A’ tilleadh gu Achadh an t-Seagail

THA 50 bliadhna ann bho dhùin siostam thramaichean Ghlaschu, tè de na slighean-trama as motha agus (a rèir muinntir a’ bhaile) as fheàrr san t-saoghal.

Bha na caurs aig teis-meadhan an dà cuid fàs agus fèin-aithne Ghlaschu. Bha an lìonra a’ ruith bhon Dail Mhòr san iar don Àrd-Ruigh is Uddingston san ear, agus bho Mhuileann-Gaidh sa cheann a tuath gu Baile Chlarc aig deas. Uile gu lèir bha Glasgow Corporation Tramways còrr is 100 mìle a dh’fhaid le còrr is 1,000 trama aig àirde a threise.

Chaidh an siostam a dhùnadh mu dheireadh mar thoradh air barrachd trafaig air na sràidean, togail sgeamaichean-taigheadais mòra taobh muigh a’ bhaile, dìth obair-chàraidh air an t-siostam fad bhliadhnaichean, agus àrd­ach­adh air prìsean dealain nuair a chaidh na stèiseanan cumhachd aig comhairlean ionadail a ghabhail thairis leis an stàit.

Hide Ad
Hide Ad

Ged a bha planairean-baile agus Corporaid Ghlaschu toil­ichte cùl a chur ris na tramaich­ean ann an ainm adhartais, cha robh muinn­tir a’ bhaile uile air an aon ràmh. Air 4 Sultain 1962, nochd còrr is 100,000 duine a dh’ain­deoin uisge trom gus soraidh slàn a leigeil le na seann shooglies air caismeachd nan
tramaichean mu dheireadh tro shràidean Ghlaschu. Dh’fhàg call nan tramaich­ean beàrn mhòr an dà chuid ann an cridhe a’ bhaile agus anns an t-siostam chòmh­dhail aige, agus ann am beachd mòran, tha a’ bheàrn sin fhathast gun lìonadh.

Tha cothroman ann, ge-tà, tram­aichean à Glaschu fhaicinn an gnìomh ann an dà àite: Taigh-Tasgaidh Nàiseanta nan Tram­aichean ann an Siorrachd Derby agus, nas fhaisg’ air an dachaigh, Taigh-Tasgaidh Summerlee ann an Coatbridge.

Gu 50mh ceann-bliadhna dùn­adh an t-siostaim a chomharr­achadh, tha latha sònraichte gu bhith air a chumail aig Summerlee air 4 Sultain le tursan-trama an-asgaidh air seann tramaich­ean à Glaschu ’s à Siorrachd Lann­raig fad an latha gu 8f. Bidh leasanan dràibhidh trama ann cuid­eachd agus cothroman tadhal air seada nan tramaichean.

Tha saor-thoilich aig Summerlee air iomairt a thòiseachadh gus trama 1245, a tha ann an droch staid an-dràsta, a sgeadachadh, agus tha iad a’ sireadh daoine a chuidicheas le seo.

Bidh deireadh-sheachdain sòn­raichte air a chumail ann an Taigh-Tasgaidh Nàiseanta nan Tramaichean ann an Crich ann an Siorrachd Derby air 15/16 Sul­tain cuideachd a bhios a’ comh­arrachadh slighe-trama Ghlaschu, le còig tramaichean às a’ bhaile gu bhith a’ ruith.

Is e àm brònach a tha seo airson càirdean nan tramaichean an Alba, ach bidh deagh leisgeul ann barrachd thachartasan mar seo a chumail aon uair eile nuair a dh’fhosglas siostam-thramaich­ean ùr Dhùn Èideann mu dheireadh ann an 2014.