Strùan Latha Fhèill Mìcheil: Sàr-bhonnach nan Gàidheal

Bho chionn trì cheud bliadhna, cha b' ann ri Latha Nollaig a bhiodh a h-uile duine air taobh siar na Gàidhealtachd a' dèanamh fiughair mhòr idir, no gu dearbh ri Oidhche na Bliadhna Ùir a bharrachd. Fada bhuaithe: b' ann aig deireadh an fhoghair a thachradh an hò-rò-gheallaidh a bu mhotha, nuair a bhiodh àm na buana seachad.

This article contains affiliate links. We may earn a small commission on items purchased through this article, but that does not affect our editorial judgement.

Clufts a bhonnaich a sealltainn tri striopan, mar chuimhne air an TrianaidClufts a bhonnaich a sealltainn tri striopan, mar chuimhne air an Trianaid
Clufts a bhonnaich a sealltainn tri striopan, mar chuimhne air an Trianaid

Ghabhadh muinntir an taobh siar beagan fois, thàirrneadh iad anail, agus thòisicheadh iad air a’ phàrtaidh a bu mhotha den bhliadhna: Latha Fhèill Mìcheil, air 29 Sultain. Cuairtean, rèisean, bangaidean, bàlaichean, suirghe, agus sabaid: bha rudeigin ann dhan a h-uile duine. Eadar dà cheann na bliadhna, cha robh a shamhail ann.

B’ e fèill coimhearsnachd a bh’ ann an Latha Fhèill Mìcheil, latha air am biodh gach uile càraid-phòsta sa sgìre a’ marcachd deiseil timcheall a’ chladh ionadail. Bhathas a’ cumail a-mach gun robh a’ chuairt ud a’ brosnachadh torrachas an dà chuid am measg nan làirean agus am measg nam boireannach: dh’fhaodadh gum b’ e seo a b’ adhbhar carson a bheireadh gach boireannach seachad preusant car drabasta dhan duine aice: dòrlach math de churranan fiadhaich a thionail i fhèin air a’ mhachair an latha roimhe.

Hide Ad
Hide Ad

As dèidh na cuairte, b’ e àm rèisean-each agus gheamannan a bh’ ann. Bha e ceadaichte dha duine sam bith each a ghoid air a choimhearsnach an oidhche roimhe, agus tha fhios gun robh na rèisean, air eich bheaga ìosal agus le sriantan murain orra, ag adhbhrachadh tòrr coistrì anns a’ choimhearsnachd. Air an fheasgar bhiodh am bàl ann, agus bhiodh gu leòr de dhùirn air an dùnadh fhathast ro dheireadh na h-oidhche.

Dubhlan dha-riribh ro bhritheamh nam bonnach. Farpais Struain aig partaidh 10 bliadhnaichean de Storas Uibhist.Dubhlan dha-riribh ro bhritheamh nam bonnach. Farpais Struain aig partaidh 10 bliadhnaichean de Storas Uibhist.
Dubhlan dha-riribh ro bhritheamh nam bonnach. Farpais Struain aig partaidh 10 bliadhnaichean de Storas Uibhist.

Agus bha seo am measg nan adhbharan carson a chuirteadh às dhan taobh phoblach de Latha Fhèill Mìcheil mu dheireadh thall. Rèisean-each far am faodadh an tuath culaidh-magaidh a dhèanamh de na h-urracha mòra; oidhcheannan sradagach, na dùthchasaich air an dalladh, agus na gillean grinn an ugannan ri chèile. An rud as miosa buileach, bha seo uile a’ tachairt aig àm nuair a bu chòir dhan t-sluagh a bhith gnìomhach a’ cruinneachadh na ceilpe mu dheireadh far a’ chladaich, no ri obair an iasgaich. Thàinig clèir agus ceannardan còmhla, agus chuir iad casg air cleachdaidhean Latha Fhèill Mìcheil.

Ach bha aon chleachdadh a thàrr às. Air an oidhche ron Fhèill, bhiodh muinntir an taighe ri bruich bhonnach. B’ e siud na strùain, agus anns a’ chiad leabhar den chruinneachadh mhìorbhaileach aige, Carmina Gadelica, tha am beul-aithrisiche Alasdair MacGilleMhìcheil a’ toirt dhuinn cunntas mionaideach mu na deifir sheòrsachan dhiubh: fear mòr dhan teaghlach uile gu lèir, agus feadhainn bheaga dha gach uile ball den teaghlach, eadhan dhan fheadhainn nach robh an làthair aig an àm.

B’ ann de gach seòrsa de mhin-fhlùir a bhiodh am bonnach mòr dèante, agus dheidheadh gach taobh dheth a chòmhdachadh le measgachadh tiugh de dh’uachdar, uighean, agus ìm. Bhite a’ bruich an t-strùain an aghaidh leac an taic an teine, agus b’ e fìor dhroch mhanadh a bhiodh ann nam b’ e ’s gun tuiteadh no gum briseadh e.

Dh’fhaodadh e bhith gum biodh blas an t-seann strùain car tioram dha muinntir an latha an-diugh. ’S beag an t-iongnadh a-rèiste ged an do dh’fhàs am bonnach na bu mhìlse le ruith nam bliadhnachan: an-diugh, ann an coimhearsnachdan Uibhist a Deas far a bheil iad fhathast gam bruich, chan eil fhios nach fhaigh thu crathadh math de dhearcagan, raisins, siùcar, agus, seach gach uile rud eile, deagh sgeadachadh de thrèiceil air an t-strùan agad.

Dubhlan dha-riribh ro bhritheamh nam bonnach. Farpais Struain aig partaidh 10 bliadhnaichean de Storas Uibhist.Dubhlan dha-riribh ro bhritheamh nam bonnach. Farpais Struain aig partaidh 10 bliadhnaichean de Storas Uibhist.
Dubhlan dha-riribh ro bhritheamh nam bonnach. Farpais Struain aig partaidh 10 bliadhnaichean de Storas Uibhist.

Anns an t-seann shaoghal air a’ Ghàidhealtachd cha robhas a’ meas latha mòr fèille gu feum as aonais fèisd, nuair a bhiodh bonnaich mhòra agus bonnaich bheaga gam bruich leis an teaghlach. Às na bonnaich sin uile, chan eil ann ach bonnach Latha Fhèill Mìcheil – an strùan – againn an-diugh: am bonnach a mhair, agus a mhaireas fhathast!

AS DÈIDH A’ GREAT BRITISH BAKE-OFF, AN GREAT GAELIC BAKE-OFF!

Seo cothrom sàr eisimpleir de bhèicearachd nan Gàidheal fheuchainn air do cheann fhèin. Air Oidhche Chiadain, 28 Sultain, bidh daoine le Gàidhlig bho air feadh an t-saoghail a’ dol a bhruich strùan, bonnach blasta Latha Fhèill Mìcheil. Siuthad, lean gu dlùth ri cliù do shinnsear, agus bruich am bonnach!

Hide Ad
Hide Ad

Ma tha thu fhèin airson strùan a dhèanamh, seo reasabaidh dhut bho shàr chòcaire an t-strùain anns an latha an-diugh: Dolly Nic a’ Phì, Dolly Bhop, à Staoinebrig, Uibhist a Deas:

An Sgona sa mheadhan

24 unnsa min-fhlùir (fèin-togail)

1½ spàin-teatha salainn

3 spàin-teatha pùdair-bèicearachd

6 unnsa ime no margarain

½ phinnt bainne le uachdar (barrachd ma bhios e ro thioram)

crathadh math de shìol carabhaidh

Mar bu trice cuiridh Dolly san àmhainn e aig 200 airson 22 mhionaid, ach tha teas na h-àmhainne an crochadh air cò ris a tha an sgona coltach!

Còmhdach air an uachdar (air dà thaobh a’ sgona)

4 uighean mòra

5 spàin-bhùird siùcair

½ chrogan trèicil

cupa beag bainne le uachdar

½ spàin-teatha pùdair-bèicearachd

1 punnd min-fhlùir fèin-togail air a chrathadh

2 spàin-bhùird ola-còcaireachd

Bris na h-uighean ann am bobhla, cuir ris siùcar, agus measgaich leis a’ mheasgadair gus am fàs e copach. Cuir ann an trèicil agus am bainne, measgaich a-rithist airson grunn mhionaidean. Cuir ann am pùdar-bèicearachd agus a’ mhin-fhlùir (dh’fhaodadh gum feum thu rud beag a bharrachd min-fhlùir ma bhios e ro fhliuch).

A-nis, cuir an ola-chòcaireachd ann agus measgaich.

Nuair a bhios an sgona air a bhruich san àmhainn, tionndaidh e dhan taobh eile, agus còmhdaich an taobh shìos an toiseach le mu leth chuid den mheasgachadh trèicil. Fàg e a’ bèicearachd airson mu chairteal na h-uarach, thoir a-mach às an àmhainn e, tionndaidh e dhan taobh eile (thoir an aire!), agus còmhdaich an taobh eile leis a’ chòrr den mheasgachadh trèicil.

Cuir air ais dhan àmhainn e airson 20 mionaid eile. Cuir sìos an teas airson nan còig mionaidean mu dheireadh den dàrna taobh.

#GreatGaelicBakeOff

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

We recently looked at forming simple sentences with bi and a verbal-noun or adjective in the present and past tense. Today we will look at the future tense, which is formed by replacing tha with bidh.

Tha Mairead ag ithe cèic - Mairead is eating (a) cake

Bidh Mairead ag ithe cèic - Mairead will be eating (a) cake

Tha iad trang - They are busy

Bidh iad trang - They will be busy

To form a negative sentence in the future tense, it starts with cha bhi.

Cha bhi sinn ann a-nochd - We won’t be there tonight.

Cha bhi Dòmhnall ag obair fad an latha - Donald won’t be working all day.

To form a question, replace the beginning with am bi:

Hide Ad
Hide Ad

Am bi thu a’ seinn aig a’ chèilidh? - Will you be singing at the ceilidh?

Am bi i toilichte le seo? - Will she be happy with this?

Here are some more verbal-nouns to practise with. In sentences like this the verbal-noun is preceded by a’, or by ag if it starts with a vowel:

a’ snàmh - swimming

a’ dèanamh - doing/making

ag òl - drinking

a’ ruith - running

a’ coiseachd - walking

a’ leughadh - reading

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. Go to www.smo.uhi.ac.uk