An t-Urr. Iain MacRuairidh is an dìleab sgrìobhaidh a dh'fhàg e

Is dòcha nach aithnichear ainm an Urr. Iain MacRuairidh ann an saoghal seanchas, litreachas agus beul-aithris nan Gàidheal. Chaidh leabhar mu dheidhinn fhoillseachadh ann an 2013 fo làimh Chlàr agus fo pheann Chaluim Laing a chruinnich fiosrachadh air gach pìos a sgrìobh ministear Eaglais Shnitheasoirt anns an Eilean Sgitheanach aig deireadh an 19mh linn. Rinn Calum nì cho luachmhor do luchd na Gàidhlig le bhith a' toirt dhuinn sealladh beartach coileanta air beatha agus sgrìobhaidhean a' mhinisteir, agus cha bu bheag no leibideach iad. Cuiridh an leabhar mòr iongnadh oirnn leis na mìltean agus na mìltean de dh'fhaclan a chuir am ministear an clò tro bheatha nach robh cho maireannach; chaochail e ann an 1907 aig aois 63.
An t-Urr. Iain MacRuairidh (1843-1907)An t-Urr. Iain MacRuairidh (1843-1907)
An t-Urr. Iain MacRuairidh (1843-1907)

Bhuineadh Iain MacRuairidh do Bheinn a’ Bhadhla far an do rugadh e ann an 1843, ach bha ceanglaichean bho thùs aig an teaghlach air taobh athar agus a mhàthar ris an Eilean Sgitheanach. Thòisich Iain air obair sgrìobhaidh tràth anns na 1870an an uair a bha e na oileanach ann an Oilthigh Ghlaschu agus chuir e seachad bliadhna no dhà a’ teagasg ann an Leòdhas aig an aon àm. Fhad ’s a bha e ann, thug e taic do chùis nan croitearan agus don strì an aghaidh nan uachdaran tro cholbhan a’ phàipeir-naidheachd radaigeach, The Highlander, a nochd fo stiùir John Murdoch.

Feumaidh sinn san latha an-diugh saothair a’ mhinisteir a chumail fon amharc againn air sàillibh farsaingeachd agus doimhneachd nan sgrìobhaidhnean aige. Sgrìobh e ceithir òraidean deug airson Comunn Gàidhlig Inbhir Nis; na ‘Duilleagan Gàidhlig’ ann an iris Eaglais na h-Alba fad còrr is fichead bliadhna; colbhan cunbhalach anns a’ phàipear-naidheachd, Northern Chronicle; agus chuir e còrr is ceithir cheud de na sgrìobhaidhean aige gu Mac-Talla, am pàipear-naidheachd Gàidhlig an Ceap Breatainn. A bharrachd air an t-saothair seo, dh’eadar-theangaich e The Arabian Nights (Sgeulachdan Arabianach) agus Robinson Crusoe gu Gàidhlig agus tharraing e o na Sgriobtaran ann an leabhar eile, Eachdraidh Beatha Chrìosd.

Hide Ad
Hide Ad

B’ e beachd an t-sàr sgoileir, an t-Urr. Uilleam MacMhathain nach maireann, gur e Iain MacRuairidh an sgrìobhadair Gàidhlig a b’ fheàrr a bh’ ann a-riamh. Tha adhbharan eile ann a bhith a’ gabhail ri obair a’ mhinisteir: bha stoidhle sgrìobhaidh shònraichte aige agus e a’ toirt dhuinn cunntas fìrinneach agus ìomhaigh gu tur na bu mhionaidiche air saoghal co-aimsireil muinntir nan sgeulachdan. A bharrachd air seo, chleachd e faclan agus abairtean a bhiodh annasach san latha an-diugh ach aithnichte do luchd-èisteachd agus luchd-leughaidh an latha ud. Bhiodh luchd-èisteachd an taigh-cèilidh, mar gum b’ eadh, air an tarraing a-steach leis don t-seann saoghal. Seo na bheir e dhuinn mu àirneis an taighe anns an sgeul ‘Tàillear Ghearraidh-Bo-Stig’ bho bheul-aithris Bheinn a’ Bhadhla:

‘Cha robh de dh’earnais ann an tigh Mhìcheil ach dà leabaidh - leaba mhòr agus leab’ ard; sreath chlach mu choinneamh an teine, agus sgrath rèisg air an uachdar gu beinge; tri sunnagan connlaich, loban gu gleidheadh shìl; ciste gu gleidheadh mhine; coidhean gu gleidheadh ime; noigean gu bleoghan bhainne, miosair shuidheachaidh no dha; crannachan is loinid is ròineachan; spal-ladhair gu fighe nam plataichean; corc-ràsair gu marbhadh agus gu gearradh na feòla; da chuaich fhiodha agus da spain adhairc. …. Bha ’n earnais a reir an latha agus na linn anns an robh iad beò. Ach an deigh a h-uile cùis, eadar na bha Micheal a’ dèanamh a dh’aiteach agus na bha an Tàillear a’ cosnadh, maille ri maruinn spreidhe, cha robh dith no deireas orra latha deug ’s a’ bhliadhna.’

Bha meas mòr aig a’ mhinistear air briathran, seanfhacail agus dòigh-beatha nan daoine a dh’fhalbh. Mar a sgrìobh e fhèin, bha na seanfhacail cho loma-làn de bhriathran glice nan Gàidheal. Rinn e coimeas eadar dhà dhiubh: ‘Mar a theireadh iad fhèin, “Ge b’ e a ni an obair ’na h-àm, bidh e rithist ’na leith-thàmh”. Is e their mòran dhaoine an-diugh, “Ùine gu leòr, nì sinn a-màireach e”!’ Gu tric, bhiodh am ministear a’ toirt sùil air an t-saoghal timcheall air agus e a’ toirt dhuinn sgeul mionaideach air. Mar eisimpleir, bheir e dhuinn sgeul air obair an earraich agus mun ràithe den bhliadhna an uair a thòiseachadh obair a-muigh: ‘An uair a thigeadh àm cur a’ buntàta, bhiodh gach tè le a sgùirt bhuntàta an crochadh air a beulaobh a’ cur a’ bhuntàta leis a’ phleidheig.’ Agus leanaidh e air, ‘Cha ruig sinn a leas ioghnadh a bhith oirnn ged a bha daoine aig nach robh ach fìor bheagan fearainn agus stuic ’gan cumail fhèin agus an teaghlaichean suas anns an àm. Is mòr am feum a ni dìchioll.’

Bha taobh sònraichte aig an stoidhle sgrìobhaidh aige an coimeas ri sgrìobhadairean eile anns an linn ud. Bhiodh e an-còmhnaidh ag innse mu chleachdaidhean ann an da-rìribh, le sùil gheur air obair is acfhainn :

‘Bha pìos mòr de mhonadh aig a h-uile baile tuatha. Theirteadh ‘An Cul-cinn’ ris a’ mhonadh seo. Ann am mios meadhanach an t-samhraidh bha crodh a’ bhaile a’ dol a dh’ ionnsaidh a’ chul-cinn. Bha àiridhean air an togail as ùr gach bliadhna. Bhiodh gach tè dhe gach àiridh dhiubh seo eadar a h-uile dithis no triùir dhen tuath, agus bhiodh mar seo dithis no triùir de nigheanan a’ cadal annta gach oidhche fad na h-ùine a bhiodh crodh a’ bhaile air a’ chul-cinn. Bha mu shia troidhean air leud, agus mu dheich troidhean air fad anns gach àiridh. Bha na ballachan aca air an togail dhe na pluic a bha air an gearradh as an riasg a bha faisg air làimh. Bha dà stuaidh agus dà dhoras orra. Bha na dorsan mu choinneamh a chèile, air dhòigh ’s gun dùinteadh an doras air am biodh a’ ghaoth. Cha robh còmhlachan riutha idir. Bha iad air an dùnadh le pluic.’ [Ri leantainn]

(Faic Calum Laing, An t-Urramach Iain MacRuairidh. A Bheatha agus na Sgrìobhaidhean aige. Clàr 2013. ISBN 978-1-900901-75-8)

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 30 FAOILLEACH 1937

An Ladar Làn

Tha biadh na’s pailte air feadh nan Eileanan na bha e ach ainneamh riamh, agus tha e de sheòrsa na’s fèarr agus na’s mìlse. Is e an t-aobhar air a shon so gu’m bheil an t-airgead na’s fhasa fhaighinn ged tha cosnadh gann. Oir is iomadh dòigh air tasdain a chothachadh an tràsda air nach robh aithne aig a’ phobull roimh àm a’ chogaidh.

Hide Ad
Hide Ad

Tha pensionan ann agus airgid bhochd, “doleachan,” tìodhlagan bhanntrach agus meadhonan eile air cobhair a dhèanamh air ainnisich. Cò às a tha ‘n t-ionmhas so a’ tighinn? No ‘dé tha ‘ga stiùradh gu Eileanan na Gàidhealtachd? Tha e tighinn à sporan mór na rìoghachd, agus tha e air a chur do na h-Eileanan a chionn – am measg aobharan eile – gu’m bheil na h-Eileanaich math aig àm cogaidh agus anabarrach ealamh gu dol an greim. Anns an iorghuill m’a dheireadh, bha iad air thoiseach a’ falbh agus mall gu tilleadh – a’ mheud dhiubh is a thill – agus, ri aghaidh nàmhuid, bha àmannan ‘sam b’ fhèarr dithis dhiubh na trùir de iomadh gineal eile. Ri àm sìthe, tha iad a’ dèanamh seirbhis mhath air muir agus air tìr ann a bhi cumail a suas urram an dùthcha agus cliù an athraichean.

Is math an airidh iad air an cuid de gach airgead a bhios a’ dol mu’n cuairt an uair a bhuailear iad le aois no cion cosnaidh. Tha dòchas nach bi fada gus nach bi mòran dhiubh ‘na fheum.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

The Clàrsach

Over the next couple of weeks we will be taking a look at traditional Highland and Scottish musical instruments and their connection with a shared European musical culture. There is no instrument more associated with Scotland than the great Highland bagpipe, but the pìob mhòr can be viewed as a relatively recent development in the history of pipe instruments in Scotland. There is another instrument with an equally ancient pedigree with a claim to be Scotland’s national instrument - the clàrsach or harp.

The word clàrsach is thought to have come into use in the 14th century to distinguish the larger floor-standing harps from the more portable version, the cruit. This word cruit, derived from the Celtic word krutta, is thought to be cognate with cithara an ancient Greek lyre, from which word the modern guitar is ultimately derived. The clàrsach and its player were held in great esteem by kings, chiefs and clans throughout the medieval era, but by the 17th and 18th centuries had begun to be replaced by the bagpipe as the instrument of status in the Highlands.

It is interesting to note that in 2012 the burnt remains of the bridge of a stringed instrument dating to 300 BCE were found during an archaeological dig at Uamh an Àrd-achaidh or High-pasture Cave in South Skye. This is thought to be the earliest stringed instrument found in Western Europe - perhaps an ancient Sgitheanach ancestor of the cruit or clàrsach?

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning