide Ad

Tha tuathanachas ann an Sasainn, mar as trice, gu tur eadar-dhealaichte an coimeas ri Alba. Chan eil 85 ás a’ cheud den talamh ann an Alba freagarrach ach air son ionaltradh do chrodh ’s do chaoraich. Ann an Sasainn sann a tha an suidheachadh an taobh eile agus 85 ás a’ cheud glè mhath air son bàrr, mar gràn, buntàta agus glasraich. A bharrachd, chan eil de chuideachadh gach acair bhon Aonadh Eòrpach ann an Alba ach an treas cuid de na tha tuathanaich ann an Sasainn a’ faotainn. Tha sin truagh agus a’ cur Alba aig an aon ìre ri dùthchannan bochda mar Estonia agus Latvia.

Tha e air a bhith ’na chuideachadh nach eil ann, bho thàinig fèin-riaghladh na h-Alba, ach dà mhinistear àiteachais ann an Dùn Èideann, Ross Finnie agus Richard Lochhead. Tha iad le chèile air a bhith glè chomasach ach air an cuingealachadh leis nach eil àite air leth ann dhaibh air comataidhean àiteachais an Aonaidh Eòrpach.

Tormod E DÒmhnallach