A’ Chomraich: ‘prìomh cheann-uidhe nam filidhean’ aon uair eile

Dé tha ann an sgoil bhàrdachd? Tachartas far am faighear fada bharrachd air dàin agus òrain, tha e coltach bho Sgoil Bhàrd­achd na Comraich, a chaidh a chumail eadar 2 agus 6 Iuchar.

Se miann an luchd stiùiridh gum bi cothrom aig a h-uile duine, ge b’e dé ìre de Ghàidhlig a tha aca, cumhachd bàrdachd fhaireachdainn ann an suidh­each­adh nàdarra Gaidhealach.

A réir Deirig MacGill-Fhinn­ein, cath­raiche na buidhne leasachaidh ionadail, Bealach, a chuir am pròiseact air dòigh, tha sin a’ ciallachadh taic le cànan, tuigse air eachdraidh agus air an àrain­n­eachd, agus feadhainn de na bàird as fheàrr a bhith an làthair. “Chuir sinn romhainn rudeigin eadar-dhealaichte fheuchainn.

Hide Ad
Hide Ad

“Chan e gu bheil dad ùr mu
sgoil dhuanaireachd air Ghaidh­ealtachd. Bha a’ Chomraich fhéin ’na prìomh cheann-uidhe aig fil­idhean Alba agus Éirinn. Se ar dùil agus ar dòchas gun lean an coth­rom seo, ceum air cheum.”

Bha an dà chuid luchd ionns­achaidh ’s fileantaich ann còmhla, ’s ma bha abairt a dhìth bha Beathag Mhoireasdan agus Rupachitta Robertson deis­eil le leas­an­an Gàidhlig. Chaidh Coinn­each MacDhòmh­naill a thogail le Gàidhlig bhinn an àite, a chuir e gu deagh fheum ann an aithris taghadh de shàr bhàrd­achd.

Ach cha b’e an clasrum bun-stéidh na sgoile seo. Bha Ruair­idh Macilleathain, aig a bheil buntainneas ris an sgìre, ro dheònach beagan eachdraidh agus eòlas nàdair a thoirt seachad fhad ’s a bha a’ bhuidheann a’ gabhail deagh chuairt air chois air frith-rathaidean na sgìre.

Tha Eilean a’ Cheò ri fhaicinn bhon Chomraich, ’s bha am bàrd Sgith­eanach Aonghas MacNeac­ail ri làimh gus daoine a bhros­­nachadh le faclan coibhneil agus bàrdachd a tha bruidh­inn ris a’ chridhe cho math ris a’ cheann.

Tha e ’na leum mór thar a’ chuain gu Ceap Breatainn far an do rugadh Lodaidh MacFhion­ghain, ach sheall le òrain, craic­earachd agus deagh ghean mar
a tha bàrdachd bunaiteach don dualchas Ghaidhealach.

Chòrd gnothaichean gu mór ris an fheadhainn a ghabh pàirt.Thuirt Eilidh Ros á Sruighlea: “Bha deagh mheasgachadh de bhàrdachd ’s de chuairtean mun cuairt againn. Fhuair sinn fiùs
cothrom air beagan bàrdachd a sgrìobhadh sinn fhìn, rud nach robh mi riamh an dùil gum bith­inn comasach a dhèanamh idir.”

Tha Sgoil Bhàrdachd na Comraich air a bhith ann dà thuras a-nis. Thathas an dòchas gun téid i bho neart gu neart ’s gum faic barrachd dhaoine gun fhiach an turas cas-lùibte thar Bealach nam Bó am beartas bàrdail a gheibh iad air an taobh thall.