Sreath ùr de dh'Eòrpa '“ dè thug air daoine bhòtadh mar a rinn iad?

Tha Brexit a' fàgail Eòrpa ann an suidheachadh caran àraid mar phrògram. Chaidh a ràdh sa chiad sheantans a chaidh a lìbhrigeadh air a' chiad phrògram ann an 1993 gum biodh e a' coimhead air an Roinn Eòrpa is mar a bha i a' bualadh air a' Ghàidhealtachd is air Alba san fharsaingeachd. Aig an àm, bha ball-stàitean an t-seann EEC air peann a chur ri pàipear airson Cùmhnant Mhaastricht. Cha robh an EEC gus a bhith ann tuilleadh; 's e a-niste a bha gus a bhith againn ach an EU '“ an t-Aonadh Eòrpach.
Darren Linc ann an Glaschu ag aithris air an t-slighe gu reifreann an EUDarren Linc ann an Glaschu ag aithris air an t-slighe gu reifreann an EU
Darren Linc ann an Glaschu ag aithris air an t-slighe gu reifreann an EU

’S e dusan stàit a bh’ ann an uair sin agus, mar a bha gu bho chionn ghoirid, ’s ann a’ sìor fhàs a bha e is chan ann a’ crìonadh ann am ballrachd. Bha barrachd is barrachd buaidh ga toirt oirnn le riaghailtean Eòrpach, is bha dùthchannan san ear air comannachas a chur bhuapa is tòrr dhiubh airson ballrachd fhaighinn ann an cluba ùr gleansach an EU. Cùm ort chun an-diugh, ge-tà, is tha tòrr dheth sin air atharrachadh gu ìre. Abair gu bheil dùthchannan a leithid Sherbia is Albàinia ag iarraidh a-steach là air choreigin fhathast, ach tha fear de na h-eaconamaidhean is slòigh as motha sa bhuidhinn a-niste gus a bhith a’ falbh às.

Bhòt sinn, mar Rìoghachd Aonaichte, air a shon – airson Bhrexit. Mar sin, cuimhnich air a’ chiad seantans air a’ chiad phrògram de dh’Eòrpa: ciamar a bha an Roinn Eòrpa a’ toirt buaidh oirnne? ’S i ceist chudromach tha sin fhathast ach tionndaidh i is tha tè’ile agad. Dè seòrsa buaidh a tha sinne air a thoirt air an Roinn Eòrpa? Tha sinn gus a bhith a’ feuchainn ri cnuasachd a dhèanamh air na ceistean sin, am measg eile, thairis air an t-sreath a tha dìreach air ùr-thòiseachadh.

Hide Ad
Hide Ad

’S e aithris shònraichte a’ coimhead air ais air mar a bhòt Breatainn gus an EU fhàgail a bha sa chiad phrògram san t-sreath. Tharraing e ri chèile aithrisean bho An Là, am measg eile, gus coimhead air càit a bheil sinn an-dràsta is ciamar a fhuair sinn an seo.

An t-seachdain seo, tha aithris againn à Gibraltar. Tha e tric air aithris mar a bhòt mòr-chuid ann an Alba airson fuireach san EU seach falbh: 62% an aghaidh 38%; ach ann an Gibraltar bha a’ bhòt airson fuireach fiù ’s na bu daingne na sin. Bhòt 96% den t-sluagh an sin airson fuireach. Tha Alasdair Friseal air a bhith ann, a’ faighneachd dè tha Brexit gus a bhith a’ ciallachadh dhaibhsan.

A’ leantainn le cuspair Bhrexit – leis an dòchas gun lorg cuideigin facal eile air a shon – tha am prògram cuideachd air a bhith a’ coimhead air mar a tha sluagh na h-Alba a’ faireachdainn mun bhòt.

Ged a chuir a’ chuid a bu mhotha san dùthaich seo taic ri fuireach, bhòt millean duine airson falbh, agus tha mi air a bhith a’ coinneachadh ri còignear dhiubh – anns na h-Eileanan an Iar agus ann an Glaschu – gus tomhas fhaighinn air dè thug orra bhòtadh an taobh sin, dè am beachd mun deasbad ’s an ìre de dh’fhiosrachadh a bha ga thoirt do dhaoine, agus dè na miannan aca a-niste. ’S e mo bheachd an aon rud a dhèanamh fhathast le feadhainn a bhòt airson fuireach.

Tha barrachd air Brexit a’ tachairt an seo is thall-thairis, ge-tà. Tha sinne mar sgioba gus a bhith ag aithris fhathast air gnothaichean a leithid suidheachadh an luchd-imrich sa Ghrèig; a’ bhuaidh a thug a’ chrith-thalmhainn as t-samhradh seo chaidh air an Eadailt; agus an sgaradh a tha sa choimhearsnachd Thuircich sa Ghearmailt mun ar-a-mach a theab a bhith san Tuirc.

Tha e tric ga ràdh gu bheil Brexit a’ ciallachadh gu bheil sinn air tionndadh a-steach oirnn fhèin, air ar cùl a chur ri càch. Ge-tà, fiù ’s an dèidh dhuinn an EU fhàgail, bidh an Roinn Eòrpa fhathast ann – faisg oirnn, ceangailte rinn ann an eachdraidh is cultar. Cha bhi sinn mar phàirt den aon chàirdeas, ach ’s e ciamar a tha e a’ dol a dh’atharrachadh, is cuin, a’ cheist as motha a bhios romhainn mar dhùthaich gu poileataigeach.

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 26 Sultain 1936: ‘Am Posta Ur’

Tha cabhag air a h-uile duine agus tha cabhag ùr air litrichean. Chan fhaicear na’s faide seann duine anfhunn no òganach spailpearra a’ gabhail an rathaid le màileid posta air a dhruim, oir tha carbad-ola de sheòrs air chor-eiginn a’ dèanadh a’ ghnothaich so ach beag anns gach ceàrn.

Hide Ad
Hide Ad

Cò tha giùlan na cosdais so tha e duilich a ràdh, oir is goirid an ùine o nach faigheamaid sochair ’sam bith ach le doicheall o Oifig na Postachd a chionn nach robh an t-seirbhis a’ pàigheadh an àiteachan iomallach mar a th’ againne. Dh’fhalbh an latha sin, a réir coltais, agus tha againn ’na àite tìmeannan àghmhor ’sam faighear ’na dh’fheumar gun sireadh no sòradh. B’fheàrr gu’m faigheamaid cidheachan is rathaidean-móra air cho beag dragha, ach theagamh gu’n tig iad sin, mar an ceudna, an uair is lugha ar fiughair riù. Chan e mhàin gu’m bheil postachan ùra againn, ach tha ’n telephon air tighinn do gach clachan aig am bheil a bheag no mhór de shluagh ’na thaice, agus tha bàtaichean adhair air an ais is air an aghaidh do mhóran de na h-Eileanan. Dh’fhalbh latha na h-airc an Dùthaich nam Fineachan agus tha againn an nis sìth agus sonas mar nach robh againn riamh roimhe o linn iomraidh.

Mur eil sinn cho math dheth ri Goill is Sasunnaich is ann a chionn nach eil am fearann againn fhathasd ach an tomhas. Thig an t-àm ’sam faigh sinn e na’s pailte!

Gaelic Guide for Learners: Would be

Today’s learners’ piece is the last piece of the series about simple sentences with verbal nouns or adjectives. We have already learned about the present, past and future tense of the verb to be, which leaves us with the conditional, or how to express what would happen. The verb form we need is bhiodh, spelled bhitheadh when emphasised. Bhiodh Eilidh a’ dol dhan sgoil - Eilidh would be going to school. Bhiodh iad a’ cluich ball-coise - They would be playing football.

The negative form and question form are cha bhiodh and am biodh, respectively. Cha bhiodh Iain a’ dèanamh sin - Iain wouldn’t be doing that. Am biodh tu cho math? - Would you be so kind?

The conditional differs from the other tenses in one way: the first person singular and plural have special forms: Bhithinn a’ seinn - I would be singing. Bhitheamaid a’ sgrìobhadh nobhailean - We would be writing novels. Cha bhithinn tinn - I would not be ill. Cha bhitheamaid ag obair - We would not be working. Am bithinn cho gòrach sin? - Would I be that stupid? Am bitheamaid a’ dèanamh seo? - Would we be doing this? To answer yes, bhitheadh; no, cha bhitheadh.

This tense can also be used to speak about something that happened habitually in the past.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning www. smo.uhi.ac.uk

Related topics: