Òige Thormoid Nèill Mhóir fon ghloine

Mar as sine a tha mi a' fàs, sann as motha a tha mo smuaintean a' tilleadh, mar a tha nàdarra, gu làithean m' òige ann an Glascho, gu h-àraidh nuair a tha na smuaintean sin air am brosnachadh le leabhar math mar Norman Maclean, Eavesdropping on Myself: An Outsider's Boyhood in Glasgow (Grace Note, £8.50). Oir chan ann on taobh a-muigh a bha mise idir. Thàinig mo sheanair dhan bhaile bho Shiorrachd Chille Chaoibrig timcheall air 1850, a dh'obair mar ghàirnealair do thaigh mór air bruach abhainn Cart.
Bidh e 78 am-bliadhna; có theireadh ann an 1941 gum biodh e 'na rionnag mhór TBh s na sgrìobhadair comasach?Bidh e 78 am-bliadhna; có theireadh ann an 1941 gum biodh e 'na rionnag mhór TBh s na sgrìobhadair comasach?
Bidh e 78 am-bliadhna; có theireadh ann an 1941 gum biodh e 'na rionnag mhór TBh s na sgrìobhadair comasach?

Sann san loidse a rugadh m’ athair, ann an 1896, ach bha siud greis mus do sgaoil am baile mór cho fada ri baile beag Langside. ’S nuair a smaoinicheas mi air, tha abhainn ghàireach Cart a’ snìomh tro chuimhneachain m’ òige, a tha gu math dùthchail: coille nam fliùr gorma faisg air a’ chiad sgoil agam, an abhainn ’na tuil ri balla na dara sgoil agam, an drochaid chrotach thar na ghabh Burns air a rathad a Dhùn Éideann, an seann mhuileann snaoisein ’na cois, corran a’ chaisteil far an tug a’ Bhanrigh Màiri oidhche, an t-achadh buntàta far na thogadh an taigh againne – ’s na ceudan eile! – ann an 1951. Bhiomaid a’ cluiche sna h-àiteachan sin air fad.

Thogadh Tormod ann am baile eile mar gum b'eadh, Meadhan Ghlascho, a bha cuairt trama ceithir mìle bhuainn. Nuair bha mi na bu shine chuir mi eòlas air, ach cha robh eòlas agamsa riamh air den t-seòrsa bh’ aig Tormod. Tha esan seachd bliadhna nas sine na mise co-dhiù. Ri linn a’ Bhlitz chaidh a thoirt a-mach ás a’ bhaile gu a dhaoine ann an Loch Abar ’s an uair sin am Beinne Bhadhla; rugadh mise nuair a bha a’ ho-ro-gheallaidh seachad. Chan fhaca mise dad dheth ach na tuill san talamh, na ration books, na prefabs.

Hide Ad
Hide Ad

Tha trì adhbharan ann a leughadh tu Eavesdropping on Myself. Dh’ainmich mi fear dhiubh: mar a bheir e air an leughadair smaointinn mun àm a chaidh seachad aige no aice fhéin. Dh’fhaodainn bruidhinn air na cuimhneachain agam fhìn air cuid de na daoine a tha Tormod ag aithneachadh, gu h-àraid na pìobairean, air an robh mi eòlach nuair a bha mise ’na oileanach agus esan ’na thidsear. Ach tha na h-adhbharan eile nas cudromaiche. Tha an leabhar ’na chunntas air saoghal a dh’fhalbh agus ’na ìre eile de bheatha ar laochain.

Sgrìobh Tormod “làn” eachdraidh a bheatha roimhe, The Leper’s Bell (2009). Ach mar a tha e ag innse dhuinn an seo, dh’atharraich rud na dhà on uair sin: sguir e a dh’òl, agus “one of the legacies of my recovery from addiction has been a restored belief in the importance of truth”. Chan eil sin ri ràdh gur e an tula-fìrinn a th’ anns gach rud a their no a nì na caractaran iongantach a tha a’ sruthadh tro Eavesdropping – fada bhuaithe, tha mi an amharas! Ach a thaobh na h-ìomhaigh a tha ’na clach-oisne do bheatha Thormoid, uill, tha sinn a’ faighinn thuice.

Se an ìomhaigh sin bàs athar – Niall Mór mac Iain Eoghain Ruaidh, Tiristeach – nuair bha Tormod 13. Chan eil aois mhath ann gu t’ athair a chall ach ’s dòcha nach eil té nas mios’ ann na 13, nuair bhios cunnartan a’ cearcladh mar iolairean os do chionn: deoch, smòcadh, drùisealachd. ’S bha fearg ann an Niall a bhiodh e a' toirt a-mach air aona mhac. Tha an sgeul ann am Beurla ann an Eavesdropping, ach bheir mi seachad an seo e anns a’ Ghàidhlig bho Keino, an dara nobhail aig Tormod (1998).

Tha athair air Tormod a ghlacadh a’ smòcadh. “’S e an rud as neònaiche mu dheidhinn mar a bheir Niall Mòr deillseadh seachad cho stòlda ’s a tha e nuair a bhios e ga dhèanamh. Bheir e an t-òrdan seachad gum feum mi m’ aodach a thoirt dhìom air fad. Tha e an uair sin gam fhiathachadh chun a’ bhùird – is mi gun luideag orm a chòmhdaicheas mo chorp critheanach – a dh’ithe ’s dòcha bobhla lite air neo ugh air a bhruich. Tha mi a’ sluigeadh sìos na ’s urrainn dhomh agus tha Niall Mòr ag innse dhomh gu reusanta ann an cainnt fhuar gu bheil mi air an teaghlach a nàrachadh agus gum feum mi na thachras dhomh fhulang.

“Thèid mo chur an uair sin gu h-èifeachdach, ach le nàdar de – uill, caomhalachd – tarsainn air seann chathair fiodha. Tha e ag innse dhomh gum feum mi tè dhe na casan-adhairt a ghlacadh leis an dala làimh agus tè dhe na casan-deiridh a ghlacadh leis an làimh eile. Tha mias tiona air a cur sìos air an lìono fo mo cheann: los gun glac i an sgeith agam. An uair sin, gun chabhag sam bith, sgiùrsaidh Niall Mòr tòn a mhic le stràic mòr leathair. A’ glaodhaich is a’ dìobhairt, fuilingidh an gille am pianadh tàmailteach seo is a mhàthair ’s a phiuthar bheag ghealtach ga choimhead.

“An uair sin thig coibhneas.”

Tha an leabhar ùr a’ toirt seo nas fhaide, ag innse dhuinn mar a bha Niall air obair a chall air sgàth mèirle a rinn e, agus: “Rereading accounts of my father’s punitive excesses seventy years on I am aware that readers may think that my father’s disproportionate punishment constituted child abuse. Feumaidh mi solas eile a chur air a’ghnothach, I’ll have to cast a different light on the matter.

“I certainly knew from comparing crimes and punishments with other kids that my dad’s discipline was a tad rigid. But I also knew something else, even while he was administering his version of appropriate justice. I knew that with every crack of the belt or the broad palm of his hand on my bare buttocks and lower back Big Neil was beating something out of himself.”

Hide Ad
Hide Ad

Tha siud gar toirt gu bàs Nèill. Nach neònach mar a dh’atharraich an sgeul. Ann an Keino tha nàbaidh ag ràdh: “Your da’s had an accident, down at KG Five.”

“What kind of accident?”

“He’s dead.”

Air son An Tuil (1999) dh’innis Tormod dhomh nach ann le tubaist ach le buille-cridhe air a’ chabhsair a shiubhail athair. Anns an Leper’s Bell thill e gu stòiridh na tubaist: “Yer da’s had an accident down at KG Five, son.” Tha na dearbh fhacail sin san leabhar ùr, cuideachd, ach an ceann dà dhuilleag tha: “It turns out that after my priggish lecture on English usage at noon, my father, accompanied by two teuchter fellow-dockers, suffers a massive heart attack.”

Bha Tormod air innse dh’a athair (mar a bhios clann aois 13 dualtach a dhèanamh) gun do rinn e mearachd gràmair nuair a thuirt e ri mhac: “Why can’t you learn yourself to put a newspaper back the way you found it?”

Mar sin tha ciont am measg na feirge ’s a’ bhròin . . .

Ann an Eavesdropping tha cuspairean leithid sabaid nan dòrn, pìobaireachd, goid, seinn, cànanan, caileagan, sgoil, innse sgeulachdan, gangaichean, fealla-dhà, burraidheachd. Tha mi dol a chrìochnachadh le deagh eisimpleir. Tha ar laochan ag innse mar a dhéileas e ri Mad Malky Cairns. Tha am facal a-mach gu bheil am burraidh seo a' dol a thoirt slaiceadh dha. “Him and whit army?” tha Tormod ag ràdh, a’ dearbhadh gu bheil còrr agus aon seòrsa Beurla san leabhar.

An ceann latha no dhà tha caraid aige, “an gille aig Màiri Fhraochain”, a’ tighinn thuige ’s ag ràdh: “Norrie, did you know that Cairnsie goes tae a specialist clinic up the toon?”

“Whit furr?”

“Manic-depression.”

“Manic-depression?” I feel a stab of something like envy . . .

Leughaibh Eavesdropping on Myself. Còrdaidh e ribh. Cuimhnichidh e dhuibh car son a bha Tormod cho math air teilidh anns na 70an ’s na 80an. Fiùs nuair a bha e air an deoch.

Related topics: